20mh linn / Murchadh MacPhàrlain

Bàrdachd - Cànan nan Gàidheal

'S e òran brosnachaidh a tha an seo mun Ghàidhlig. Tha structar cudromach sa leithid seo de bhàrdachd agus 's ann mun sin a tha na notaichean seo.


Tha suidheachadh na Gàidhlig air a chur an cèill tro shamhlaidhean anns a' chiad dà rann, samhlaidhean air an tarraing on aimsir agus o adhlacadh.


Aig deireadh an òrain tha dà rann brosnachaidh far a bheil am bàrd a' cur na teachdaireachd aige an cèill gu soilleir: 'Suas togamaid Gàidhealtachd nuadh...'


Anns na còig rannan ann am meadhan an dàin tha am bàrd a' dol thairis, ann an diofar dhòighean, air suidheachadh na Gàidhlig mar a bha e agus mar a tha e a-nise. Tha an aon chruth air na rannan seo: mar as trice ceithir loidhnichean de iomradh air an t-suidheachadh agus an uair sin dà loidhne de theachdaireachd no de bhrosnachadh. Tha dà eisimpleir air an comharrachadh an seo air cruth nan rannan.


Mu dheireadh, tha sèist a' tighinn eadar gach rann, gan ceangal ri chèile agus a' cumail teachdaireachd a' bhàird an còmhnaidh far comhair, gu h-àraidh nuair a tha an t-oran air a sheinn.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


DEALBH

Sgrìobhaidhean Mhurchaidh

Cànan nan Gàidheal

  • Cha b' e sneachda 's an reothadh o thuath,
  • Cha b' e 'n crannadh geur fuar on ear,
  • Cha b' e 'n t uisge 's an gailleann on iar,
  • Ach an galair a bhlian on deas
  • Blàth, duilleach, stoc agus freumh
  • Cànan mo thrèibh 's mo shluaigh.
  • Sèist
  • Thig, thugainn, thig còmh' rium gu siar
  • Gus an cluinn sinn ann cànan na Fèinn;
  • Thig, thugainn, thig còmh' rium gu siar
  • Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidh'l.
  • "Fair a nuas dhuinn na coinnlearan òir
  • 'S annt' càiribh na coinnlean geal cèir,
  • Lasaibh suas iad an seòmar a' bhròin
  • 'N taigh-fhaire seann chànan a' Ghàidh'l – "
  • 'S e siud o chionn fhad' thuirt an nàmh,
  • Ach fhathast tha beò cànan nan treun.
  • Ged theich i le beath' às na glinn,
  • Ged 's gann i 'n diugh chluinntear nas mò
  • O Dhùthaich MhicAoidh fada tuath
  • Gu 'n ruig thu Druim Uachdair nam bò,
  • Ach thugainn, thig còmh' rium gu siar:
  • 'S i fhathast ann ciad chainnt an t-slòigh.
  • Tha na suinn lem bu bhinne bha t' fhuaim
  • Nad ghlinn, thìr nam fuar-bheannaibh àrd,
  • Air an druim anns na h-uaighean nan suain;
  • Suas air èirigh, mo thruaighe, nan àit',
  • Eadhon siar ann an Dùthaich MhicLeòid,
  • Linn òg ort, a Ghàidhlig, rinn tàir'.
  • 'S iomadh gille thug greis air a' chuibhl'
  • San dubh-oidhch' thog fonn Gàidhlig a chrìdh',
  • 'S iomadh gaisgeach a bhrosnaich sa bhlàr
  • Gu euchd nuair bu teotha bha 'n t-strì –
  • O Ghàidheil, O, càit an deach d' uaill
  • Nad fhine 's do chànan 's do thìr?
  • Ged nach cluinntear nas mò i san dùn
  • No 'n talla nan cliar is nan corn,
  • Ged tha meòir Chloinn 'IcCriomain gun lùths
  • On tric feasgar ciùin a dhòirt ceòl,
  • Gidheadh, anns na h-Eileanan Siar,
  • Ball' dìon gheibh thu, Ghàidhlig, 's do chòir.
  • Uair chìte fear-fèilidh sa ghleann,
  • Bu chinnteach gur Gàidhlig a chainnt,
  • Ach chaochlaidh i, dùthaich nam beann:
  • 'N àite Gàidhlig cluinn cànan a' Ghoill –
  • Chan e 'n dùthaich a bh' ann a ta ann:
  • 'N diugh dùthaich nan Colonels ta innt'.
  • O chànain ta leth ri mo chrìdh',
  • M' àran, m' annlan is m' anail 's mo smior,
  • 'S tu cho aost' ri fraoch dosrach nam frìth,
  • Shloinneadh òg leat beinn, leitir is sgurr:
  • Gàidheil gad easbhaidh 's gad dhìth
  • Clàrsach aon-theud, is cuislean gun fhuil.
  • Suas togamaid Gàidhealtachd nuadh
  • Le eanchainn, braon-gruaidh agus dòirn,
  • Gàidhealtachd às 'n dèanar uaill,
  • Ait' àrd, uasal aig cànan is ceòl
  • 'S biadh beathail aig spiorad is brù
  • Ri fhaotainn a ghnàth air do bhòrd.

Cànan nan Gàidheal

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd fhèin ag innse carson a sgrìobh e 1914

Nuair a bha mise òg, a' dol dhan sgoil, 's cuimhne leamsa na balaich mu dheireadh a chaidh dhan mhailisi anns a' bhaile againn. Agus bhiodh iad ann an siud bho chionn trì fichead bliadhna. Bhiodh iad gan nòis fhèin anns na taighean cèilidh ach cha robh àrd a' mhailisi orra 's cho luath is a bha iad a-mach às an sgoil is a bha àrd a' mhailisi orra cha robh ach a-mach à seo. Agus thachair a' chreach ann an 1914. Thòisich an cogadh mòr is chaidh na balaich a bha ann an sin, feadhainn nach robh càil ach a-mach às an sgoil a dhuine, agus a bha an dèidh iad fhèin a cheangal anns a' mhailisi... Nise, gus an sgeul a dhèanamh goirid, dh'fhalbhadh le na balaich òga sin dhan Fhraing 's cha mhòr a tha beò an-diugh de bhalaich a' mhailisi.

Bha mise a' dol dhan sgoil aon mhadainn agus nuair a ràinig mi sìos am baile a b'fhaisge orm, 's e sin Aiginish, bha mo charaid Tormod is uchd air a gheat agus mhothaich mi gu robh e ri gal. Dè, ars' mise, a Thormoid a tha ceàrr? Oh, ars' esan, tha an trìtheamh naidheachd bàis de bhalaich a' mhailisi air a thighinn an-diugh, eadar an-diugh is an-dè. Thàinig, ars esan, naidheachd bàis A' Ghrinidh an-diugh.

Agus am fear seo air an robh far-ainm A' Ghrinidh, bha mise ann an July ron sin, as t-samhradh bhiodh sin a' dèanamh rud air am biodh marcachd a' bhreacain uaisle againn. Bhiodh an fheadhainn òga air guailnean an fheadhainn mhòra is a' feuchainn cò leagadh a chèile. B' ann air guaileann A' Ghrinidh a bha mise agus tha e a-nise air tuiteam na bhalach òg anns an Fhraing agus bha an spiorad ga mo bhioradh a-riamh nach do rinn mi nì timcheall air an seo, air balaich a' mhailisi. Ach mu dheireadh thall, chaidh agam air sin a dhèanamh agus seo mar a rinn mi e. 'S e O Mhalisidh Mo Chridhe an t-ainm a th' air a' bhàrdachd a tha seo agus thagh mi caillin agus gille mar dhà chuspair agus 's i a' chaillin a tha ri bruidhinn anns a' bhàrdachd.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Murchadh MacPhàrlain

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.