19mh linn / Niall Macleòid

Am Bàrd

B' ann an Gleann Dail air taobh siar an Eilein Sgitheanaich a rugadh Niall MacLeòid ann an 1843, agus chaidh a thogail san aon àite. A rèir aithris, cha d' fhuair Niall cus foghlaim oifigeil, ach dh'ionnsaich e Beurla dha fhèin le bhith ga leughadh agus ga sgrìobhadh.


Bhiodh athair Nèill a' sgrìobhadh bàrdachd cuideachd, agus rachadh e tric còmhla ri mhac gu cèilidhean ionadail, far an cluinneadh Niall òrain is sgeulachdan. 'S coltach gun tug seo buaidh mhòr air a' bhalach agus thòisich e ri bàrdachd 's e fhathast òg.


Nuair a bha Niall timcheall air 20 bliadhna a dh'aois, chaidh e a Dhùn Èideann, far an robh e ag obair mar neach-siubhail aig gnìomhachas-teatha a cho-ogha. Chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha ann an Dùn Èideann, a' siubhal air feadh na dùthcha mar phàirt dhen obair aige.


Chaochail e ann an 1913.


Na bhàrdachd, bha e gu mòr fo bhuaidh 'romansachd' is a' ghluasaid Oiseanaich, a bha cumanta is ainmeil aig an àm. B' e seo an t-àm a chaidh coimhearsnachdan ùra Gàidhlig a chruthachadh ann am bailtean mòra na Galltachd. Canar gun robh Niall a' riochdachadh faireachdainnean nan coimhearsnachdan ùra seo le chuid bàrdachd. Gu tric bhiodh e a' dèanamh bàrdachd mun dachaigh agus mu dhòigh-beatha nan Gàidheal sna làithean a dh'fhalbh, ged a chanadh feadhainn nach ann mar siud a bha an dòigh-beatha a-riamh.


Tha bàrdachd MhicLeòid air buaidh mhòr a thoirt air bàird eile thar nam bliadhnaichean, agus cluinnear na h-òrain as ainmeile aige fhathast gu math tric aig cèilidhean agus air clàran.


Latha-breith:

1843

Àite:

Gleann Dail san Eilean Sgitheanach

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Ag innse mu beatha a' bhàird

Niall Macleòid, Niall Dhòmhnall nan òran. Uill, mar a thuigeas tu bho ainm, 's e bàrd a bha na athair cuideachd, Dòmhnall nan Òran. 'S e bard a bha na bhràthair cuideachd, Iain Dubh, agus bhiodh e nàdarrach gum biodh sin a' ruith as an teaghlach.

Rugadh e ann an Poll Losgann, cho fad 's as aithne dhomh co-dhiù, ann am Poll Losgann ann an Gleann Dàil. Tha sin beagan seachad air baile beag Hamara, agus caran sìos ris a' chladach bho Bhorghadal, sin caran far a bheil e.

Sin far a' robh e 'g èirigh suas gu robh e mu, 's chaidh e dhan an sgoil, sgoil a' bhaile. Agus tha mi cinnteach gur e rud a bu chudromaiche a dh'ionnsaich e san sgoil, gun dh'ionnsaich e sgrìobhadh is leughadh Beurla, rud a dh'fheumadh tu dhèanamh. Ach, dh'ionnsaicheadh e mòran bho athair agus bhon teaghlach mu bhàrdachd is eile.

Tha mi smaoineachadh gu robh e mu bhliadhna thar fhichead nuair a chaidh e sìos a Dhùn Èideann a dh'obair. Bha duine a bha gu math càirdeach dhaibh as an teaghlach, Ruairidh MacLeòid, bha e ann an gnìomhachas an tì, agus ghluais Niall sìos, fhuair e obair còmhla riutha, gu bhith na mharsanta-siubhail. Agus 's e, an-diugh chan eil mòran seasamh aig marsanta-siubhail, chan eil fios 'am fiù a bheil mòran dhiubh ann, ach aig an àm a bha sin 's e dreuchd gu math cudromach a bh' ann a bhith na do mharsanta-siubhail.

'S e duine a bh' ann, dealbh a bhios mi.. tha deagh dhealbh dhe as an leabhar a thàinig a-mach dhan a' bhàrdachd aige, Clàrsach an Doire, ach chan fhaic thu, 's ann an dubh 's an gheal a tha i, agus chan fhaic thu cho gorm 's a tha mi a' tuigsinn a bha na sùilean aige - sùil dhìreach, ghorm.

Duine dreachmhor a bh' ann, agus duine dòigheil, èibhinn, eirmseach, ùidheil, càirdeil. Dìreach, cha b' e duine a bh' ann a bhiodh, bha e gu math, bha e cho eu-choltach ri bràthair Iain 's a b' urrainn dha a bhith, 's e sgealb eile a bh' annsan. Ach Niall, bha e dìreach ag iarraidh a bheatha a bhith dòigheil, rianail, agus dìreach a' dèanamh a' chuid obrach mar bu choir dha.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.