18mh linn / Rob Donn MacAoidh

Am Bàrd

Rugadh Rob Donn ann an Allt na Caillich an Dùthaich MhicAoidh ann an 1714. Bha athair, Dòmhnall Donn, na thuathanach. Tha teagamh ann mun t-sloinneadh aige - an e MacAoidh, Calder no fiù 's Donn fhèin a bh' ann; ach chan eil mòran feum air an argamaid, oir, a thaobh coimhearsnachd agus ùmhlachd, 's e Clann MhicAoidh a bh' anns a h-uile duine anns an sgìre seo.


Cha robh foghlam foirmeil aige idir, agus cha robh e mòran a bharrachd air sia bliadhna a dh'aois nuair a fhuair e obair bhon fhear-taca, Iain mac Eachainn. B' esan a dh'ionnsaich do Rob Donn mu chrodh 's mu dhròbhaireachd.


B' ann an Dùthaich MhicAoidh a chuir e seachad a' chuid bu mhotha de bheatha, a' buachailleachd, a' dròbhaireachd, 's a' sealg an fhèidh air oighreachd MhicAoidh.


Nuair a bha e glè òg thuit e ann an gaol le Anna Mhoireasdan, tè dhan do sgrìobh e dà òran gaoil, ach cha b' ise a phòs e idir. Mu 1740 phòs e Seònaid, nighean Thòmais MhicAoidh, agus chaidh iad a dh'fhuireach a' Bhad na h-Achlais. Bha trì duine deug de theaghlach aca.


Ghabh Rob anns na 'Sutherland Highlanders' ann an 1759. Tha e coltach gun do rinn e seo air sgàth 's gum biodh cothrom aige an t-èideadh Gàidhealach agus gunna a chleachdadh, ach cuideachd seach gum biodh oifigearan agus saighdearan a' toirt urram dha mar bhàrd.


An dèidh dha tilleadh dhachaigh ann an 1763 fhuair e obair mar àireach do Mhorair MhicAoidh aig Baile na Cille, ach bha e faireachdainn nach b' fhiach an obair do fhear leis an inbhe a bh' aigesan, agus dh' fhàg e.


Bhàsaich Rob Donn ann an 1778, agus chaidh carragh-chuimhne a thogail dha ann an 1827, anns a' chladh aig eaglais Baile na Cille, faisg air Diùirnis.


Chaidh a' bhàrdachd aig Rob Donn a sgrìobhadh bho bhith ga èisteachd fhèin ga labhairt - tha còrr air dà cheud pìos againn bhuaithe. Ged a rinn e bàrdachd molaidh, nàdair agus gaoil, 's ann airson òrain èibhinn - mu dhaoine agus mu thachartasan – agus gu h-àraidh airson aoirean as ainmeile a tha e.


Latha-breith:

1714

Àite:

Allt na Caillich an Dùthaich MhicAoidh

Teacsa

Ag innse mu beatha a' bhàird

Rugadh Rob Donn as a' bhliadhna 1714 ann an ceann an iar thuath Chataibh agus thogadh e.. Nuair a bha e mu sheachd no h-ochd a bhliadhnaichean a dh'aois, chaidh a thoirt a-steach a dhachaigh fear-tac beartach a bh' anns an sgìre, Iain Mac Eachainn, bhuineadh e do dh'Uaisleachd, do Mhorair Raey, an teaghlach sin. Agus ghabh e steach, bha e air mothachdainn dhan an tàlant a bh' aig a bhalach òg a bha seo, 's ghabh e steach dhan teaghlach e. Bha e 'g obair ann, ach chaidh a thogail ann, agus bha e ann an sin gus an do phòs e. 'S phòs.. bha e fuireach shuas an sin fhèin às dèidh sin, fad a chòrr dhe bheatha, faodaidh tu ràdh.

A' mhòrchuid dhe bheatha bha e 'g obair mar dhròbhair, no mar fhear-tac.. fhear-stoc, agus bhiodh e a' dol leis a' chrodh sìos gu deas gu, dhan an Eaglais Bhreac, mar eisimpleir, ach cuideachd, tha e coltach sìos a Shasainn agus bhiodh e cuideachd ag obair air, co-cheangailte ri fèidh, can, dh'fhaodadh tu seòrsa de gheamaireachd a ràdh.

Bha e cuideachd ainmeil airson a bhith a' poidseadh ged-tà, agus bha e ann an trioblaid uair no dhà airson sin. Bha e a' mhòrchuid dhe bheatha, mar sin, bha e a' fuireach shuas is dèanamh a' seòrsa' obair sin, agus chaochail e mu dheireadh shuas an sin fhèin as a' bhliadhna 1778.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.