19mh linn / Màiri Nic a' Phearsain

Am Bàrd

Rugadh Màiri NicDhòmhnaill ann an 1821 agus chaidh a togail ann an Sgèabost san Eilean Sgitheanach. B' e croitear a bha na h-athair, Iain Bàn mac Aonghais Òig, 's bha esan pòsta aig Flòraidh, nighean Nèill Mhic Aonghais, à Uige.


Ann an 1845, ghluais Màiri a dh'Inbhir Nis. Trì bliadhna an dèidh sin, phòs i Isaac Mac a' Phearsain, greusaiche à Inbhir Nis, agus rinn iad an dachaigh sa bhaile.


Bhàsaich Isaac ann an 1871, ga fàgail le sianar chloinne. Bha an fheadhainn a b' òige 12 agus 15 bliadhna a dh'aois.


An dèidh a bhàis, fhuair i obair mar bhanaltram aig a' BhPh Harriet Turner. An dèidh bàs a' BhPh Turner, chaidh a chur air Màiri gun robh i air cuid de a h-aodach a ghoid. Chaidh a dìteadh sa chùirt agus a cur don phrìosan fad dà fhichead latha. Tha cuid den bheachd gur e searbhant eile a chur aodach a' BhPh Turner ann an ciste Màiri, agus bha Màiri fhèin deimhinnte gun robh i neochiontach – bha sin follaiseach ann an grunnan de a h-òrain a rinn i. Mar a thuirt i fhèin:


'S e na dh'fhuiling mi de thàmailt, A thug mo bhàrdachd beò.


An dèidh dhith faighinn a-mach às a' phrìosan, chaidh Màiri a Ghlaschu a shireadh obair mar bhanaltram. Fhuair i cuideachd trèanadh mar bhean-glùine ann an Taigh Eiridinn Rìoghail a' bhaile.


Tha e coltach gun do dh'ionnsaich Màiri leughadh is sgrìobhadh aig an àm seo, oir chan eil teisteanas gum b' urrainn dhi seo a dhèanamh ro 1872.


Ann an 1876, ghluais i gu Grianaig far an robh i na banaltram, ach bhiodh i tric a' tilleadh a Ghlaschu gu cèilidhean mòra nan Sgitheanach.


Thill i dhachaigh dhan t-Eilean Sgitheanach ann an 1882, 's bha i a' fuireach eadar Sgèabost agus Port Rìgh. Rè nan 1880an, bha i gu mòr an sàs ann an aimhreit an fhearainn. Bhiodh i tric an làthair aig coinneamhan nan croitearan, 's i ag obair air bàrdachd a bha a' toirt spionnadh dha luchd-dùthcha.


Chaochail i ann an 1898 ann am Port Rìgh an dèidh tinneas goirid agus chaidh a tiodhlacadh ri taobh Isaac ann an Cladh a' Chapail an Inbhir Nis.


Chaidh cruinneachadh de a cuid òrain fhoillseachadh ann an 1891. Chan eil ach 32 de na h-òrain aice anns a' chruinneachadh, ach 's iad an fheadhainn as fheàrr a rinn i.


Latha-breith:

1821

Àite:

Sgèabost san Eilean Sgitheanach

Teacsa

Dòmhnall Meek a' dèanamh dealbh den bhàrd

Màiri Mhòr nan Òran, Màiri nighean Iain Bhàin a bh' aic' oirre fhèin. 'S e far-ainm a bh' ann an Màiri Mhòr nan Òran a thug daoine oirre, agus cha robh e còrdadh rithe fhèin idir, 's tuigidh tu carson.

B' ise Màiri nighean Iain Bhàin agus b' e nighean a bh' innte do dh'Iain Bàn Dòmhnallach à Sgèabost anns an Eilean Sgitheanach, agus rugadh Màiri fhèin san Eilean. 'S dòcha ged-tà gun do rugadh i ann an Ùige, 's ann à Ùige a bha a màthair agus tha h-uile coltas gun do rugadh Màiri Mhòr ann an Ùig an Eilean Sgitheanaich, timcheall air a' bhliadhna 1820.

Bha i anns an Eilean Sgitheanach na h-òige, chaidh a togail ann an Sgèabost. Bhiodh i tric a' dol a dh'Ùige, ceangal làidir aice ri Ùig an Eilean Sgitheanach, agus dh'fhàg i an uair sin an t-Eilean Sgitheanach timcheall air a' bhliadhna, 's dòcha 1845, bhiodh i dìreach seachad air an fhichead nuair a dh'fhàg i an t-Eilean.

Chaidh i an uair sin do dh'Inbhir Nis agus phòs i ann an Inbhir Nis, phòs i fear Isaac Mac a' Phearsain agus 's e Màiri Nic a' Phearsain a bh' innte nuair a phòs i. Bha Isaac còir, bha e na shùithpear, bhiodh e glanadh na similearan ann an Inbhir Nis. Bha e cuideachd, na ghreusaiche tacan, bha e 'g obair a' dèanamh bhrògan.

Agus bha gaol mòr làidir eadar Màiri agus Isaac, bha iad uabhasach faisg air a chèile 's bha teaghlach aca, mu leth dusan pàiste air fad. Ach chaochail Isaac timcheall air a' bhliadhna 1861, agus aig an àm sin chaidh Màiri a dh'obair na searbhant ann an taigh mòr ann an Inbhir Nis, agus thàinig droch fhortan oirre ann an sin, thàinig, o, chaidh an saoghal na h-aghaidh gu h-uabhasach agus chaidh goid a chuir às a leth agus chaidh i don phrìosan ann an Inbhir Nis.

Agus a rèir choltais, an t-iomradh a th' againn, bha muinntir a' bhaile, bha cuid dhiubh, fhios agad na Gaidheil ann an Inbhir Nis, bha iad air an cuir thuige gu mòr, bha iad air an uabhasachadh gun deachaidh Màiri Mhòr a chuir don phrìosan, agus mu dheireadh thall fhuair iad saorsa dhi. Ach chaidh a dìteadh airson a bhith dèanamh goid, airson a bhith goid aodaich nach do ghoid i idir. Agus, o, rinn sin, dh'fhàg sin làrach domhainn, domhainn air a beatha agus dh'fhalbh i à Inbhir Nis. 'S beag an t-iongnadh. 'S chaidh i do Ghlaschu.

Bha i làidir na pearsa Màiri Mhòr, anabarrach làidir. Bha i math cuideachd air altramas, bha i math air, air a bhith a' frithealadh dhaoine 's a.. dìreach a toirt aire do dhaoine a bha bochd agus chaidh i do dh'ospadal, don Ospadal Rìoghail ann an Glaschu agus bha i na banaltram tacan.

Nise, smaoinich, an dèidh na dh'fhuiling i, thoisich i as ùr, 's cha robh i òg an uair sin, agus dh'ionnsaich i ciùird na mna-altrum, agus as dèidh sin chaidh i mach air an dùthaich a' frithealadh. Bha i ann an aiteannan mar Ghrianaig, bha i ann an Bridge of Weir agus ann an Glaschu. Agus bhiodh i, bha i ann an sin gu 1882. Bhiodh i nochdadh aig na cèilidhean ann an Glaschu, bha i trang, trang am measg a cuideachd fhèin. Agus glè thric cuideachd bha i dol air ais don Eilean Sgitheanach, bhiodh i leum air a' bhàta shìos aig an abhainn, Abhainn Chluaidh, chitheadh i bàta a bha dol don Eilean Sgitheanach 's ma bha latha no dha aice far a h-obrach leumadh i air a' bhata 's dh'fhalbhadh i don Eilean Sgitheanach.

Bha i an uair sin, thill i don Eilean Sgitheanach 's fhuair i taigh snog, dìreach taobh a-muigh Phort Rìgh ann an Ceann na Coille agus fhuair i sin bho uachdaran anns an Eilean Sgitheanach, Lachlan Dòmhnallach. Agus an uair sin bha aimhreit an fhearainn a' dol na croitearan a strì airson an còirichean. Bha i, bha Màiri Mhòr gu mòr an sàs ann an còirichean nan croitearan, a' cuir air aghaidh còirichean an t-sluaigh, a' seinn mu na cuspairean sin, agus a' brosnachadh dhaoine gu bhith ag atharrachadh an crannchur.

Chum i dol gus an do chaochail i ann an 1898 agus chaidh a tìodhlacadh ann an Inbhir Nis far an deachaidh Isaac Mac a' Phearsain an duine aice a thìodhlacadh cuideachd, agus chì sibh a' chlach aice ann an Chapel Yard ann an Inbhir Nis gus an latha an-diugh.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.