19mh linn / Màiri Mhòr nan Òran

Bàrdachd - Eilean a' Cheò

Tha an t-òran seo, mar as dual le Màiri Mhòr nan Òran, a' ruith air grunn chuspairean: 's e an ceangal eatarra gu bheil iad uile ag èirigh à beatha agus faireachdainn a' bhana-bhàird fhèin. 'S e sin neart – agus, gu ìre nas lugha, laigse - a bàrdachd.


Tha na notaichean a' còmhdach: iomradh air a beatha phearsanta (cliog air Pearsanta), cianalas airson an Eilein (cliog air Eilean), poilitigs (cliog air Poilitigs) agus strì an fhearainn (cliog air Strì).


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Eilean a' Cheò

  • An tìr san robh na fiùrain
  • 'S gach cùis a sheas an còir,
  • Bha smior is neart nan dùirn,
  • 'S cha b' e 'n sùgradh tighinn nan còir;
  • 'S on rinneadh dhuinn an cunntas,
  • Gu onair, cliù is glòir,
  • Na dh'èirich fon a' Chrùn diubh
  • À Eilean cùbhr' a' Cheò.
  • Ma thèid mi dhuibh ga innse,
  • Cha mhearachd brìgh mo sgeòil,
  • Oir tha e air a sgrìobhadh
  • Dhan linn sa bheil sinn beò:
  • Bha còrr agus deich mìle
  • Fon Rìgh a ghabh an t-òr
  • Gu onair 's dìon ar rìoghachd
  • À Eilean grinn a' Cheò.
  • Chan eil mi dol a dhìteadh
  • Aon tìr tha fo na neòil,
  • Ach 's nàdarrach gun innsinn
  • Mun tìr san robh mi òg;
  • Measg nam pìobairean a b'fheàrr
  • A chuir gaoth am màl gu ceòl,
  • Chaidh ceud is fichead àrach dhiubh
  • An Eilean àrd a' Cheò.
  • Cò nach tugadh gnùis
  • Agus cliù sna h-uile dòigh
  • Do luchd nam breacan dùbh-ghorm,
  • Nan lùirichean 's nan sròl?
  • Oir cha robh leud a ghrunnd
  • Air a chunntas san Roinn Eòrp'
  • Thog uiread riamh a dhiùlnaich
  • Ri Eilean cùbhr' a' Cheò.
  • Cuir mo shoraidh bhàrr nan cuantan
  • Gu Eilean uain' a' Cheò,
  • Far am bi na fleasgaich uasal
  • A' ruagadh damh nan cròc;
  • 'S na mnathan-taighe guanach
  • A' dèanamh uaill nan clò,
  • 'S gur tric a ghabh mi duanag
  • Ga luadh anns a' Ghleann Mhòr.
  • Ach cò aig a bheil cluasan,
  • No crìdh' tha gluasad beò,
  • Nach seinneadh leam an duan seo
  • Mun truaigh' a thàinig oirnn?
  • Na mìltean a chaidh fhuadach,
  • A' toirt uath' an cuid 's an còir,
  • A' smaointinn thar nan cuantan
  • Gu Eilean uain' a' Cheò.
  • Ach cuimhnichibh gur sluagh sibh,
  • Is cumaibh suas ur còir;
  • Tha beairteas fo na cruachan
  • Fon d' fhuair sibh àrach òg;
  • Tha iarann agus gual ann,
  • Is luaidhe ghlas is òr,
  • 'S tha mèinnean gu ur buannachd
  • An Eilean uain' a' Cheò.
  • Cuimhnichibh ur cruadal,
  • Is cumaibh suas ur sròl;
  • Gun tèid an roth mun cuairt duibh
  • Le neart is cruas nan dòrn;
  • Gum bi ur crodh air bhuailtean
  • 'S gach tuathanach air dòigh,
  • 'S na Sasannaich air fuadach
  • À Eilean uain' a' Cheò.
  • Canaibh leam an duan seo,
  • 'S le suaimhneas seinnibh ceòl
  • Mun naidheachd nuadh a fhuair sinn
  • À Eilean uain' a' Cheò -
  • Gu Armadal nan stuagh
  • Gun tug Raghnall gruagach òg,
  • Nighean còirnealair cho ainmeil
  • 'S a tha 'n-diugh a' falbh an fheòir.
  • Ach cuimhnich do chuid tuatha,
  • Is cùm do chluas rim feum,
  • 'S bi thusa mar bu dual dut
  • Dhan t-sluagh a tha fod sgèith;
  • 'S on thug thu 'n fhìor bhean-uasal
  • À Crombaigh ruadh an rèisg,
  • Biodh beannachd Dhè 's do shluaigh leat
  • Nad eilean buadhmhor fèin..
  • Beannachd leibh, a chàirdean,
  • Anns gach ceàrn tha fo na neòil,
  • Gach mac is nighean màthar
  • An Eilean àrd a' Cheò;
  • Is cuimhnichidh sibh Màiri
  • Nuair bhios i cnàmh fon fhòid –
  • 'S e na dh'fhuiling mi de thàmailt
  • A thug mo bhàrdachd beò.

Eilean a' Cheò

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


Teacsa

Dòmhnall Meek a' beachdachadh air a' bhàrdachd

Ann an Nuair Bha Mi Òg, tha Màiri Mhòr a' dùsgadh anns an Eilean Sgitheanach. Tha i air tilleadh à baile mòr Ghlaschu, bha i ann an Glaschu. Chaidh i à Inbhir Nis do Ghlaschu, 's bha i 'g obair timcheall air a' bhaile, 's bhiodh i dol air ais don Eilean Sgitheanach. 'S a' mhadainn a bha seo, bha i dùsgadh 's chunnaic i a' ghrian ag èirigh air Leac an Stòrr agus dhrùidh maise an Eilein Sgitheanaich oirre às ùr.

Thàinig e air ais oirre cuideachd mar a bhiodh i fhèin na caileig a' falbh air feadh an eilein, a' faicinn nam flùraichean, a' faicinn na seallaidhean, a' faicinn nan taighean, a' faicinn nan daoine, agus a-rithist tha Nuair Bha Mi Òg gu math pearsanta. Tha e mar gum biodh e fosgladh uinneagan air beatha Màiri Mhòr, agus chì thu ann a' sin i na caileig, "'S am fraoch a' stròiceadh mo chòta bàn," nuair a tha i a' ruith air feadh na mòintich, agus tha i ga h-aiseig air ais, mar gum biodh, gu bliadhnachan a h-òige fhèin nuair a bha i na caileig. Agus tha i tilleadh ann an aisling gu làithean a h-òige.

Nise, tha 'n dealbh a tha sin cho drùidhteach air dhòigh air choireigin. Tha an dealbh a tha i dèanamh den eilein, tha e, dhomhsa co-dhiù, a' riochdachadh neo-chiontachd na h-òige. Agus dìreach aig deireadh an òrain sin, tha 'n aisling a' sguir, mar gun cluinneadh tu rudeigin uamhasach a' tighinn a-staigh air bruadar, aisling mhilis a th' agad air an oidhche, 's tha rudeigin anabarrach grànnda a' tighinn ort. Agus anns an rann mu dheireadh, tha i 'g innse dhuinn dè tha sin, agus 's e sin bàta na smùid a' tighinn, ga toirt air falbh às an Eilean Sgitheanach 's ga toirt a Ghlaschu, baile mòr na smùid 's na h-ùpraid, 's baile an t-salchair. Agus tha 'n aisling a' sguir ann a' sin, agus chan eil i neo-chiontach tuilleadh. Tha i call neo-chiontachd na h-òige, maise na h-òige, agus tha toit a' bhàta tha seo a' dubhadh às bòidhchead is aisling an eilein.

Nuair bha mi òg? Tha seo a-rithist gu math corporra an iomadh dòigh. Òran a tha.. a dh'fhaodas tu bhith faireachdainn fod chasan, led làmhan. Ach aig an aon àm, tha e bruidhinn air rudan eile, mar a tha duine a' fàs, neach a' fàs o bhith na leanabh gu bhith na dhuine. Agus an uair sin, anns a' mhalairt a tha dol a' sin, tha an duine sin a' call rudeigin brìghmhor nach till gu siorraidh ach a-mhàin ann an aisling 's ann am bruadar.

Sin a tha, dhomhsa, a tha dèanamh Nuair bha mi òg cho cumhachdach. Òran eireachdail far a bheil, o, tha mi smaoineachadh, doimhneachdan nach eil ann a' gin eile de Mhàiri Mhòr a thaobh a fiosrachadh pearsanta fhèin.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Màiri Mhòr nan Òran

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.