20mh linn / Murchadh MacPhàrlain

Bàrdachd - Naoi Ceud Deug 's a Ceithir Deug

Dàn 3

Tha an tiotal ag innse gur e bruadar a bha aig a' chaillich ach nam biodh tu ag èisteachd ris an òran air a sheinn cha bhiodh fhios agad air an sin chun an deiridh: tha fhios gur e sin a bha am bàrd a' ciallachadh.


Tha an dibhearsain a' tighinn gu mòr às na dealbhan a tha am bàrd a' cruthachadh nar mac-meanmna: a' chailleach a' sabaid ri saighdearan Gearmailteach na còta-bàn; i fhèin 's am bodach às an dèidh le gràp agus speal; i a' cluinntinn ràimh nan Geamrailteach a' dìosgail; a' chailleach a' dèanamh òraid brosnachaidh dhen t-seòrsa bhiodh Churchill a' dèanamh – 'Cha bhi sinn nar tràillean/A-chaoidh fo smachd!'; i a' gairm na h-ionnsaigh –'Charge!/Biodh a' bhuaidh againn no 'm bàs'; agus mu dheireadh an t-sabaid – slachdan air ceann, gràp am brù cuideigin, glùin air uchd – gus an dùisg am bodach i às a bruadar.


Tha pàirt den dibhearsain ag èirigh às an rannaigheachd agus an t-seòrsa comhardaidh a tha e a' cleachdadh (le fuaimean cruaidh, goirid): "Tha na Gearmailtich sa bhàgh/Ars an t-seann bhean bhochd/'S bidh iad ann an seo gun dàil,/Agus bhuail i a h-uchd ... Agus cuiridh sinne blàr/Ris an nàmh a-nochd'.


A-rithist tha MacPhàrlain ag innse sgeulachd sgileil an seo.


Naoi Ceud Deug 's a Ceithir Deug

  • Nuair bhiodh òganaich cruinn,
  • Dhèanta grìosach bhuntàt':
  • "Siùdaibh, seasaibh," siud chluinnt'
  • "Ach am faic sinn eil àird'
  • A' mhailisidh nis oirnn,
  • 'S gu Fort Dheòrs' thèid ma tha –
  • A mhailisidh an rìgh."
  • "Cha bhi uat mi ach ràith,"
  • Thuirt e 'n sgath bhlàth na cruaich;
  • "Bidh mi còmh' riut, a ghràidh,
  • Mun tig càch às a' Bhruaich;
  • 'S dòch' gu feuch mi mo làmh
  • Ann an gàrraidhean Chluaidh
  • Ma bhios rigears gan dith."
  • Sheòl i, Sìle nan stuagh,
  • 'S mòran sluaigh innt' air bòrd,
  • Cuid gu iasgach na Bruaich
  • 'S tuath gu Sealtainn nan òb;
  • 'S cuid a' falbh, mar mo luaidh,
  • A' chiad uair gu Fort Dheòrs'
  • A mhailisidh an rìgh.
  • Fhuair mi dhealbh an cèis dhùint'
  • 'S chroch sa chùlaist le uaill,
  • Agus litir ag inns,
  • "Tha gach nì dhomh cho nuadh.
  • Moch gar dùsgadh bidh phìob
  • Nuair as fìor throm ar suain
  • Am mailisidh an rìgh.
  • "On tha 'n cosnadh car gann,"
  • Thuirt e rium, "dhomh as fheàrr
  • Ghallaibh dhol nuair bhios m' àm
  • Anns a' champa seo 'n àird,
  • Agus gabhail aig na Goill
  • Na mo chuibhlear am bàt' –
  • Seadh, ma ghabhas iad mi."
  • Naoi Ceud Deug 's Ceithir Deug,
  • Tighinn fo dhias nuair bha 'n t eòrn',
  • Caismeachd airm chualas cian:
  • Geilt is fiamh chuir e oirnn.
  • Teachd tha stoirm, dhubh e ghrian,
  • Mar bheul-oidhch' rinn tràth-nòin
  • 'S e ri fògradh ar sìth.
  • Bhris an stoirm 's an fhuil dhòirt
  • 'S air an Eòrpa rinn tigh'nn;
  • Tuil fhuil dhearg nam fear òg –
  • Seadh, fir òg nan ciabh mìn;
  • Thraogh is thràigh chun an fheòir
  • Fuil an cuislean 's an crìdh',
  • Dh'fhuaraich, reoth 's chaill a clì.
  • Cuig' a riamh ghabh mo ghràdh
  • Tastan eàrlais an rìgh?
  • 'S gann gun bhris fo làn-bhlàth
  • 'S bha sa bhlàr na thosd sìnt':
  • Air a' bhuaidh 's daor a phàigh
  • Le fuil bhlàth dhearg a chrìdh' –
  • 'S daor thu, bhuaidh, daor do phrìs.
  • Thuit blàth-bhraon air an raon
  • 'S nigh aog-aodann nan òg;
  • Shèid a' chaomh-osag chaoin
  • Orr' is thiormaich is phòg,
  • 'S i ri osnaich os cionn
  • Oigfhir ghrinn an fhuilt òir –
  • O mhailisidh mo chrìdh'!
  • Colla, Fionnlagh is Dòmh'll,
  • Ruairidh òg is Iain Bàn,
  • Aonghas, Ùisdean 's Niall Mòr –
  • Chòrr cha shloinn mi am dhàn:
  • 'N dè nam balachain san dròbh,
  • 'N diugh gun deò anns an àr –
  • O mhailisidh mo chrìdh'!
  • Tha chruach mhònach na luath',
  • Theich am fuachd, thill am blàths;
  • Thill luchd-cutaidh na Bruaich;
  • 'S fhada, buan leam tha 'n ràith
  • Gheall mo ghràdh bhiodh e bhuam
  • Aig a' chruaich 'n oidhch' a dh'fhàg –
  • O mhailisidh mo chrìdh'!
  • Chaidh na geòidh tarsainn tuath,
  • Thug na geòidh mach an àil,
  • Thill gu deas mar as dual,
  • Àrd len àil air an sàil;
  • Ach cha phill e, mo luaidh,
  • Ach nam bhruadar a mhàin –
  • O mhailisidh mo chrìdh'!

Naoi Ceud Deug 's a Ceithir Deug

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd fhèin ag innse carson a sgrìobh e 1914

Nuair a bha mise òg, a' dol dhan sgoil, 's cuimhne leamsa na balaich mu dheireadh a chaidh dhan mhailisi anns a' bhaile againn. Agus bhiodh iad ann an siud bho chionn trì fichead bliadhna. Bhiodh iad gan nòis fhèin anns na taighean cèilidh ach cha robh àrd a' mhailisi orra 's cho luath is a bha iad a-mach às an sgoil is a bha àrd a' mhailisi orra cha robh ach a-mach à seo. Agus thachair a' chreach ann an 1914. Thòisich an cogadh mòr is chaidh na balaich a bha ann an sin, feadhainn nach robh càil ach a-mach às an sgoil a dhuine, agus a bha an dèidh iad fhèin a cheangal anns a' mhailisi... Nise, gus an sgeul a dhèanamh goirid, dh'fhalbhadh le na balaich òga sin dhan Fhraing 's cha mhòr a tha beò an-diugh de bhalaich a' mhailisi.

Bha mise a' dol dhan sgoil aon mhadainn agus nuair a ràinig mi sìos am baile a b'fhaisge orm, 's e sin Aiginish, bha mo charaid Tormod is uchd air a gheat agus mhothaich mi gu robh e ri gal. Dè, ars' mise, a Thormoid a tha ceàrr? Oh, ars' esan, tha an trìtheamh naidheachd bàis de bhalaich a' mhailisi air a thighinn an-diugh, eadar an-diugh is an-dè. Thàinig, ars esan, naidheachd bàis A' Ghrinidh an-diugh.

Agus am fear seo air an robh far-ainm A' Ghrinidh, bha mise ann an July ron sin, as t-samhradh bhiodh sin a' dèanamh rud air am biodh marcachd a' bhreacain uaisle againn. Bhiodh an fheadhainn òga air guailnean an fheadhainn mhòra is a' feuchainn cò leagadh a chèile. B' ann air guaileann A' Ghrinidh a bha mise agus tha e a-nise air tuiteam na bhalach òg anns an Fhraing agus bha an spiorad ga mo bhioradh a-riamh nach do rinn mi nì timcheall air an seo, air balaich a' mhailisi. Ach mu dheireadh thall, chaidh agam air sin a dhèanamh agus seo mar a rinn mi e. 'S e O Mhalisidh Mo Chridhe an t-ainm a th' air a' bhàrdachd a tha seo agus thagh mi caillin agus gille mar dhà chuspair agus 's i a' chaillin a tha ri bruidhinn anns a' bhàrdachd.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Murchadh MacPhàrlain

Air adhart gu

Beachdan

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.