19mh linn / Niall Macleòid

Bàrdachd - Fàilte don Eilean Sgitheanach

Tha an dàn seo eadar-dhealaichte on a' mhòr-chuid de bhàrdachd Nèill MhicLeòid mun Eilean Sgitheanach oir, ged a tha an cianalas àbhaisteach ann, tha sin fo smachd aige an seo.


Tha an dàn goirid, le cruth teann air. Tha tòrr den chunntas air a chur an cèill tro ìomhaighean agus tro cheòl na rannaigheachd agus tha e gar fàgail le dealbh bhrèagha den Eilean agus na tha e a' ciallachadh dhan bhàrd.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Fàilte don Eilean Sgitheanach

  • Chì mi an Cuilitheann
  • Mar leòmhann gun tioma,
  • Le fheusaig den t-sneachd
  • Air a phasgadh mu cheann;
  • 'S a ghruaidhean a' srùthladh
  • Le easannan smùideach
  • Tha tuiteam nan lùban
  • Gu ùrlar nan gleann.
  • Do chreagan gu h-uaibhreach
  • Mar challaid mun cuairt dut,
  • 'S na neòil air an iomairt
  • A' filleadh mum bàrr,
  • 'S am bonn air a sguabadh
  • Le srùthlaichean gruamach
  • Bho bhàrcadh a' chuain
  • A' toirt nuallain air tràigh.
  • Na laoich nach robh meata
  • Ri aodann a' bhatail,
  • Nach aomadh gu taise
  • Ri caismeachd an nàmh;
  • Chan eil raon agus machair
  • Air 'n do sgaoil iad am bratach
  • Nach d' fhàg iad an eachdraidh
  • Gun mhasladh dan àl.
  • Ach tha 'm fàrdaichean sguabte
  • 'S an seòmraichean uaine,
  • Iad fhèin is an gaisge
  • Nan cadal fon fhòd;
  • 'S tha osag nam fuar-bheann
  • Le h-osnaidhean gruamach
  • Gan caoidh mu na cruachan
  • 'S a' luaidh air an glòir.
  • O, càit 'eil gach sòlas
  • Bha agam nam òige,
  • Toirt meal' às na ròsan
  • Mud chòsagan tlàth?
  • Tha companaich m' eòlais
  • Air am fuadach bhon còmhnaidh,
  • Tha mhil air a deòthal
  • 'S na ròsan gun bhlàth.
  • Ach 's caomh leam do ghleanntan,
  • Do shrathan 's do bheanntan,
  • 'S an ceò tha na chadal
  • Air baideal nan àrd;
  • Na ciabhagan torrach,
  • Na srònagan corrach,
  • 'S na sruthan ri coireal
  • Don eilid 's da h-àl.
  • Guma buan a bhios d' eachdraidh,
  • Agus cliù aig do mhacaibh,
  • Gus an crìonar an talamh
  • 'S am paisgear na neòil!
  • Fhad 's bhios siaban na mara
  • A' bualadh air carraig,
  • Bidh mo dhùrachd gun deireas
  • Do dh'Eilean a' Cheò!

Fàilte don Eilean Sgitheanach

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


Teacsa

Dè an seòrsa boireannaich a bh' innte?

Tha mi smaoineachadh gu bheil e gu math soilleir as an òran gu dè seòrsa boireannach a bh' innte. Bha i ag iarraidh fear 's aon uair 's gun d'fhuair i e.. 'S dòcha a' seòrsa dealbh a th' ann, Anna NicCuinn, feumaidh gur e 'n nighean aig Coinneach Donn a bh' innte, 's dòcha gu robh i air a milleadh aig a h-athair, 's dòcha, 's bha i a' coimhead airson cuideigin eile a choimheadadh às a dèidh cho math 's a rinn a h-athair, no cho dona 's a rinn a h-athair.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Niall Macleòid

Air adhart gu

Beachdan

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.