20mh linn / Meg Bateman

Cuspairean

Tha a' mhòr-chuid den bhàrdachd aig Meg Bateman mu dheidhinn ghnothaichean a' buntainn ri a beatha phearsanta agus a faireachdainn: mar eisimpleir, gaol agus teaghlach, a dàimh ri daoine agus àitichean agus ri rudan a tha air a bhith cudromach dhi na beatha. Uaireannan tha i a' bualadh air rudan eile cuideachd, leithid Cogadh a' Ghuilf, ach tha sin fhèin mar as trice air a cheangal ri a suidheachadh pearsanta aig an àm.


An rud as sònraichte mu bhàrdachd Meg Bateman, 's e cho fosgailte agus cho onarach is a tha i ann a bhith a' cur a faireachdainn an cèill. Tha seo gu h-àraidh fìor nuair a tha i toirt iomradh air suidhichidhean pearsanta den t-seòrsa air nach bi daoine glè thric dèidheil bruidhinn gu poblach.


Tha Bateman dha-rìribh sgileil air a smuaintean a chur an cèill gu soilleir, sìmplidh na bàrdachd. Tha i a' dèanamh seo ann am beagan bhriathran a tha an còmhnaidh air an deagh thaghadh.


Tha i a' cleachdadh an dà chuid saor-rannaigheachd agus stoidhle a tha dèanamh feum de chomhardadh agus de ìomhaighean den t-seòrsa a gheibhear anns na seann òrain gaoil gu h-àraidh.


Teacsa

Cuin a thòisich i a' sgrìobhadh?

Saoilidh mi gun do thòisich mi dìreach as dèidh dhomh tòiseachadh air a' PhD. 'S e obair dhòrainneach a th' ann am PhD, tha thu leat fhèin ann an seòmar is chan eil fios agad an tig càil às. Chan eil fios agad am faigh thu cosnadh leis aig deireadh an latha, agus bha mi aonranach agus bored gu math tric.

Agus bha rudan a' tachairt na mo bheatha a bha cho dona is nach b'urrainn dhomh bruidhinn mun deidhinn. Bha m' athair air inntinn a chall gu ìre, is bha mi a' faireachdainn gu robh crìoch air tighinn air mo leanabachd - uill bha mi rudeigin mar 23 is bha an t-àm agam - agus cha b' urrainn dhomh bruidhinn os àirde mu na rudan seo. Anns a' choimhearsneachd againn nuair a chanas duine ciamar a tha thu, feumaidh tu ràdh, glè mhath. Ach bha cothrom agam anns a' bhàrdachd a bhith a' mìneachadh dhomh fhèin na bha a' tachairt.

Air adhart gu

Bàrdachd

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.