18mh linn / Rob Donn MacAoidh

Bàrdachd - Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn

'S e an dàn seo eisimpleir de na marbhrainn ainmeil aig Rob Donn anns am bi e, sa chumantas, a' toirt breith air beatha an neach a chaochail, an àite a bhith ga mholadh no ga chàineadh, agus a' tarraing leasain às an sin dhan mhòr-shluagh.


Tha e a' cur an t-suidheachaidh an cèill gu sgiobalta sa chiad rann, rud air a bheil e math: chaochail dà bhràthair spìocach (agus am bean-taighe) an taobh a-staigh de sheachdain. Bha seo goirid às deidh dhaibh duine bochd a thionndadh on doras gun sgillinn.


Tha rannan 2 agus 3 ag innse mun dàimh mhì-chumanta dhlùth a bha eatarra. Tha an ceathramh rann ainmeil mar dhìteadh air an dithis mar dhaoine nach do rinn diofar sam bith dhan t-saoghal mun cuairt orra nam beatha, math no dona: cliog air Daoine airson seo. Tha Cànan a' comharrachadh sgil Roib Dhuinn le cainnt gheur agus ìomhaighean agus tha Leasan a' dèiligeadh ri an cèill, 's nan co-dhùnaidhean a tha e a' tarraing às an t-suidheachadh seo.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn

  • Nan laighe 'n seo gu h-ìosal
  • Far na thiodhlaic sinn an triùir
  • Bha fallain, làidir, inntinneach
  • Nuair dh'inntrig a' Bhliadhn' Ùr;
  • Cha deachaidh seachad fathast
  • Ach deich latha dhith o thùs;
  • Ciod fhios nach tig an teachdair' s' oirnn
  • Nas braise na ar dùil?
  • Am bliadhna thìm bha dithis diubh
  • Air tighinn on aon bhroinn,
  • Bha iad nan dà chomarad
  • O choinnich iad nan cloinn;
  • Cha d' bhris an t-aog an comann ud,
  • Ged bu chomasach dha 'n roinn,
  • Ach gheàrr e snàthainn na beatha s' ac'
  • Gun dàil ach latha 's oidhch'.
  • Aon duine 's bean on tàinig iad,
  • Na bràithrean seo a chuaidh;
  • Bha an aon bheatha thìmeil ac'
  • 'S bha 'n aodach dan aon chluaimh;
  • Mun aon uair a bhàsaich iad,
  • 'S bha 'n nàdar dan aon bhuaidh;
  • Chaidh 'n aon siubhal dhaoine leo
  • 'S chaidh 'n sìneadh san aon uaigh.
  • Daoine nach d' rinn briseadh iad
  • 'S e fiosrachail do chàch,
  • 'S cha mhò a rinn iad aon dad
  • Ris an can an saoghal gràs,
  • Ach ghineadh iad, is rugadh iad,
  • Is thogadh iad, is dh'fhàs;
  • Chaidh stràc dan t-saoghal thairis orr',
  • 'S mu dheireadh fhuair iad bàs.
  • Nach eil an guth seo labhrach
  • Ris gach aon neach againn beò,
  • Gu h-àraidh ris na seann daoinibh
  • Nach d' ionnsaich an staid phòst',
  • Nach gabh na tha na dhleastanas
  • A dheasachadh an lòn,
  • Ach caomhnadh nì gu falair dhaibh
  • 'S a' falach an cuid òir?
  • Cha chaith iad fèin na rinn iad,
  • Agus oighreachan cha dèan,
  • Ach ulaidhnean air shliabh ac'
  • Bhios a' biathadh chon is eun.
  • Tha iad fon aon dìteadh
  • Fo nach robh 's nach bi mi fhèin,
  • Gur duirche, taisgte 'n t-òr ac'
  • Na nuair bha e 'n tòs sa mhèinn.
  • Freastal glic an Àrd Rìgh:
  • Dh'fhàg e pàirt de bhuidheann gann,
  • Gu feuchainn iochd is oileanachd
  • Dan dream dan tug e meall.
  • Carson nach tugtadh pòrsan
  • Dhen cuid stòrais aig gach àm
  • Do bhochdannaibh a dheònaicheadh
  • An còrr a chur na cheann?
  • An dèidh na rinn mi rùsgadh dhuibh –
  • Tha dùil agam gun lochd –
  • 'S a liuthad focal fìrinneach
  • A dhìrich mi nur n-uchd,
  • Tha eagal orm nach èist sibh
  • Gu bhith feumail don a' bhochd
  • Nas mò na rinn na fleasgaich ud
  • A sheachdain gus a-nochd.

Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Teàrlach Quinnell ag aithris Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn

Teàrlach Quinnell ag aithris an dàn, Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Rob Donn MacAoidh

Air adhart gu

Beachdan

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.