19mh linn / Màiri Mhòr nan Òran

Bàrdachd - Eilean a' Cheò

Tha an t-òran seo, mar as dual le Màiri Mhòr nan Òran, a' ruith air grunn chuspairean: 's e an ceangal eatarra gu bheil iad uile ag èirigh à beatha agus faireachdainn a' bhana-bhàird fhèin. 'S e sin neart – agus, gu ìre nas lugha, laigse - a bàrdachd.


Tha na notaichean a' còmhdach: iomradh air a beatha phearsanta (cliog air Pearsanta), cianalas airson an Eilein (cliog air Eilean), poilitigs (cliog air Poilitigs) agus strì an fhearainn (cliog air Strì).


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Eilean a' Cheò

  • Ged tha mo cheann air liathadh
  • Le deuchainnean is bròn,
  • Is grian mo leth cheud bliadhna
  • A' dol sìos fo na neòil,
  • Tha m' aigne air a lìonadh
  • Le iarrtas ro mhòr
  • Gum faicinn Eilean Sgiathach
  • Nan siantannan 's a' Cheò.
  • Tha còrr 's dà fhichead bliadhna
  • Bhon thriall mi às dham dheòin,
  • 'S a chuir mi sìos mo lion
  • Am meadhan baile mòir;
  • Is ged a fhuair mi iasgair
  • A lìon mo thaigh le stòr,
  • Cha do dhìochuimhnich mi riamh
  • Eilean Sgitheanach a' Cheò.
  • Nuair chuimhnicheam an Cuilitheann
  • 'S a thulchann ris na neòil,
  • Glàmaig is Beinn Bhuirbh,
  • Eilean Thuilm is Leac an Stòrr,
  • Gun ruiginn Rubha Hùinis,
  • Gach cnoc is cùil is fròg,
  • 'S an taobh eile sealladh aoibhneach
  • De Mhaighdeannan MhicLeòid.
  • An tìr san robh na fiùrain
  • 'S gach cùis a sheas an còir,
  • Bha smior is neart nan dùirn,
  • 'S cha b' e 'n sùgradh tighinn nan còir;
  • 'S on rinneadh dhuinn an cunntas,
  • Gu onair, cliù is glòir,
  • Na dh'èirich fon a' Chrùn diubh
  • À Eilean cùbhr' a' Cheò.
  • Ma thèid mi dhuibh ga innse,
  • Cha mhearachd brìgh mo sgeòil,
  • Oir tha e air a sgrìobhadh
  • Dhan linn sa bheil sinn beò:
  • Bha còrr agus deich mìle
  • Fon Rìgh a ghabh an t-òr
  • Gu onair 's dìon ar rìoghachd
  • À Eilean grinn a' Cheò.
  • Chan eil mi dol a dhìteadh
  • Aon tìr tha fo na neòil,
  • Ach 's nàdarrach gun innsinn
  • Mun tìr san robh mi òg;
  • Measg nam pìobairean a b'fheàrr
  • A chuir gaoth am màl gu ceòl,
  • Chaidh ceud is fichead àrach dhiubh
  • An Eilean àrd a' Cheò.
  • Cò nach tugadh gnùis
  • Agus cliù sna h-uile dòigh
  • Do luchd nam breacan dùbh-ghorm,
  • Nan lùirichean 's nan sròl?
  • Oir cha robh leud a ghrunnd
  • Air a chunntas san Roinn Eòrp'
  • Thog uiread riamh a dhiùlnaich
  • Ri Eilean cùbhr' a' Cheò.
  • Cuir mo shoraidh bhàrr nan cuantan
  • Gu Eilean uain' a' Cheò,
  • Far am bi na fleasgaich uasal
  • A' ruagadh damh nan cròc;
  • 'S na mnathan-taighe guanach
  • A' dèanamh uaill nan clò,
  • 'S gur tric a ghabh mi duanag
  • Ga luadh anns a' Ghleann Mhòr.
  • Nuair thigeadh tùs an t-samhraidh,
  • Cha ghanntar a bhiodh oirnn;
  • Bhiodh pailteas bìdh is annlain
  • Anns a' ghleann san robh na seòid;
  • Bhiodh gruagaichean air àirigh,
  • 'S an crodh len àl mun chrò,
  • 'S a' dèanamh ime 's càise,
  • An Eilean àrd a' Cheò.
  • Nuair thigeadh tùs a' Mhàigh,
  • Biodh gach iasgair 's ràmh na dhòrn,
  • 'S na bàtaichean nam mìltean
  • Ann an Loch Phort Rìgh fon seòl;
  • Dol suas gu bun Loch Aoidhneart,
  • 'S gach sonn a' seinn a' cheòil
  • A rinn na bàird bu shaidhbhir
  • A bha 'm beanntannan a' Cheò.
  • Nuair thigeadh an Fhèill Màrtainn,
  • 'S an sprèidh 's am bàrr air dòigh,
  • Na fir a' dèanamh cainnteig,
  • 'S na plataichean nan tòrr;
  • Ri taobh na brìg bhuntàta
  • Bhiodh baraill' làn de dh'fheòil –
  • Siud mar chaidh ar n-àrach
  • Ann an Eilean àrd a' Cheò.
  • Ach cò aig a bheil cluasan,
  • No crìdh' tha gluasad beò,
  • Nach seinneadh leam an duan seo
  • Mun truaigh' a thàinig oirnn?
  • Na mìltean a chaidh fhuadach,
  • A' toirt uath' an cuid 's an còir,
  • A' smaointinn thar nan cuantan
  • Gu Eilean uain' a' Cheò.
  • Ach cuimhnichibh gur sluagh sibh,
  • Is cumaibh suas ur còir;
  • Tha beairteas fo na cruachan
  • Fon d' fhuair sibh àrach òg;
  • Tha iarann agus gual ann,
  • Is luaidhe ghlas is òr,
  • 'S tha mèinnean gu ur buannachd
  • An Eilean uain' a' Cheò.
  • Cuimhnichibh ur cruadal,
  • Is cumaibh suas ur sròl;
  • Gun tèid an roth mun cuairt duibh
  • Le neart is cruas nan dòrn;
  • Gum bi ur crodh air bhuailtean
  • 'S gach tuathanach air dòigh,
  • 'S na Sasannaich air fuadach
  • À Eilean uain' a' Cheò.
  • Canaibh leam an duan seo,
  • 'S le suaimhneas seinnibh ceòl
  • Mun naidheachd nuadh a fhuair sinn
  • À Eilean uain' a' Cheò -
  • Gu Armadal nan stuagh
  • Gun tug Raghnall gruagach òg,
  • Nighean còirnealair cho ainmeil
  • 'S a tha 'n-diugh a' falbh an fheòir.
  • Ach cuimhnich do chuid tuatha,
  • Is cùm do chluas rim feum,
  • 'S bi thusa mar bu dual dut
  • Dhan t-sluagh a tha fod sgèith;
  • 'S on thug thu 'n fhìor bhean-uasal
  • À Crombaigh ruadh an rèisg,
  • Biodh beannachd Dhè 's do shluaigh leat
  • Nad eilean buadhmhor fèin..
  • Beannachd leibh, a chàirdean,
  • Anns gach ceàrn tha fo na neòil,
  • Gach mac is nighean màthar
  • An Eilean àrd a' Cheò;
  • Is cuimhnichidh sibh Màiri
  • Nuair bhios i cnàmh fon fhòid –
  • 'S e na dh'fhuiling mi de thàmailt
  • A thug mo bhàrdachd beò.

Eilean a' Cheò

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Na h-ìomhaighean a tha nochdadh sa bhàrdachd

Na h-ìomhaighean a tha nochdadh ann an Eilean a' Cheò ma-tha.

Tha 'n ceò fhèin. Tha maise anns a' cheò. Agus 's e seòrsa de romansachas a tha seo a th' aig Màiri Mhòr, The Misty Isle, Eilean a' Cheò. Ach tha seo a' togail an Eilein gu ìomhaigh shònraichte na h-inntinn fhèin, far a bheil ceò, far a bheil dìomhaireachd, saoilidh mise, tha rudeigin air leth ann, anns an Eilean Sgitheanach – an ceò.

Tha cuideachd ìomhaighean ann a tha a' tighinn à coimhearsnachdan agus comh-luadar Eilean a' Cheò - na mathan ag obair air a' chlò, na fir ag obair air na croitean, na h-iasgairean ann a' siud ann an Loch Phort Rìgh. Tha na h-ìomhaighean sin ann.

Agus seo rud a tha inntinneach, tha na h-ìomhaighean bog agad mar an ceò, a tha rudeigin, fhios agad, fad às air dhòigh air choireigin. Agus an uair sin tha na h-ìomhaighean làidir làidir a tha seo agad, a tha uabhasach faisg air an t-sluagh fhèin, agus faisg air an talamh. Fhios agad? Agus tha neart an òrain ag èirigh às an sin.

Eilean a' Cheò, saoilidh tu, o tha e fad às, tha sìthichean an sin, tha rudeigin caran mi-nàdarra an seo. Ach an uair sin tha an t-òran fhèin cho nàdarra ann an cuid eile de na h-ìomhaighean a tha ag èirigh ann. Tha e cho faisg air a' ghrunnd, air an talamh, air beatha an t-sluaigh. Tha sin a' dol fad na tìde le Màiri Mhòr.

Tha ìomhaighean eile ann. Tha dealbhan aice uaireannan a tha caran annasach, a bhios a' nochdadh do dh'àiteannan anns an Eilein air an robh i fhèin eòlach – Armadail nan stuagh, mar eisimpleir, Caisteal Armadail. 'S dòcha nach eil sin annasach ann an dòigh, ach 's e an rud a tha annasach uaireannan gu bheil Màiri a' tilleadh gu cuid de dh'uachdarain an Eilean Sgitheanaich agus a' dèanamh dealbh dhiubh-san, ìomhaighean de shaoghal a dh'fhalbh mar a tha Dòmhnallaich Shlèite 's Clann Dòmhnaill nan Eilein, tha i tilleadh uaireannan gu na dealbhan sin de sheann saoghal eile a tha uasal. Agus tha sin a' toirt clisgeadh ort uaireannan o chionn 's gu bheil na h-ìomhaighean a th' aice a thaobh na croitearachd fhèin cho talmhaidh, cho faisg ort fhèin.

'S an uair sin tha i toirt leum aiste le dealbh de Chaisteal Armadail, Armadail nan stuagh, far an tug Raghnall Gruagach Òg, tha i bruidhinn air na h-uachdarain, gam moladh anns an dol seachad. Ach, tha sin a' togail an òrain a-rithist, fhios agad, Armadail nan stuagh, tha sin snog. Dealbhan mar sin, uair is uair a' tighinn ort.

Chan eil Màiri Mhòr uabhasach rianail theirinn-sa anns na dealbhan a tha i cleachdadh, tha i buailteach a bhith gluasad a null 's a-nall, a rèir 's mar a tha i-fhèin a' faireachdainn.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Màiri Mhòr nan Òran

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.