20mh linn / Murchadh MacPhàrlain

Bàrdachd - Raoir Reubadh an Iolaire

Dàn 2

Tha mòran eòlach air sgeulachd na h-Iolaire agus tha Murchadh MacPhàrlain a' toirt na sgeulachd beò dhuinn às ùr le bhith a' dèanamh dealbh air aon bhoireannach òg a tha a' feitheamh ri leannan a tha air an Iolaire: an toiseach le dòchas agus toileachas – 'I fuineadh an arain/Le cridhe làn sòlais'; agus an uair sin le iomagain nuair nach eil e a' nochdadh – 'Ri 'g èirigh tha 'n latha/'S ri tuiteam tha dòchas/Air an t-slabhraidh tha 'n coire/Ri pìobaireachd bhrònach'; gus mu dheireadh a bheil i a' lorg a chorp air a' chladach: ''N sin chrom agus phòg i/A bhilean fuar' (faic mar a tha e dèanamh feum den ruitheam san loidhne mu dheireadh).


Tha MacPhàrlain tric, mar a tha e an seo, a' cruthachadh charactaran airson suidheachadh, beachd no faireachdainn a chur far comhair. Tha e sgileil air an seo agus air an sgeulachd aca innse.


Tha e cuideachd a' cleachdadh fuaimean, ruitheam agus ìomhaighean gus tiamhaidheachd an tachartais a chur an cèill. Mar eisimpleir: 'Cluinn cruaidh-fhead na gaoithe/a' caoidh, a' caoidh' - mar cumha air a' phìob; 'O Na Hearadh tha tuireadh/gu ruig Nis nam fear bàna'. Agus an loidhne chumhachdach a tha e a' cleachdadh aig an deireadh agus cuideachd mar thiotal an òrain:'Raoir reubadh an Iolaire' le na fuaimean cruaidh agus an uaim anns a' chiad dà fhacal.


Raoir Reubadh an Iolaire

  • 'S binn sheinn i, a' chailin,
  • A raoir ann an Leòdhas,
  • I fuineadh an arain
  • Le cridhe làn sòlais
  • Air choinneamh a leanainn
  • Tha tighinn air fòrlach:
  • Tighinn dhachaigh thuic tèaraint',
  • Fear a gràidh.
  • Tha 'n cogadh nis thairis,
  • 'S a' bhuaidh leis na fiùrain
  • Tha nochd ri tigh'nn dhachaigh;
  • Tha 'n Iolaire gan giùlain.
  • Chuir mòine mun tein' i
  • 'S an coire le bùrn air:
  • Ghràidh, chadal cha tèidear
  • Gus an lò.
  • Bidh iadsan ri 'g aithris
  • 'S bidh sinne ri 'g èisteachd
  • Ri euchdanaibh bhalaich
  • Na mara 's an fhèilidh;
  • 'S na treun fhir a chailleadh,
  • A thuit is nach èirich –
  • O liuth'd fear deas, dìreach
  • Chaidh gu làr!
  • Cluinn osnaich na gaoithe!
  • O, cluinn oirre sèideadh!
  • 'S ràn buairte na doimhne –
  • O, 's mairg tha, mo chreubhag,
  • Aig muir leis an oidhch' seo
  • Cath ri muir beucach:
  • Sgaoil, Iolair, do sgiathaibh
  • 'S greas lem ghràdh.
  • Ri 'g èirigh tha 'n latha
  • 'S ri tuiteam tha dòchas;
  • Air an t-slabhraidh tha 'n coire
  • Ri pìobaireachd brònach;
  • Sguir i dhol chun an dorais
  • 'S air an teine chuir mòine;
  • Cluinn cruaidh-fhead na gaoithe
  • A' caoidh, a' caoidh.
  • Goirt ghuil i, a' chailin,
  • Moch madainn a màireach
  • Nuair fhuair i san fheamainn
  • A leannan 's e bàthte,
  • Gun bhrògan mu chasan
  • Mar chaidh air an t snàmh e;
  • 'N sin chrom agus phòg i
  • A bhilean fuar.
  • Raoir reubadh an Iolair',
  • Bàtht' fo sgiathaibh tha h-àlach;
  • O na Hearadh tha tuireadh
  • Gu ruig Nis nam fear bàna.
  • O nach tug thu dhuinn beò iad,
  • A chuain, thoir dhuinn bàtht' iad,
  • 'N sin ri do bheul cìocrach
  • Cha bhi ar sùil.

Raoir Reubadh an Iolaire

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd fhèin ag innse carson a sgrìobh e 1914

Nuair a bha mise òg, a' dol dhan sgoil, 's cuimhne leamsa na balaich mu dheireadh a chaidh dhan mhailisi anns a' bhaile againn. Agus bhiodh iad ann an siud bho chionn trì fichead bliadhna. Bhiodh iad gan nòis fhèin anns na taighean cèilidh ach cha robh àrd a' mhailisi orra 's cho luath is a bha iad a-mach às an sgoil is a bha àrd a' mhailisi orra cha robh ach a-mach à seo. Agus thachair a' chreach ann an 1914. Thòisich an cogadh mòr is chaidh na balaich a bha ann an sin, feadhainn nach robh càil ach a-mach às an sgoil a dhuine, agus a bha an dèidh iad fhèin a cheangal anns a' mhailisi... Nise, gus an sgeul a dhèanamh goirid, dh'fhalbhadh le na balaich òga sin dhan Fhraing 's cha mhòr a tha beò an-diugh de bhalaich a' mhailisi.

Bha mise a' dol dhan sgoil aon mhadainn agus nuair a ràinig mi sìos am baile a b'fhaisge orm, 's e sin Aiginish, bha mo charaid Tormod is uchd air a gheat agus mhothaich mi gu robh e ri gal. Dè, ars' mise, a Thormoid a tha ceàrr? Oh, ars' esan, tha an trìtheamh naidheachd bàis de bhalaich a' mhailisi air a thighinn an-diugh, eadar an-diugh is an-dè. Thàinig, ars esan, naidheachd bàis A' Ghrinidh an-diugh.

Agus am fear seo air an robh far-ainm A' Ghrinidh, bha mise ann an July ron sin, as t-samhradh bhiodh sin a' dèanamh rud air am biodh marcachd a' bhreacain uaisle againn. Bhiodh an fheadhainn òga air guailnean an fheadhainn mhòra is a' feuchainn cò leagadh a chèile. B' ann air guaileann A' Ghrinidh a bha mise agus tha e a-nise air tuiteam na bhalach òg anns an Fhraing agus bha an spiorad ga mo bhioradh a-riamh nach do rinn mi nì timcheall air an seo, air balaich a' mhailisi. Ach mu dheireadh thall, chaidh agam air sin a dhèanamh agus seo mar a rinn mi e. 'S e O Mhalisidh Mo Chridhe an t-ainm a th' air a' bhàrdachd a tha seo agus thagh mi caillin agus gille mar dhà chuspair agus 's i a' chaillin a tha ri bruidhinn anns a' bhàrdachd.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Murchadh MacPhàrlain

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.