Advertisement

20mh linn / Murchadh MacPhàrlain

Am Bàrd

Murchadh MacPhàrlain

Rugadh agus thogadh Murchadh MacPhàrlain ann am Mealabost, baile beag faisg air Steòrnabhagh, an Eilean Leòdhais. Anns an sgoil dh'ionnsaich e Beurla, Laideann agus beagan Frangais ach cha d'fhuair e a-riamh oideachadh ann an Gàidhlig.


Chaidh Murchadh a dh'obair dhan Mhorair Leverhulme air cuid de na sgeamaichean a bha e air a chur air chois air Eilean Leòdhais ach nuair nach do shoirbhich sin, coltach ri na mìltean eile, chaidh Murchadh a-null a Chanada. Chuir e grunn bhliadhnaichean seachad ann am Manitoba, àite nach do chòrd ris, agus thill e air ais dhachaigh ann an 1932. Rinn e a sheirbheis nàiseanta eadar 1942 agus 1945.


Chuir e a' chòrr de bheatha seachad ann an Leòdhas ag obair mar chroitear. Cha do phòs e a-riamh.


Tro sgrìobhadh, bha Murchadh a' togail air rudan a chunnaic e agus a thachair dha fhèin, ann an Leòdhas, ann an Canada agus tro bhliadhnaichean a' chogaidh.


Fhuair cuid de na dàin aige aithne tro bhith air an seinn le diofar chòmhlain-ciùil Gàidhlig, nam measg na h-Òganaich agus na Siaraich. Agus choisinn e fhèin duais airson Mi le m' Uillinn a sgrìobhadh nuair a sheinn na h-Òganaich e aig an Fhèis Pan-Celtic ann an Cill Airne ann an 1972.


Chaidh dà leabhar de bhàrdachd Mhurchaidh fhoillseachadh, An Toinneamh Dìomhair ann an 1973 agus Dàin Mhurchaidh ann an 1986.


Chaochail e air an 7mh là den t-Samhain 1982.


Latha-breith:

15 Gearran 1901

Àite:

Mealabost, Eilean Leòdhais

Foghlam:

Sgoil a' Chnuic, Leòdhas

Teacsa

Fionnlagh MacLeòid a' beachdachadh air an duine fhèin

Cha b' e duine a bh' ann a bha a' leantainn agenda cumhang, biodh e ann am poilitigs no biodh e ann an creideamh, bha a bheachd fhèin aige agus a' smaoineachadh tric agus domhainn air. Ach 's e cor a' chinne daonna a bhiodh aige an còmhnaidh.

Dhòmhsa b' e humanist da-rìribh a bh' ann agus b' e rudan mar iochd a bha tric ga ghluasad. Bha e mothachail an còmhnaidh air an atharrachadh a bha a' tighinn air dualchas is air cànan is eile. Is mothachadh aige cuideachd air an seòrsa Diadhachd a thàinig a-steach is creideamh a thàinig a-steach, nach b' e rud a bh' ann a bha dhàsan uabhasach brìgheil ann an dòigh sam bith.

Air adhart gu

Cuspairean

Rannsaich am BBC

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.