18mh linn / Rob Donn MacAoidh

Bàrdachd - Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn

'S e an dàn seo eisimpleir de na marbhrainn ainmeil aig Rob Donn anns am bi e, sa chumantas, a' toirt breith air beatha an neach a chaochail, an àite a bhith ga mholadh no ga chàineadh, agus a' tarraing leasain às an sin dhan mhòr-shluagh.


Tha e a' cur an t-suidheachaidh an cèill gu sgiobalta sa chiad rann, rud air a bheil e math: chaochail dà bhràthair spìocach (agus am bean-taighe) an taobh a-staigh de sheachdain. Bha seo goirid às deidh dhaibh duine bochd a thionndadh on doras gun sgillinn.


Tha rannan 2 agus 3 ag innse mun dàimh mhì-chumanta dhlùth a bha eatarra. Tha an ceathramh rann ainmeil mar dhìteadh air an dithis mar dhaoine nach do rinn diofar sam bith dhan t-saoghal mun cuairt orra nam beatha, math no dona: cliog air Daoine airson seo. Tha Cànan a' comharrachadh sgil Roib Dhuinn le cainnt gheur agus ìomhaighean agus tha Leasan a' dèiligeadh ri an cèill, 's nan co-dhùnaidhean a tha e a' tarraing às an t-suidheachadh seo.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn

  • Nan laighe 'n seo gu h-ìosal
  • Far na thiodhlaic sinn an triùir
  • Bha fallain, làidir, inntinneach
  • Nuair dh'inntrig a' Bhliadhn' Ùr;
  • Cha deachaidh seachad fathast
  • Ach deich latha dhith o thùs;
  • Ciod fhios nach tig an teachdair' s' oirnn
  • Nas braise na ar dùil?
  • Am bliadhna thìm bha dithis diubh
  • Air tighinn on aon bhroinn,
  • Bha iad nan dà chomarad
  • O choinnich iad nan cloinn;
  • Cha d' bhris an t-aog an comann ud,
  • Ged bu chomasach dha 'n roinn,
  • Ach gheàrr e snàthainn na beatha s' ac'
  • Gun dàil ach latha 's oidhch'.
  • Aon duine 's bean on tàinig iad,
  • Na bràithrean seo a chuaidh;
  • Bha an aon bheatha thìmeil ac'
  • 'S bha 'n aodach dan aon chluaimh;
  • Mun aon uair a bhàsaich iad,
  • 'S bha 'n nàdar dan aon bhuaidh;
  • Chaidh 'n aon siubhal dhaoine leo
  • 'S chaidh 'n sìneadh san aon uaigh.
  • Daoine nach d' rinn briseadh iad
  • 'S e fiosrachail do chàch,
  • 'S cha mhò a rinn iad aon dad
  • Ris an can an saoghal gràs,
  • Ach ghineadh iad, is rugadh iad,
  • Is thogadh iad, is dh'fhàs;
  • Chaidh stràc dan t-saoghal thairis orr',
  • 'S mu dheireadh fhuair iad bàs.
  • Nach eil an guth seo labhrach
  • Ris gach aon neach againn beò,
  • Gu h-àraidh ris na seann daoinibh
  • Nach d' ionnsaich an staid phòst',
  • Nach gabh na tha na dhleastanas
  • A dheasachadh an lòn,
  • Ach caomhnadh nì gu falair dhaibh
  • 'S a' falach an cuid òir?
  • Cha chaith iad fèin na rinn iad,
  • Agus oighreachan cha dèan,
  • Ach ulaidhnean air shliabh ac'
  • Bhios a' biathadh chon is eun.
  • Tha iad fon aon dìteadh
  • Fo nach robh 's nach bi mi fhèin,
  • Gur duirche, taisgte 'n t-òr ac'
  • Na nuair bha e 'n tòs sa mhèinn.
  • Freastal glic an Àrd Rìgh:
  • Dh'fhàg e pàirt de bhuidheann gann,
  • Gu feuchainn iochd is oileanachd
  • Dan dream dan tug e meall.
  • Carson nach tugtadh pòrsan
  • Dhen cuid stòrais aig gach àm
  • Do bhochdannaibh a dheònaicheadh
  • An còrr a chur na cheann?
  • An dèidh na rinn mi rùsgadh dhuibh –
  • Tha dùil agam gun lochd –
  • 'S a liuthad focal fìrinneach
  • A dhìrich mi nur n-uchd,
  • Tha eagal orm nach èist sibh
  • Gu bhith feumail don a' bhochd
  • Nas mò na rinn na fleasgaich ud
  • A sheachdain gus a-nochd.

Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Beachd air cò mu dheidhinn a bha a' bhàrdachd

Tha Marbhrann do Spìocairean Ruspuinn mu dheidhinn dà bhràthair a bha seo, 's e dà fhleasgach a bh' annt', cha robh iad air a bhith pòsta 's bha iad a' fuireach còmhla. Bha cuideigin aca coimhead as an dèidh, coimhead as dèidh an taighe dhaibh, ach 's e sin e.

Bha iad glè mhath dheth, ach bha iad gu math spìocach, agus cha robh iad a' toirt ceartas dhaibh pèin gu luaidh air a bhith a' toirt fialaidheachd, no bhith coibhneil no còir ri daoine eile. Agus bha naidheachd ann gu robh, seachdain mus do bhàsaich iad, gun tàinig cuideigin timcheall chun an dorais aca a dh'iarraidh airgead orra, cuideigin a bha feumach air airgead, a dh'iarraidh airgead 's gun deach a thionndadh air falbh gun sgillinn. Agus seachdain as dèidh sin tha e coltach gun do chaochail an dithis aca, agus an tè a bha a' coimhead as an dèidh, caran mun aon àm, taobh a-staigh de sheachdain, tràth anns a' Bhliadhn' Ùir.

Tha Rob Donn a' dèanamh a' mharbhrann, chan ann dha na daoine seo, no ga moladh, no fiù 's gan dì-moladh, ach a' toirt a bheachd air a' seòrsa beatha a bh' aca far nach robh, cha do chuir iad riamh a' stamp air am beatha fhèin, mar gum biodh, cha do rinn iad beatha dhaibh pèin, tha mar gum biodh an aon bheatha ac' eadar an dithis aca. Tha e bruidhinn air:

"Aon duine 's bean on tàinig iad, Na bràithrean seo a chuaidh; Bha an aon bheatha thìmeil ac' 'S bha 'n aodach dan aon chluaimh; Mun aon uair a bhàsaich iad, 'S bha 'n nàdar dan aon bhuaidh; Chaidh 'n aon siubhal dhaoine leo 'S chaidh 'n sìneadh san aon uaigh."

Bha 'n aon bheatha ac' eadar iad, mar gum biodh leth beatha aig gach duine. Agus an uair sin tha e dol air adhart ga ràdh nach do rinn iad math nam beatha, cha do rinn iad cron nam beatha, cha do rinn iad càil idir, dìreach bha iad beò agus cha robh buaidh sam bith ac' air a' rud a bha dol timcheall orra. Tha rann sin gu math ainmeil:

"Daoine nach d' rinn briseadh iad 'S e fiosrachail do chàch, 'S cha mhò a rinn iad aon dad Ris an can an saoghal gràs, Ach ghineadh iad"

- thachair rudan dhaibh,

"ghineadh iad, is rugadh iad, Is thogadh iad, is dh'fhàs; Chaidh stràc dan t-saoghal thairis orr', 'S mu dheireadh fhuair iad bàs."

So, 's ann mar sin a tha, 'S tha e 'n uair sin a' dol air adhart gu togail teagaisg moralta, mach às a' sin, gum bu choir do dhaoine aig a bheil airgead an airgead sin a chosg airson daoine eile a chuideachadh agus no a chosg orra fhèin fiù 's. Tha e faireachdainn nach do rinn iad seo càil dhan a' sin. Tha e a ràdh gu robh iad a "caomhnadh nì gu falair," bho bha iad a' caomhnadh airgead, no a' caomhnadh airson an an tìodhlacadh aca fhèin agus gu robh an t-òr, bha e ràdh, nas duirche acasan na bha e air a bhith anns a' mhèinn bho thùs, agus tha e 'n uair sin, tha e dèanamh soilleir an teagaisg aige as a' bhàrdachd sin, an teagaisg fharsaing aige, a' sealladh farsaing moralta aige air an t-suidheachadh le daoine gun do rinn an Cruthaighear cuid a dhaoine beartach airson gun teagaisgeadh e dhaibh a bhith fialaidh is còir ri daoine eile, agus gum bu chòir dhaibh sin a bhith aca san amharc. Agus bidh cuimhn' aig daoine 's dòcha air 's e seo an teagasg a bh' aig Mairead Thatcher bliadhnaichean air ais nuair a rinn i searmon ainmeil aig àrd-sheanadh na h-eaglais stèidhichte ann a' Dùn Èideann, the sermon on the mound, mar a chanas iad. Bha i ràdh nach b' urrainn a' Samaritan ach math a bhith air duine, an duine a chuideachadh, mur a b' e gu robh airgead aige. 'S e sin an teagaisg a bh' aig Rob Donn cuideachd, ach bha e 200 bliadhna ro Mhairead.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Rob Donn MacAoidh

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.