20mh linn / Meg Bateman

Bàrdachd - Oidhche Cogadh a' Ghulf

Thòisich a' chiad Chogadh a bh' anns a' Ghulf air an 17mh den Fhaoilleach 1991, nuair a leag feachdan fo stiùireadh Ameireaga agus Bhreatainn bomaichean air Iorag. Tha a' bhana-bhàrd ag innse mu a suidheachadh fhèin air an latha sin, suidheachadh toilichte, sìtheil, dòchasach – gus an do laigh a smuaintean air an uabhas agus am milleadh a bha a' tachairt sa Ghulf.


Sa bhàrdachd tha: ìomhaighean sìth, ìomhaighean beatha agus ìomhaighean marbhaidh. Le bhith a' toirt dhuinn dealbh air a faireachdainnean tro ìomhaighean mar seo, tha i a' cur an aghaidh a' chogaidh ann an dòigh a tha 's dòcha a cheart cho èifeachdach ri artaigil no òraid.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Oidhche Cogadh a' Ghulf

  • Bha an seòmar ciùin geal mar eaglais
  • nuair a dhùisg mi an-diugh 's mo ghaol ùr rim thaobh,
  • a chuinnleanan a' lasadh an solas na maidne,
  • is tharraing mi a cheann rim uchd
  • air tuil toileachais
  • cho buidhe 's cho fàsmhor ris a' chiad latha.
  • A-nochd spreadhaidh na bomaichean (san dol seachad)
  • beòil a dheothail bainne bho chìch,
  • buill a dh'fhàs cruinn air bàrr na talmhainn,
  • 's iad a' sracadh stuth na sìth' –
  • feòil ar carthannais,
  • a' slaodadh fiù 's nan eun geala a-nuas dhan drabastachd.

Oidhche Cogadh a' Ghulf

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Co mu dheidhinn a tha an dàn?

Bhris a' chiad chogadh anns a' Ghulf a-mach ann an 1990 is thàinig an dàn thugam an latha a bhris e a-mach agus b' e sin a' chiad mhadainn as dèidh dhomh cadal le athair mo mhic airson a' chiad turas. Agus bha mi gu mòr ann an gaol leis 's bha gach òirleach dhe chorp prìseil dhomh, agus bha e do-chreidsinn gu robh fireannaich òga a chaidh a thogail le màthraichean, a chaidh a bhiathadh le bainne a' chìch, gu robh fireannaich mar sin gan sadail an aghaidh a chèile air gach taobh, a' marbhadh càch a chèile an dearbh mhadainn a bha mise a' faireachdainn gu robh rud beannaichte, prìseil, mìorbhaileach air tachairt.

Agus gus an rud a dhèanamh nas gèire buileach, b' e latha brèagha, brèagha a bh' ann, a' ghrian a' deàrrsadh, mar a tha mi ag ràdh anns a' chiad rann, mar air a' chiad mhadainn, is bha mi a' smaoineachadh air neoichiontas a' chinne daonna agus cho fada ceàrr is a bha seo.

Is aig an deireadh tha mi a' toirt a-steach nan eun agus a chionn 's gun deach na pìoban ola a bhristeadh, chaidh tòrr chreutairean a bha buileach neoichiontach, na beathaichean is na h-eòin a tha nan samhla air sìth, chaidh an sliacradh ann an ola agus chaidh am marbhadh.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Meg Bateman

Air adhart gu

Beachdan

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.