19mh linn / Niall Macleòid

Cuspairean

Rinn Niall MacLeòid an dà chuid òrain èibhinn agus dàin sa bheil e a' toirt a bheachd air cuspairean mòra an latha am measg nan Gàidheal, leithid cor na Gàidhlig. Ach 's ann airson a bhith a' cur an cèill cianalas na bhàrdachd as ainmeile a tha e an-diugh.


Tha a' chuid as motha dhen bhàrdachd seo mun Eilean Sgitheanach agus gu h-àraidh mu dhòigh-beatha na linn a dh'fhalbh san Eilean, a tha e a' dealbhachadh mar àm a bha uile-gu-lèir sona "gun ghò". Rinn e cuideachd dàin eile a tha, a rèir choltais, stèidhte air suidheachaidhean tiamhaidh, romansach air an tarraing às a mhac-meanmna fhèin no far a bheil e a' bruidhinn às leth cuideigin eile, m.e. Màiri Bhaile Chrò.


Tha bàrdachd Nèill MhicLeòid ag èirigh a-mach às a' ghluasad eaconomach a chunnaic coimhearsnachdan ùra Gàidhlig gan cruthachadh ann am bailtean mòra na Galltachd aig deireadh na 19mh linn. Tha e ga ghiùlain fhèin mar nàdar de 'bhàrd baile' airson na Gàidhealtachd ùir seo, a' riochdachadh a cho-eileanaich nan cianalas airson nan sgìrean a dh'fhàg iad agus a' cruthachadh dualchas dibhearsaineach ùr airson nan cruinnichidhean aca, dibhearsain le freumhan an dà chuid ann an taighean-cèilidh na seann Ghàidhealtachd agus ann am Music Hall a' bhaile-mhòir.


Bha fèill mhòr air bàrdachd Nèill MhicLeòid na latha agus tha sin fìor gu ìre fhathast, gu h-àraidh anns an Eilean Sgitheanach. Is e aon adhbhar airson seo gu bheil e a' cur an cèill faireachdainnean a bha, agus a tha, cumanta am measg a' mhòr-shluaigh agus gu bheil faclan nan òran aige sìmplidh, an rannaigheachd siùbhlach agus na fuinn tarraingeach.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Dè na cuspairean a bha nochdadh sa bhàrdachd aige?

Bha bhàrdachd aig Niall a' ruith air iomadach cuspair, eadar gaol - dh'fhaodadh e as a' là as an robh esan beò, dh'fhaodadh bàrd iomradh a thoirt air gaol. As an t-seann aimsir, cha toireadh na seann bhàird iomradh air an leithid de rud! Ach, ann an là Nèill, 's e cuspair a bha gu math cumanta am measg nam bàird, bàird nan òran.

Bha gràdh dùthcha, cianalas, poileataigs gu ìre, ged nach robh neart no an nimh anns na bh' aige ri ràdh, 's a chluinneas sinn as a' bhàrdachd aig leithid Mhàiri Mhòr 's aig Uilleam MacDhunlèibhe, 's iad sin.

'S bha cuideachd dhibhearsain. 'S bha sin, sin a' chuid dhe bhàrdachd a tha mi smaoineachadh a bu mhòr a bha còrdadh ri daoine. Bha togail ann, bha e toirt gàire air daoine, agus tha mi smaoineachadh gun robh sinn cudromach dha. Bha e ag iarraidh sin a dhèanamh, bha e ag iarraidh togail a thoirt air inntinnean dhaoine, agus dìreach a' toirt orra a bhith faireachdainn na b' fheàrr mu dheidhinn an crannchur, dh'fhaoidte.

Air adhart gu

Bàrdachd

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.