19mh linn / Niall Macleòid

Am Bàrd

B' ann an Gleann Dail air taobh siar an Eilein Sgitheanaich a rugadh Niall MacLeòid ann an 1843, agus chaidh a thogail san aon àite. A rèir aithris, cha d' fhuair Niall cus foghlaim oifigeil, ach dh'ionnsaich e Beurla dha fhèin le bhith ga leughadh agus ga sgrìobhadh.


Bhiodh athair Nèill a' sgrìobhadh bàrdachd cuideachd, agus rachadh e tric còmhla ri mhac gu cèilidhean ionadail, far an cluinneadh Niall òrain is sgeulachdan. 'S coltach gun tug seo buaidh mhòr air a' bhalach agus thòisich e ri bàrdachd 's e fhathast òg.


Nuair a bha Niall timcheall air 20 bliadhna a dh'aois, chaidh e a Dhùn Èideann, far an robh e ag obair mar neach-siubhail aig gnìomhachas-teatha a cho-ogha. Chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha ann an Dùn Èideann, a' siubhal air feadh na dùthcha mar phàirt dhen obair aige.


Chaochail e ann an 1913.


Na bhàrdachd, bha e gu mòr fo bhuaidh 'romansachd' is a' ghluasaid Oiseanaich, a bha cumanta is ainmeil aig an àm. B' e seo an t-àm a chaidh coimhearsnachdan ùra Gàidhlig a chruthachadh ann am bailtean mòra na Galltachd. Canar gun robh Niall a' riochdachadh faireachdainnean nan coimhearsnachdan ùra seo le chuid bàrdachd. Gu tric bhiodh e a' dèanamh bàrdachd mun dachaigh agus mu dhòigh-beatha nan Gàidheal sna làithean a dh'fhalbh, ged a chanadh feadhainn nach ann mar siud a bha an dòigh-beatha a-riamh.


Tha bàrdachd MhicLeòid air buaidh mhòr a thoirt air bàird eile thar nam bliadhnaichean, agus cluinnear na h-òrain as ainmeile aige fhathast gu math tric aig cèilidhean agus air clàran.


Latha-breith:

1843

Àite:

Gleann Dail san Eilean Sgitheanach

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

A rèir aithris, thòisich e a' dèanamh bàrdachd is e glè òg

A rèir aithris, tha mi tuigsinn gun do thòisich e air dèanamh bàrdachd nuair a bha e gu math òg. 'S e rud a bh' ann a dhèanadh cha mhòr a h-uile duine, chuireadh iad rann ri chèile, agus ma bha dad a' tachairt dhèanadh daoine òran mu dheidhinn, rann air choireigin, agus mar sin, bha an cleachdadh ann agus gu cinnteach bha an cleachdadh as an teaghlach acasan. Bha e timcheall air, cha b' urrainn dha a sheachnadh ged a bhiodh e ag iarraidh, agus tha mi a' tuigsinn gun thòisich e gu math òg air cuir òrain an ceann a-chèile.

Air adhart gu

Cuspairean

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.