18mh linn / Rob Donn MacAoidh

Bàrdachd -
Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 72

Dàn 4


Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 74


Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 96

[an error occurred while processing this directive]


Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 107

[an error occurred while processing this directive]

Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 117

Teacsa

Tha am bàrd ag innse mu na ministearan a bh' aca

Bha toiseach-tòiseachaidh nan dùsgaidhean soisgeulach no spioradail a thàinig gu buil a-rithist anns an 19mh, meadhan an 19mh linn le cuir air chois na h-eaglais shaor, bha sin a' tòiseachdainnn ann an àitichean àraidh mar Siorrachd Pheairt agus Cataibh, far a' robh Rob Donn, ri linn Rob Duinn.

Agus bha daoine tòiseachdainnn a' coimhead air dol a-mach na ministearan a bh' aca, mar eisimpleir, 's a' toirt am beachd orra, agus gu h-àraidh bha iad a' faireachdainn gu robh cuid aca glè thric 's e mic uaislean no mic fear-tac no leithid sin a bh' annta, agus bha iad a' coimhead air a' mhinistrealachd dìreach mar dòigh air stìpein, air tuarasdal fhaighinn, no air talamh a bhith aca 's a' leithid sin, 's cha robh cus ùidh ac' ann an gnothaichean spioradail. Ministearan maide, mar a chanadh daoine a-rithist, agus bha daoine tòiseachdainnn a' beachdachadh air a' sin 's tha mi cinnteach gum biodh Rob Donn is na còmhraidhean a bhiodh eadar e-fhèin agus feadhainn dhe na ministearan soisgeulach a bh' ann, mar an t-Urramach Murchadh Dòmhnallach, gum biodh iad a' beachdachadh air a' sin, air daoine a bha timcheall orra. Agus 's ann mu dheidhinn sin a tha an t-òran, an dàn a tha seo Òran na Clèire.

Tha e bruidhinn air, gun dèanadh na ministearan a bh' aca tòrr - dhèanadh iad factaran math, dhèanadh iad stiùbhardan math, dhèanadh iad siud 's dhèanadh iad seo 's dhèanadh iad iasgairean 's a h-uile càil eile, tuathanaich, ach, "mach o 'n chèard air 'n do mhionnaich iad, tha na h-uile nì ceart ac'," tha e ràdh. Agus sin an aon rud a tha dhìth orra. 'S tha e bruidhinn a-rithist air nach eil air a' toirt seachad eisimpleir mhath. Bha esan ag iarraidh gum biodh iad coibhneil 's fialaidh ri daoine 's mar sin, 's cha robh, agus bha e ràdh "mur eil eisimpleir agaibh, chan eil ur teagasg ri chunntadh, Ach mar neach a' toirt comhairl', is coma gabhail na diùltadh." 'S tha e crìochnachadh an rann sin ag ràdh, "Cò a dh' itheadh gu sunndach, am biadh a dhiùltadh an còcair'? 'S tha e leantainn air a' sin nach robh an teagaisg aca nach robh iad air, nach robh an teagaisg aca coileanta gu robh iad uaireannan a' searmonachadh gur e gràs a bha cunntadh 's uaireannan eile gur e obraichean a bha cunntais, 's uaireannan eadar an dà rud, agus bha e bruidhinn orra gu math tàireil "o nach eun e 's nach luchag, ni e trusdair do dh' ialtag," siud caran eadar an dà rud. Mar sin bha e beachdachadh air an dol a-mach a bh' aca, bha e beachdachadh air an teagaisg a bh' aca, agus bha e toirt breith air na rudan sin.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Rob Donn MacAoidh

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.