19mh linn / Niall Macleòid

Bàrdachd - An Gleann san Robh Mi Òg

Dàn 2

Anns a' chiad phàirt den òran seo tha Niall MacLeòid a' toirt dealbh dhuinn air Gleann Dail san Eilean Sgitheanach na òige mar àite sona, sìtheil: as t-samhradh bhiodh na h-eòin a' seinn agus na dìtheanan fo bhlàth, sa gheamhradh na bodaich ag innse sgeulachdan agus "sòlas dhe gach seòrsa a' cumail òigridh ann am fonn".


Agus aig deireadh gach rainn tha na loidhnichean, "Chan fhaicear sin sam àm seo anns a' ghleann san robh mi òg", mar shèist thùrsach, gar deasalachadh airson an dara leth den dàn.


San dara pàirt den òran tha am bàrd ag innse mar a tha Gleann Dail a-nise: na dachaighean falamh agus na daoine air am fuadach no air bàsachadh agus an saoghal sona air a bheil cuimhne aige air sgapadh mar a' cheò air na beanntan. Chan eil e, cleas Màiri Mhòr no Iain Mac a' Ghobhainn, a' toirt adhbhar airson seo, no a' cur na aghaidh, ach dìreach ga chaoidh: 's e sin gu mòr nàdar Nèill MhicLeòid mar bhàrd.


Tha an cianalas agus an tiamhaidheachd a tha air an cur an cèill an seo air an daingneachadh le ceòl trom tùrsach na rannaigheachd.


An Gleann san Robh Mi Òg

  • Nuair philleas rinn an samhradh,
  • Bidh gach doire 's crann fo chròic,
  • Na h-eòin air bhàrr nam meanglan
  • Dèanamh caithreim bhinn len ceòl;
  • A' chlann bheag a' ruith le fonn
  • Mu gach tom a' buain nan ròs –
  • B' e mo mhiann a bhith san àm sin
  • Anns a' ghleann san robh mi òg.
  • Anns a' ghleann san robh mi òg,
  • Anns a' ghleann san robh mi òg;
  • B' e mo mhiann a bhith san àm sin
  • Anns a' ghleann san robh mi òg.
  • Sa mhadainn 'n àm dhuinn dùsgadh,
  • Bhiodh an driùchd air bhàrr an fheòir,
  • A' chuthag is gug-gùg aic'
  • Ann an doire dlùth nan cnò;
  • Na laoigh òg' a' leum le sunnd
  • 'S a' cur smùid air feadh nan lòn:
  • Ach chan fhaicear sin san àm seo
  • Anns a' ghleann san robh mi òg.
  • 'N àm an cruinneachadh don bhuailidh
  • B' e mo luaidh a bhith nan còir;
  • Bhiodh a duanag aig gach guanaig
  • Agus cuach aice na dòrn;
  • Bhiodh Mac-Talla freagairt shuas,
  • E ri aithris fuaim a beòil;
  • Ach cha chluinnear sin san àm seo
  • Anns a' ghleann san robh mi òg.
  • Bha de shòlas dhe gach seòrs' ann
  • Chumadh òigridh ann am fonn;
  • Cha robh uisge, muir no mòinteach
  • Air an còmhdach bho ar bonn;
  • Ach an-diugh tha maor is lann
  • Air gach alltan agus òb;
  • Chan eil saorsa sruth nam beanntan
  • Anns a' ghleann san robh mi òg.
  • Tha na fàrdaichean nam fàsach
  • Far an d' àraicheadh na seòid,
  • Far 'm bu chridheil fuaim an gàire,
  • Far 'm bu chàirdeil iad mun bhòrd,
  • Far am faigheadh coigreach bàidh
  • Agus ànrach bochd a lòn;
  • Ach chan fhaigh iad sin sam àm seo
  • Anns a' ghleann san robh mi òg.
  • Chaochail madainn ait ar n-òige
  • Mar an ceò air bhàrr nam beann;
  • Tha ar càirdean 's ar luchd-eòlais
  • Air am fògradh bhos is thall;
  • Tha cuid eile dhiubh nach gluais,
  • Tha nan cadal buan fon fhòd,
  • Bha gun uaill, gun fhuath, gun anntlachd
  • Anns a' ghleann san robh mi òg.
  • Mo shoraidh leis gach cuairteig,
  • Leis gach bruachaig agus còs
  • Mun tric an robh mi cluaineis
  • 'N àm bhith buachailleachd nam bò;
  • Nuair a thig mo rèis gu ceann
  • Agus feasgar fann mo lò,
  • B' e mo mhiann a bhith san àm sin
  • Anns a' ghleann san robh mi òg.

An Gleann san Robh Mi Òg

òran aotram


Teacsa

Dè an seòrsa boireannaich a bh' innte?

Tha mi smaoineachadh gu bheil e gu math soilleir as an òran gu dè seòrsa boireannach a bh' innte. Bha i ag iarraidh fear 's aon uair 's gun d'fhuair i e.. 'S dòcha a' seòrsa dealbh a th' ann, Anna NicCuinn, feumaidh gur e 'n nighean aig Coinneach Donn a bh' innte, 's dòcha gu robh i air a milleadh aig a h-athair, 's dòcha, 's bha i a' coimhead airson cuideigin eile a choimheadadh às a dèidh cho math 's a rinn a h-athair, no cho dona 's a rinn a h-athair.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Niall Macleòid

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.