20mh linn / Maoilios Caimbeul

Am Bàrd

Maoilios Caimbeul

B' e miseanaraidh san Eaglais Shaor a bh' ann an athair Mhaoilios agus ri linn sin, chuir e seachad òige ann an iomadh àite, nam measg An t-Eilean Sgitheanach, Leòdhas agus Siorrachd Inbhir Nis.


Chaidh e dhan Chabhlach Mharsantach nuair a bha e 16 bliadhna agus thug sin dha an cothrom mòran dhùthchannan den t-saoghal fhaicinn. Bha Maoilios còrr air 26 bliadhna mus do dh'ionnsaich e sgrìobhadh ann an Gàidhlig (ged a bha e air làn chomais a bruidhinn 's a leughadh) agus bha e còrr is 30 bliadhna nuair a cheumnaich e à Oilthigh Dhùn Èideann is Colaiste Chnoc Iordain 's a chaidh e a theagaisg Gàidhlig. Bha e a' teagaisg ann an Àrd-sgoil Thobar Mhoire ann am Muile agus an uair sin ann an Geàrrloch.


Tha 6 leabhraichean den bhàrdachd aig Maoilios air fhoillseachadh: Eileanan (1980), Bailtean (1987), A' Càradh an Rathaid (1988), A' Gabhail Ris (1994), Saoghal Ùr (2002) agus am fear as ùire, Breac a' Mhuiltein (2007), cruinneachadh den bhàrdachd aige bho 1974 le eadar-theangachadh gu Gaeilge na h-Èireann.


A bharrachd air bàrdachd, tha Maoilios cuideachd aithnichte airson a bhith a' sgrìobhadh rosg agus nobhailean do chlann agus deugairean, nam measg Clann a' Phroifeasair (1988) agus Iain agus na Drogaichean (1993).


Tha e air iomadh duais a chosnadh airson sgrìobhadh, agus tha aithne air a chuid sgrìobhaidhean gu h-eadar-nàiseanta agus ann an Alba. Choisinn e Crùn a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2002 agus 's e Sgrìobhadair Ionad Nàiseanta na Gàidhlig agus a Cultair, Sabhal Mòr Ostaig, airson a' bhliadhna 2008.


Chaidh fhastadh mar Sgrìobhadair gu pròiseact a chuir Urras Shomhairle air bhonn ann am Bliadhna Chultarach na Gàidhealtachd, gus beatha Shomhairle MhicGill-Eain a chomharrachadh. Bha e ag obair cuide ri sgoilearan à Àrd-sgoil A' Phluic airson bàrdachd ùr a sgrìobhadh bhon obair a rinn iad air Dàin do Eimhir.


Leig Maoilios dheth a dhreuchd gu h-oifigeil ann an 2005 ach bidh e fhathast a' sgrìobhadh 's a' teagaisg. Tha e an-diugh a' fuireach san Eilean Sgitheanach.


Latha-breith:

23 Màrt 1944

Àite:

Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach

Foghlam:

Àrd-sgoil Phort-rìgh

Colaiste a' Chaisteil, Leòdhas

Oilthigh Dhùn Èideann

Colaiste Cnoc Iordain, Glaschu

Teacsa

Thug an togail a fhuair e buaidh air a sgrìobhadh

Tha creideamh agus mì-chreideamh cudromach anns a' bhàrdachd agam, tha mi a' smaoineachadh gu ìre. Agus bha an deasbad a tha sin a' dol nam inntinn, mar gum biodh, nuair a bha mi na b' òige agus thug sin buaidh air a' bhàrdachd agam. 'S e togail glè mhath a fhuair mi. 'S e Crìosdaidh a bha na m' athair is na mo mhàthair agus bha e glè mhath an togail a fhuair mi, chan eil mi ag ràdh gur e rud dona a bh' ann ann an dòigh sam bith, an togail a fhuair mi. Chan e rud dona a th' ann a bhith a' deasbad riut fhèin mu dheidhinn rudan agus an seòrsa inntinn a bh' agamsa, bha mi a' cur ceistean fad an t-siubhal, a' ceasnachadh rudan. Anns an t-seagh sin, thug an togail a fhuair mi buaidh orm.

Bhon a thòisich mi a' sgrìobhadh an toiseach chun an-dràsta, anns a' chiad leabhar agam mar eisimplier tha dàin ann mar Do-chreidmhach agus Plannt Mara agus dàin mar sin far a bheil mi a' bruidhinn mu dheidhinn 's dòcha saidheans ann an-dòigh a' tighinn a-staigh an sin. Bha mi an còmhnaidh a' faicinn gu robh strì ann eadar saidheans agus creideamh, ach tha mi a' smaoineachadh a-nise gu bheil mi air tighinn timcheall ann an cearcall mar gum biodh agus tha mi a' creidsinn. Bha mi uair a' smaoineachadh gu robh saidheans a' dol an aghaidh creideimh is a-nise tha mi a' smaoineachadh ma tha e a' dèanamh dad idir, gu bheil e a' daingneachadh creideamh. Is tha barrachd creideimh agam a-nise na bh' agam a-riamh ann an-dòigh.

Air adhart gu

Cuspairean

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.