18mh linn / Rob Donn MacAoidh

Am Bàrd

Rugadh Rob Donn ann an Allt na Caillich an Dùthaich MhicAoidh ann an 1714. Bha athair, Dòmhnall Donn, na thuathanach. Tha teagamh ann mun t-sloinneadh aige - an e MacAoidh, Calder no fiù 's Donn fhèin a bh' ann; ach chan eil mòran feum air an argamaid, oir, a thaobh coimhearsnachd agus ùmhlachd, 's e Clann MhicAoidh a bh' anns a h-uile duine anns an sgìre seo.


Cha robh foghlam foirmeil aige idir, agus cha robh e mòran a bharrachd air sia bliadhna a dh'aois nuair a fhuair e obair bhon fhear-taca, Iain mac Eachainn. B' esan a dh'ionnsaich do Rob Donn mu chrodh 's mu dhròbhaireachd.


B' ann an Dùthaich MhicAoidh a chuir e seachad a' chuid bu mhotha de bheatha, a' buachailleachd, a' dròbhaireachd, 's a' sealg an fhèidh air oighreachd MhicAoidh.


Nuair a bha e glè òg thuit e ann an gaol le Anna Mhoireasdan, tè dhan do sgrìobh e dà òran gaoil, ach cha b' ise a phòs e idir. Mu 1740 phòs e Seònaid, nighean Thòmais MhicAoidh, agus chaidh iad a dh'fhuireach a' Bhad na h-Achlais. Bha trì duine deug de theaghlach aca.


Ghabh Rob anns na 'Sutherland Highlanders' ann an 1759. Tha e coltach gun do rinn e seo air sgàth 's gum biodh cothrom aige an t-èideadh Gàidhealach agus gunna a chleachdadh, ach cuideachd seach gum biodh oifigearan agus saighdearan a' toirt urram dha mar bhàrd.


An dèidh dha tilleadh dhachaigh ann an 1763 fhuair e obair mar àireach do Mhorair MhicAoidh aig Baile na Cille, ach bha e faireachdainn nach b' fhiach an obair do fhear leis an inbhe a bh' aigesan, agus dh' fhàg e.


Bhàsaich Rob Donn ann an 1778, agus chaidh carragh-chuimhne a thogail dha ann an 1827, anns a' chladh aig eaglais Baile na Cille, faisg air Diùirnis.


Chaidh a' bhàrdachd aig Rob Donn a sgrìobhadh bho bhith ga èisteachd fhèin ga labhairt - tha còrr air dà cheud pìos againn bhuaithe. Ged a rinn e bàrdachd molaidh, nàdair agus gaoil, 's ann airson òrain èibhinn - mu dhaoine agus mu thachartasan – agus gu h-àraidh airson aoirean as ainmeile a tha e.


Latha-breith:

1714

Àite:

Allt na Caillich an Dùthaich MhicAoidh

Teacsa

Cha robh Rob Donn comasach air leughadh no sgrìobhadh

Cha robh Rob Donn comasach air leughadh no sgrìobhadh, 's cha mhotha bhiodh tha mi cinnteach a' mhòr-chuid dha na daoine dha robh e a' dèanamh nan òran 's nan dàn aige. Mar sin, 's ann airson an aithris, no, mar as trice, shaoilinn, airson an seinn a bhiodh e dèanamh nan òrain, sin an cruth a th' orra.

Tha fuinn air a' mhòr-chuid aca, fear no dhà nach eil, mar eisimpleir, cha tàinig mi tarsainn a-riamh, ged a bha mi a' coimhead air a shon, air fonn airson Marbhrann do Iain Mhic Eachainn. Ach tha tòrr dhen bhàrdachd aotrom aige, tha fuinn oirre 's tha 'ad air a' seinn fhathast - Briogais Mhic Ruairidh, Gleanna Gollaidh, Iseabail NicAoidh, 's mar sin air adhart, agus feadhainn eile.

Agus fiù 's feadhainn dhe na marbhrainn aca, ged a tha 'ad caran trom, domhainn, feadhainn aca, tha fuinn orrasan is bitheas gan seinn fhathast. Mar eisimpleir am marbhrann a rinn e do Mhaighistir Mhurchadh Dòmhnallach, agus cuideachd am marbhrann eile a rinn e do dhà mhinistear, Maighistir Murchadh agus fear eile, a tha tòiseachdainnn, "'S e mo bheachd ort a bhàis." Cluinnidh tu sin ga sheinn fhathast, mar eisimpleirean aig mòdan. Tha an fheadhainn sin rud beag trom, ach 's e òrain, fuinn glè bhrèagha a th' ann agus tha 'ad air an seinn.

Ach tha tòrr dhe na h-òrain aig Rob Donn as a bheil tòrr brìgh air a chuir ann am beagan fhaclan agus chan eil fhios 'am dè cho furasta sa bhiodh e sin uileag a' leantainn le bhith dìreach nad shuidhe aig cèilidh can dìreach ag èisteachd ris. Chan eil fhios 'am a bheil e dèante don sin. Tha mi smaoineachadh gu faigh thu tòrr a bharrachd asta le bhith ga leughadh a-mach à leabhar mar a tha sin dualtach a dhèanamh anns an là an-diugh.

Air adhart gu

Cuspairean

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.