19mh linn / Màiri Nic a' Phearsain

Cuspairean

Ged a rinn Màiri Nic a' Phearsain, 'Màiri Mhòr nan Òran', bàrdachd mu dhiofar chuspairean a' comharrachadh thachartasan agus dhaoine 's ann airson a h-òrain molaidh dhan Eilean Sgitheanach agus a h-òrain brosnachaidh mu Strì an Fhearainn as ainmeile a tha i.


Tha Màiri Mhòr a' cur an cèill na bàrdachd beachdan cinnteach làidir mu chòirichean nan croitearan agus tha a deòin-bhàigh dhan Eilean Sgitheanach agus na daoine cuideachd a' tighinn am bàrr tric na h-òrain. Bidh i cuideachd a' toirt iomradh tric air a trioblaidean pearsanta fhèin agus a' dèanamh ceangal eadar iad agus fulangas na tuath ri linn nam Fuadaichean.


Chan eil Màiri Mhòr an còmhnaidh a' cumail srian teann air cruth na bàrdachd aice: mar as trice tha i a' leigeil le na h-òrain ruith o chuspair gu cuspair mar a dhèanadh neach ann an co-luadar nàdarrach. Ged is e laigse a tha an sin o aon shealladh, 's e neart a tha ann cuideachd oir tha e leigeil le a nàdar inntinneach fhèin tighinn am bàrr.


Tha meas air Màiri Mhòr nan Òran chun an latha an-diugh, a rèir choltais on a tha daoine a' faireachdainn gu bheil i a' bruidhinn às an leth na cuid òrain agus gu bheil i a' dèanamh sin ann an cainnt a thuigeas iad agus le fuinn a tha taitneach rin seinn.


Teacsa

Dè na cuspairean a bhios a' nochdadh sa bhàrdachd?

Tha cuspairean ann a bhios a' nochdadh gu math tric ann am bàrdachd Màiri Mhòr nan Òran agus gu math tric tha iad air an fighe còmhla. Cuiridh mi mar seo e, tha a fulangas fhèin gu math tric a' nochdadh. Bha sin faisg air a fèin fhiosrachadh, agus tha seo, mar gum biodh, na bhunait do na dàin aice uile, na dh'fhuiling i fhèin ann an Inbhir Nis nuair a chaidh cur às a leth gu robh i goid, agus bha i dìreach air a tàmailteachadh 's a h-uabhasachadh gun dèanadh daoine seo, gun rachadh i den phrìosan. Agus tha a fulangas fhèin mar sin na bhunait anabarrach làidir do na dàin aice, 's a nochdadh uair is uair is uair.

An darna cuspair a bhios a' nochdadh gu math tric, 's e an t-Eilean a dh'fhàg i. Dh'fhàg Màiri an t-Eilean Sgitheanach nuair a bha i, 's dòcha mu fhichead bliadhna a dh'aois, timcheall air fichead, agus chaidh i a dh'Inbhir Nis. Agus, mar a thachair, bha cùisean cho dorcha dhi ann an Inbhir Nis, agus cho duilich dhi 's gu robh i smaoineachadh air an Eilean Sgitheanach mar àite brèagha far an robh na daoine beò ann an dòigh a bha fallainn agus dòigh a bha tur eadar-dhealaichte bhon an dorchadas agus bhon a' mhì-thlachd air an robh i fhèin eòlach ann an Inbhir Nis.

Nise bha i an uair sin a' dèanamh dealbhan brèagha den eilean, agus tha an t-Eilean Sgitheanach, na beanntan, 's na lochannan, agus na coimhearsnachdan anns an Eilean Sgitheanach, tha iad sin gu math beò mar chuspair ann an òrain Màiri Mhòr nan Òran. Bha iad cho faisg air a cridhe. Mar sin a fulangas fhèin, agus an t-Eilean Sgitheanach.

Agus an uair sin, an treas cuspair a tha gu math tric anns na h-òrain aice, 's e còirichean an t-sluaigh. Bhon a dh'fhuiling i fhèin bha i faicinn gu robh daoine eile a' fulang, agus bha i deas a sheasamh air taobh ceartais do na croitearan Gàidhealach, agus tha sin a' nochdadh uair is uair anns na dàin aice cuideachd. Fhios agad, faodaidh tu ràdh gu robh tomhas math de phropaganda anns na dàin aig Màiri Mhòr nan Òran, agus 's e sin dàin a bha a' seasamh air taobh a cheartais, an aghaidh mì-cheartas, air taobh nan croitearan, gu ìre an aghaidh nan uachdaran, cha robh gu tur. Bha uachdarain ann a bha Màiri a' smaoineachadh a bha math, ach mar bu trice cha robh meas aice air na h-uachdarain Ghàidhealach idir.

Ach sin na cuspairean air a bheil i a' ruith agus, a bharrachd air a' sin, tha i dèanamh dhuanagan 's òrain mu na càirdean aice fhèin, na daoine a chunnaic i 's na, fhios agad, na goistidhean a bh' aice thall 's a bhos anns na bailtean-mòra, anns an Eilean Sgitheanach.

Rud eile a tha inntinneach mu Mhàiri Mhòr, 's e gu robh i cho eòlach air siubhal is dòighean giùlain anns an naoidheamh linn deug. Tha òran aice mu na bàtaichean smùide, 's bha i mothachail air cho luath 's a bha cùisean ag atharrachadh, agus mar a bha bàtaichean smùide 's innealan ùra a' toirt buaidh air dreach na dùthcha 's air daoine. Chan e cuspair a tha sin a gheibh thu tric ann am bàrdachd na naodhamh linn deug, ach, na trì cuspairean a tha aig Màiri Mhòr gu math tric 's e a fulangas fhèin, maise an Eilein Sgitheanach, maise an Eilein Sgitheanaich agus strì nan croitearan.

Air adhart gu

Bàrdachd

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.