
Chuir Ruaraidh MacThòmais ùine seachad ann am Feachd Rìoghail an Adhair eadar 1941 agus 1945. An dèidh dha ceumnachadh, bha e a' teagaisg ann an Oilthighean ann an Dùn Èideann, Obar Dheathain agus Glaschu. Ann an 1963 ghabh e obair Àrd-Ollaimh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu far an robh e os cionn na roinne gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1991.
Thar nam bliadhnaichean, tha e air cur gu mòr ri obair foillseachaidh ann an Gaìdhlig. Stèidhich e an ràitheachan Gairm ann an 1952 airson sgrìobhadh Gàidhlig a bhrosnachadh agus b' e am fear-deasachaidh a bh' air gu 2002. Stèidhich e cuideachd Comhairle nan Leabhraichean ann an 1968.
Tha 8 cruinneachaidhean den bhàrdachd aige fhèin air a bhith air am foillseachadh thuige seo, nam measg An Dealbh Briste (1951), Creachadh na Clàrsaich (1982) agus Sùil air Fàire (2007), agus tha na sgrìobhaidhean aige air nochdadh ann an iomadh iris. Tha e air grunn leabhraichean eile a sgrìobhadh cuideachd, nam measg dhà a tha gu sònraichte cudromach ann a bhith a' cur fìosrachadh mu chultar agus bàrdachd na Gàidhlig mu choinneamh a' mhòr-shluaigh, An Introduction to Gaelic Poetry (1974) agus Companion to Gaelic Scotland (1983).
Am measg nan duaisean a tha e air fhaighinn, b' e a' chiad dhuine a choisinn Duais Ossian ann an 1974, chaidh Duais Oliver Brown a thoirt dha ann an 1984 airson bàrdachd agus obair mar shàr sgoilear na Gàidhlig agus chaidh Ceum Urramach DLitt a thoirt dha bho Oilthigh Ghlaschu san Ògmhios 2007.
Phòs e Carol Nic a' Bhreatannaich ann an 1952, bana-sheinneadair a choisinn Bonn Òir A' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Dhùn Èideann ann an 1951, agus bha sianar chloinne aca. Tha iad an-diugh a' fuireach ann an Glaschu.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Carson a tha eilean àraich cho cudromach dhan bhàrd?
Tha Leòdhas air leth cudromach anns an inntinn agam 's anns an sgrìobhadh agam oir 's ann an sin a chaidh mo thogail agus 's ann an sin a fhuair mi eòlas air cainnt is eachdraidh, air òrain 's air bàrdachd.
Air adhart gu
Cuspairean
© MMIX
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.