19mh linn / Màiri Mhòr nan Òran

Bàrdachd -
Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 72

Dàn 4


Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 74


Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 96

[an error occurred while processing this directive]


Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 107

[an error occurred while processing this directive]

Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 117

Teacsa

Dòmhnall Meek a' beachdachadh air a' bhàrdachd

Ann an Nuair Bha Mi Òg, tha Màiri Mhòr a' dùsgadh anns an Eilean Sgitheanach. Tha i air tilleadh à baile mòr Ghlaschu, bha i ann an Glaschu. Chaidh i à Inbhir Nis do Ghlaschu, 's bha i 'g obair timcheall air a' bhaile, 's bhiodh i dol air ais don Eilean Sgitheanach. 'S a' mhadainn a bha seo, bha i dùsgadh 's chunnaic i a' ghrian ag èirigh air Leac an Stòrr agus dhrùidh maise an Eilein Sgitheanaich oirre às ùr.

Thàinig e air ais oirre cuideachd mar a bhiodh i fhèin na caileig a' falbh air feadh an eilein, a' faicinn nam flùraichean, a' faicinn na seallaidhean, a' faicinn nan taighean, a' faicinn nan daoine, agus a-rithist tha Nuair Bha Mi Òg gu math pearsanta. Tha e mar gum biodh e fosgladh uinneagan air beatha Màiri Mhòr, agus chì thu ann a' sin i na caileig, "'S am fraoch a' stròiceadh mo chòta bàn," nuair a tha i a' ruith air feadh na mòintich, agus tha i ga h-aiseig air ais, mar gum biodh, gu bliadhnachan a h-òige fhèin nuair a bha i na caileig. Agus tha i tilleadh ann an aisling gu làithean a h-òige.

Nise, tha 'n dealbh a tha sin cho drùidhteach air dhòigh air choireigin. Tha an dealbh a tha i dèanamh den eilein, tha e, dhomhsa co-dhiù, a' riochdachadh neo-chiontachd na h-òige. Agus dìreach aig deireadh an òrain sin, tha 'n aisling a' sguir, mar gun cluinneadh tu rudeigin uamhasach a' tighinn a-staigh air bruadar, aisling mhilis a th' agad air an oidhche, 's tha rudeigin anabarrach grànnda a' tighinn ort. Agus anns an rann mu dheireadh, tha i 'g innse dhuinn dè tha sin, agus 's e sin bàta na smùid a' tighinn, ga toirt air falbh às an Eilean Sgitheanach 's ga toirt a Ghlaschu, baile mòr na smùid 's na h-ùpraid, 's baile an t-salchair. Agus tha 'n aisling a' sguir ann a' sin, agus chan eil i neo-chiontach tuilleadh. Tha i call neo-chiontachd na h-òige, maise na h-òige, agus tha toit a' bhàta tha seo a' dubhadh às bòidhchead is aisling an eilein.

Nuair bha mi òg? Tha seo a-rithist gu math corporra an iomadh dòigh. Òran a tha.. a dh'fhaodas tu bhith faireachdainn fod chasan, led làmhan. Ach aig an aon àm, tha e bruidhinn air rudan eile, mar a tha duine a' fàs, neach a' fàs o bhith na leanabh gu bhith na dhuine. Agus an uair sin, anns a' mhalairt a tha dol a' sin, tha an duine sin a' call rudeigin brìghmhor nach till gu siorraidh ach a-mhàin ann an aisling 's ann am bruadar.

Sin a tha, dhomhsa, a tha dèanamh Nuair bha mi òg cho cumhachdach. Òran eireachdail far a bheil, o, tha mi smaoineachadh, doimhneachdan nach eil ann a' gin eile de Mhàiri Mhòr a thaobh a fiosrachadh pearsanta fhèin.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Màiri Mhòr nan Òran

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.