18mh linn / Rob Donn MacAoidh

Bàrdachd - Òran na Clèire

Dàn 3

Bha dùsgadh spioradail an Cataibh ri linn a' bhàird, a bha a' ciallachadh gun robh daoine a' tòiseachadh a' togail cheistean mu dhol-a-mach eaglaisean agus mhinistearan, rud a thàinig gu ceann san ath linn le sgaradh na h-Eaglais Stèidhte agus cur air chois na h-Eaglais Saoire.


Bhuineadh a' chuid mhòr de na ministearan aig an àm seo do chlas nan uachdaran agus bha cuid aca aig nach robh ùidh san dreuchd ach airson an airgid agus an talamh a bha dol leatha. "Tha fear teagaisg a' sìneadh airson glìob agus stìpein," tha am bàrd ag ràdh agus tha e ag innse mun liuthad obrach eile a bhios iad a' dèanamh, a' crìochnachadh gu tàireil: "Mach on cheàird air 'n do mhionnaich iad tha na h-uile nì gast' ac'".


Tha Rob Donn a' dèanamh feum mhath de shamhlaidhean an seo, rud nach eil cumanta na bhàrdachd. Tha cuid a mhinistearan air an coltachadh ri còcaire nach ith a bhiadh fhèin no ri sligean falamh ach tha an ìomhaigh as ealanta air a cleachdadh mu theagasg nam ministearan. Mun fhear dhiubh a chanas aon latha gur e gràs a tha cudromach agus an ath latha nach e ach obraichean, tha am bàrd ag ràdh gu bheil e a' sgèith àrd agus a' spàgail ìosal, a' co-dhùnadh: "O nach eun e 's nach luchag, nì e trustar de dh'ialtag".


Tha e a' cur tionndadh sa sgithinn aig an deireadh leis a' cho-dhùnadh ghuineach: "Mur 'eil uam ach an gionach gheibh mi 'm mionach na Cléir' e".


Òran na Clèire

  • Falbh nan cuideachd 's nan còmhradh,
  • Is gheibh thu mòran dan phac ud
  • Dhèanadh ceannaich' no seòldair,
  • Dhèanadh dròbhair no factoir,
  • Dhèanadh tuathanach sunndach,
  • Dhèanadh stiùbhard neo-chaithteach,
  • 'S mach on chèard air 'n do mhionnaich iad,
  • Tha na h-uile nì gast' ac'.
  • Chan ann leamsa as iongnadh
  • Ged robh lìonmhorachd mhòr ann,
  • 'S e na bhacadh nan cuideachd
  • Gu bhith 'g aidmheil na còrach;
  • Ged nach eil e mar leisgeul
  • Dhuinn droch eisimpleir òlaich,
  • Cò a dh'itheadh gu sunndach
  • Am biadh a dhiùltadh an còcair?
  • Ach ma ghabhas sinn beachd orr'
  • Do rèir an cleachdaidhean sanntach,
  • 'S ann tha tomalt luchd-teagaisg
  • A thachair againn san àm seo
  • Mar tha sligean na caislinn
  • Bhithear a' cosnadh san t-samhradh:
  • Gheibh thu fichead dhiubh falamh
  • Mun aon sam bi neamhnaid.
  • Gheibhear fear dhiubh, Là Sàbaid,
  • Their gur Slànaighear Crìosd dhuinn,
  • 'S their e seachdain on là sin
  • Nach eil stàth ach an gnìomhraibh;
  • Bheir e iteagan àrda
  • 'S nì e màgaran ìosal,
  • 'S o nach eun e 's nach luchag,
  • Nì e trustar de dh'ialtag.

Òran na Clèire

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Tha am bàrd ag innse mu na ministearan a bh' aca

Bha toiseach-tòiseachaidh nan dùsgaidhean soisgeulach no spioradail a thàinig gu buil a-rithist anns an 19mh, meadhan an 19mh linn le cuir air chois na h-eaglais shaor, bha sin a' tòiseachdainnn ann an àitichean àraidh mar Siorrachd Pheairt agus Cataibh, far a' robh Rob Donn, ri linn Rob Duinn.

Agus bha daoine tòiseachdainnn a' coimhead air dol a-mach na ministearan a bh' aca, mar eisimpleir, 's a' toirt am beachd orra, agus gu h-àraidh bha iad a' faireachdainn gu robh cuid aca glè thric 's e mic uaislean no mic fear-tac no leithid sin a bh' annta, agus bha iad a' coimhead air a' mhinistrealachd dìreach mar dòigh air stìpein, air tuarasdal fhaighinn, no air talamh a bhith aca 's a' leithid sin, 's cha robh cus ùidh ac' ann an gnothaichean spioradail. Ministearan maide, mar a chanadh daoine a-rithist, agus bha daoine tòiseachdainnn a' beachdachadh air a' sin 's tha mi cinnteach gum biodh Rob Donn is na còmhraidhean a bhiodh eadar e-fhèin agus feadhainn dhe na ministearan soisgeulach a bh' ann, mar an t-Urramach Murchadh Dòmhnallach, gum biodh iad a' beachdachadh air a' sin, air daoine a bha timcheall orra. Agus 's ann mu dheidhinn sin a tha an t-òran, an dàn a tha seo Òran na Clèire.

Tha e bruidhinn air, gun dèanadh na ministearan a bh' aca tòrr - dhèanadh iad factaran math, dhèanadh iad stiùbhardan math, dhèanadh iad siud 's dhèanadh iad seo 's dhèanadh iad iasgairean 's a h-uile càil eile, tuathanaich, ach, "mach o 'n chèard air 'n do mhionnaich iad, tha na h-uile nì ceart ac'," tha e ràdh. Agus sin an aon rud a tha dhìth orra. 'S tha e bruidhinn a-rithist air nach eil air a' toirt seachad eisimpleir mhath. Bha esan ag iarraidh gum biodh iad coibhneil 's fialaidh ri daoine 's mar sin, 's cha robh, agus bha e ràdh "mur eil eisimpleir agaibh, chan eil ur teagasg ri chunntadh, Ach mar neach a' toirt comhairl', is coma gabhail na diùltadh." 'S tha e crìochnachadh an rann sin ag ràdh, "Cò a dh' itheadh gu sunndach, am biadh a dhiùltadh an còcair'? 'S tha e leantainn air a' sin nach robh an teagaisg aca nach robh iad air, nach robh an teagaisg aca coileanta gu robh iad uaireannan a' searmonachadh gur e gràs a bha cunntadh 's uaireannan eile gur e obraichean a bha cunntais, 's uaireannan eadar an dà rud, agus bha e bruidhinn orra gu math tàireil "o nach eun e 's nach luchag, ni e trusdair do dh' ialtag," siud caran eadar an dà rud. Mar sin bha e beachdachadh air an dol a-mach a bh' aca, bha e beachdachadh air an teagaisg a bh' aca, agus bha e toirt breith air na rudan sin.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Rob Donn MacAoidh

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.