Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Òran Beinn Lì
- Thugaibh taing dhan a' mhuinntir
- Tha fo riaghladh na Banrigh,
- Rinn an lagh dhuinn cho diongmhalt'
- 'S nach caill sinn Beinn Lì.
- Cuiribh beannachd le aiteas
- Gu tuathanaich Bhaltois
- Bha air tùs anns a' bhatail,
- 'S nach do mheataich san strì.
- Thugaibh beannachd gu 'Pàrnell'
- Thug a' bhuaidh air 'An t-Sàtan',
- Air chor 's nach faicear gu bràth e
- Tighinn air àrainn na tìr.
- Nuair thàinig e chiad uair
- 'S leth-cheud 'aingeal' fo riaghladh,
- Chuir e còignear an iarainn
- Ann an crìochan Beinn Lì.
- 'S na diùlnaich a b' uaisle,
- 'S nach robh riamh ann an tuasaid,
- Chaidh na ruighich a shuaineadh
- Gu cruaidh air an dùirn.
- Chaidh an giùlan leis 'na h-aingle'
- 'S an glasadh an gainntir;
- 'S a dh'aindeoin cumhachd an nàimhdean,
- 'S leo am fonn is Beinn Lì.
- 'S na mnathan bu shuairce
- 'S bu mhodhaile gluasad,
- Chaidh an claiginn a spuaiceadh
- Ann am bruachan Beinn Lì.
- 'S ged bha 'n sealladh na uabhas,
- 'S an fhuil a' reothadh san luachair
- Le slacain nan truaghan,
- Cha d' fhuair iad Beinn Lì.
- Siud a' bheinn a tha dealbhach,
- 'S dhan a' Bhanrigh bha sealbhach,
- 'S chan eil beinn ann an Albainn
- 'N-diugh cho ainmeil 's Beinn Lì.
- 'S math an colaist' am prìosan –
- 'S fhad' o dh'aithnich mi fhìn sin –
- Ach thig buaidh leis an fhìrinn
- Dh'aindeoin innleachd nan daoi.
- 'S math an colaist' an Calton -
- 'S ceart a dh'fhoghlaim e 'm 'Martar',
- Ged bha cuid thug às acaid
- Leis an rachd bha nan crìdh'.
- 'S nis, a chroitearan ionmhainn,
- Cumaibh cuimhn' air MacAonghais,
- 'S dèanaibh sòlas ri iomradh
- An duine shuilbheara, ghrinn.
- 'S ged a dh'fhàg e ar sràidean
- Le bhanoglach bhàidheil,
- Tha i son' ann a Bhàlaigh
- Dol gu àirigh cruidh-laoigh.
- 'S i athchuing' is ùrnaigh
- Gach bochd a bha dlùth dhi
- Gum bi toradh an dùrachd
- Na cùrsan a-chaoidh.
Òran Beinn Lì
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.