20mh linn / Maoilios Caimbeul

Bàrdachd - An Lìon

Dàn 4

Tha Maoileas Caimbeul a' toirt dhuinn dealbh air nàdar na bàrdachd agus nam bàrd. Tha e ga shamhlachadh fhèin mar bhàrd ri lìon a thèid a thilgeil dhan uisge. Tha an t-iasgair an uair sin a' feitheamh gu foighidneach ri iasg a ghlacadh, mar a tha am bàrd a' feitheamh ri smaointean, faireachdainnean, seallaidhean agus ìomhaighean. Tha am facal 'seòlta' cudromach. Tha an t-àite a tha aige aig deireadh loidhne a' tarraing ar n-aire thuige.


Anns an dara earrainn, dè tha 'tràighean' a' samhlachadh ann am beatha bàird? Am muir a' dol a-mach? Am bàrd a' call a mhisneachd? Tha am muir cho mì-rianail 's nach urrainn dhut earbsa a chur ann.


A dh'aindeoin sin, tha fhios aige gun tig a' bhàrdachd mu dheireadh thall is gun tig na smuaintean agus na h-ìomhaighean a-mach às an dorchadas, às an doimhneachd. Tha fhios aige gun glac e iad is gun toir e dhan t-solas iad.


Anns an treas earrainn, tha e a' toirt sùil nas mionaidiche air an lìon fhèin agus air dè tha e samhlachadh. Chaidh a thuigse fhèin mar bhàrd, a mhothachadh agus a chomasan a dhèanamh a-mach à diofar fheartan. Nam measg tha gràdh is fuath, fulangas agus cruas, na diofar rudan a dh'ionnsaich no a dh'fhairich e no a thachair dha fad a bheatha.


Tha e ag ràdh, ge-tà, nach eil e cudromach dha a bhith a' sgrùdadh nan rudan sin a rinn bàrd dheth. Is e an rud cudromach a-nise a bhith gu foighnidneach a' feitheamh ris a' bhàrdachd tighinn thuige, mar iasg a' dol ann an lìon anns an t-sruth. Feumaidh am bàrd sin.


An Lìon

  • Foighidneach ri tràighean,
  • tha an t-iasgair 's an lìon nan aon.
  • Chan eil nì cho sìmplidh –
  • ann am mì-rian na mara
  • bidh mi a' feitheamh, dìreach a' feitheamh,
  • agus thig iad mu dheireadh
  • cho cinnteach ri coibhneas
  • a-mach às an dorchadas.
  • Chaidh m' fhighe de ghràdh 's de dh'fhuath,
  • de dh'fhulangas 's de chruas
  • ann am mogal nam bliadhnaichean,
  • gus na chaill mi slighe na snàthaid
  • agus ioma-dhèantachd na làimhe.
  • Tha gu leòr a-nis
  • gu bheil mi dèanta,
  • gu bheil mi anns an t-sruth, a' feitheamh.
  • Feumaidh iasgair ithe.

An Lìon

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris An Lìon

Maoilios Caimbeul ag aithris an dàn, An Lìon.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Maoilios Caimbeul

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.