19mh linn / Niall MacLeòid

Beachdan

Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Niall MacLeòid, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.

Meek, D. E. (2003)

""Nuair a Chuimhnicheam an Cuilithionn": Àite Samhlachail na Tìre is Cruth na Tìre ann am Bàrdachd Ghàidhlig na Naoidheamh linn Deug" ann an Cruth na Tìre, dd. 18-20

Cruth na Tìre

Gu tric gheibhear an dà chuid an dealbh làidir is an dealbh lag – an dealbh seadhach agus an dealbh tiamhaidh, neo-sheadhadh – taobh ri taobh 's iad a' dol an aghaidh a chèile. Tha an cothlamadh seo a' dùsgadh cianalais is ionndrainn agus tha e anabarrach follaiseach anns an òran aig Niall MacLeòid, "Fàilte don Eilean Sgiathanach". Is dòcha gur h-e seo an t-òran dùthcha as fhèarr a rinn Niall. Tha samhladh air leth làidir aige den Chuilithionn – an t-Àrd-mhaitheas – aig toiseach an dàin. Gheibhear an uair sin dòrlach de na samhlaidhean a bha air am mìneachadh aig Seumas Beattie...air an cur còmhla; ach tha an còrr den dàn (an dèidh s. 25) air a lìonadh le mulad is bròn is caoidh airson nam feartan 's nan làithean a dh'aom. Tha gach nì a tha math air bàsachadh, agus 's e an Cuilithionn a-mhàin a tha a' mairsinn...

Tha e follaiseach bho na dealbhan aig toiseach an dàin gu robh Niall glè mhoiteil às an Eilean Sgiathanach, agus gu robh e comasach air a' mhoit sin a chur an cèill le tomhas de neart. Tha greadhnachas gruamach an Eilein air a dheagh riochdachadh (ss. 1-24), agus tha uaisleachd is cumhachd anns an dealbh. Ach gu mì-fhortanach cha robh Niall fhèin comasach air neart nam beann a chur gu feum dhà fhèin neo da shluaigh anns an linn san robh e beò. Bha a smuaintean uile air a' choimhearsnachd a bh' ann o shean, mar a bha smuaintean Dhonnchaidh Bhàin is Iain MhicLachlainn is Uilleim MhicDhunlèibhe. Tha an "leòghann" (s. 10) a' samhlachadh neart is mòralachd nam beann, ach tha I cuideachd a' riochdachadh cumhachd nan làithean a dh' fhalbh, agus 's e sin as adhbhar gu bheil Niall a' dol fodha a' cheann thall ann am boglaichean na tiamhaidheachd. Tha an sealladh a' sìor theàrnadh leis an leathad, agus 's e dìlseachd a dh'aindeoin a' chaochlaidh do choimhearsnachd mharbh – agus chan e dìlseachd do choimhearsnachd bheò – ceann-crìche an dàin seo (ss. 65-72).

Teacsa

Dè seòrsa òrain a bhiodh e a' sgrìobhadh?

Tha na h-òrain aig Runrig gu math nas sìmplidh ach 's e pop songs a th' annta. 'S e 'pop songs' a bh' anns na h-òrain aig Niall nuair a bha esan a' sgrìobhadh agus tha na h-òrain aigesan gu math nas sìmplidhe na 'pop songs' a bh' ann can dà cheud bliadhna ron sin, leithid Òran do Iain Breac. 'S e 'pop song' a bha sin, le sèist agus 'chorus' a bhiodh daoine a' togail 's a' seinn. Tha 'm briathrachas air fàs tana agus air atharrachadh ach 'pop songs', tha mise a' smaoineachadh gum biodh Niall a-staigh an àiteigin còmhla ri Runrig.

Air adhart gu

Ceanglaichean

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.