18mh linn / Rob Donn MacAoidh

Am Bàrd

Rugadh Rob Donn ann an Allt na Caillich an Dùthaich MhicAoidh ann an 1714. Bha athair, Dòmhnall Donn, na thuathanach. Tha teagamh ann mun t-sloinneadh aige - an e MacAoidh, Calder no fiù 's Donn fhèin a bh' ann; ach chan eil mòran feum air an argamaid, oir, a thaobh coimhearsnachd agus ùmhlachd, 's e Clann MhicAoidh a bh' anns a h-uile duine anns an sgìre seo.


Cha robh foghlam foirmeil aige idir, agus cha robh e mòran a bharrachd air sia bliadhna a dh'aois nuair a fhuair e obair bhon fhear-taca, Iain mac Eachainn. B' esan a dh'ionnsaich do Rob Donn mu chrodh 's mu dhròbhaireachd.


B' ann an Dùthaich MhicAoidh a chuir e seachad a' chuid bu mhotha de bheatha, a' buachailleachd, a' dròbhaireachd, 's a' sealg an fhèidh air oighreachd MhicAoidh.


Nuair a bha e glè òg thuit e ann an gaol le Anna Mhoireasdan, tè dhan do sgrìobh e dà òran gaoil, ach cha b' ise a phòs e idir. Mu 1740 phòs e Seònaid, nighean Thòmais MhicAoidh, agus chaidh iad a dh'fhuireach a' Bhad na h-Achlais. Bha trì duine deug de theaghlach aca.


Ghabh Rob anns na 'Sutherland Highlanders' ann an 1759. Tha e coltach gun do rinn e seo air sgàth 's gum biodh cothrom aige an t-èideadh Gàidhealach agus gunna a chleachdadh, ach cuideachd seach gum biodh oifigearan agus saighdearan a' toirt urram dha mar bhàrd.


An dèidh dha tilleadh dhachaigh ann an 1763 fhuair e obair mar àireach do Mhorair MhicAoidh aig Baile na Cille, ach bha e faireachdainn nach b' fhiach an obair do fhear leis an inbhe a bh' aigesan, agus dh' fhàg e.


Bhàsaich Rob Donn ann an 1778, agus chaidh carragh-chuimhne a thogail dha ann an 1827, anns a' chladh aig eaglais Baile na Cille, faisg air Diùirnis.


Chaidh a' bhàrdachd aig Rob Donn a sgrìobhadh bho bhith ga èisteachd fhèin ga labhairt - tha còrr air dà cheud pìos againn bhuaithe. Ged a rinn e bàrdachd molaidh, nàdair agus gaoil, 's ann airson òrain èibhinn - mu dhaoine agus mu thachartasan – agus gu h-àraidh airson aoirean as ainmeile a tha e.


Latha-breith:

1714

Àite:

Allt na Caillich an Dùthaich MhicAoidh

Teacsa

Bha meas mòr aig daoine san sgìre aige fhèin air

Bha meas mòr aig daoine as an sgìre aige fhèin air Rob Donn agus air a' bhàrdachd aige aig an àm, agus bha daoine ann a rinn cinnteach gun deach a' bhàrdachd aige a sgrìobhadh sìos, agus 's e nighean fear dhe na ministearan soisgeulach shuas a' sin a sgrìobh tòrr dhan a' bhàrdachd aige agus chaidh a sgrìobhadh anns a' mhansa aig a' mhinistear sin.

Bha Murchadh Dòmhnallach air bàsachadh ron an seo, ach 's e ministear a thàinig às a dhèidh-san a bha seo agus sgrìobh a nighean aige a bhàrdachd sìos, a mhòr, mhòr chuid dhi saoilidh mi.

Tha tòrr mòr a bharrachd dha na dàin sna h-òrain aig Rob Donn air an glèidheadh na th' aig bàrd sam bith eile saoilidh mi as a' linn sin, ach tha feadhainn dhiubh, chan eil annta ach rudan glè bheag nach eil mòran seadh annta. Tha mi smaoineachadh gun do sgrìobh i sìos an ìre mhath a h-uile càil a bha.. feumaidh gu robh iad aige uile air a chuimhne, ach bha sin, cha robh sin annasach aig an àm sin, ged nach robh e fhèin comasach air leughadh no sgrìobhadh. Bha cuimhne mhath aig daoine air sgàth sin agus bha.. dh'aithris e na h-òrain sna dàin sin air fad dhith-se, bho feadhainn mhòra throm agus gu math domhainn, gu feadhainn beag aotrom mu dheidhinn rudan gun seadh 's dòcha nach eil fhios againn an-diugh cò na daoine, no dè an suidheachadh a bh' ann, ach chaidh sin a' sgrìobhadh sìos aig an àm.

'S chaidh an uair sin a dhà no trì dha na.. chaidh leabhraichean dhen sin a-mach tron an naoidheamh linn deug, mar eisimpleir, cha chreid mi nach do chuirear a-mach trì no ceithir a thursan bàrdachd aig Rob Donn, ach chan eil mòran air tachairt bhon uair sin agus chan eil gin dha na leabhraichean sin ann an clò an-diugh agus thathas air a bhith feitheamh ri leabhar dhan a' bhàrdachd aig Rob Donn bho chionn iomadh bliadhna a-nis, 's tha bruidhinn air gun robh e dol a thachairt ach chan eil càil air, air nochdadh. So, chan eil càil againn a chaidh ullachadh bho chionn ghoirid, as a linn sin no as a linn a chaidh seachad fiù 's, chan eil, chan eil gin a chruinneachaidhean againn dhan a' bhàrdachd aig Rob Donn ach tha fhios againn gu bheil a' mhòr-chuid dhe na rinn e, gu bheil e againn.

Air adhart gu

Cuspairean

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.