19mh linn / Màiri Nic a' Phearsain

Am Bàrd

Rugadh Màiri NicDhòmhnaill ann an 1821 agus chaidh a togail ann an Sgèabost san Eilean Sgitheanach. B' e croitear a bha na h-athair, Iain Bàn mac Aonghais Òig, 's bha esan pòsta aig Flòraidh, nighean Nèill Mhic Aonghais, à Uige.


Ann an 1845, ghluais Màiri a dh'Inbhir Nis. Trì bliadhna an dèidh sin, phòs i Isaac Mac a' Phearsain, greusaiche à Inbhir Nis, agus rinn iad an dachaigh sa bhaile.


Bhàsaich Isaac ann an 1871, ga fàgail le sianar chloinne. Bha an fheadhainn a b' òige 12 agus 15 bliadhna a dh'aois.


An dèidh a bhàis, fhuair i obair mar bhanaltram aig a' BhPh Harriet Turner. An dèidh bàs a' BhPh Turner, chaidh a chur air Màiri gun robh i air cuid de a h-aodach a ghoid. Chaidh a dìteadh sa chùirt agus a cur don phrìosan fad dà fhichead latha. Tha cuid den bheachd gur e searbhant eile a chur aodach a' BhPh Turner ann an ciste Màiri, agus bha Màiri fhèin deimhinnte gun robh i neochiontach – bha sin follaiseach ann an grunnan de a h-òrain a rinn i. Mar a thuirt i fhèin:


'S e na dh'fhuiling mi de thàmailt, A thug mo bhàrdachd beò.


An dèidh dhith faighinn a-mach às a' phrìosan, chaidh Màiri a Ghlaschu a shireadh obair mar bhanaltram. Fhuair i cuideachd trèanadh mar bhean-glùine ann an Taigh Eiridinn Rìoghail a' bhaile.


Tha e coltach gun do dh'ionnsaich Màiri leughadh is sgrìobhadh aig an àm seo, oir chan eil teisteanas gum b' urrainn dhi seo a dhèanamh ro 1872.


Ann an 1876, ghluais i gu Grianaig far an robh i na banaltram, ach bhiodh i tric a' tilleadh a Ghlaschu gu cèilidhean mòra nan Sgitheanach.


Thill i dhachaigh dhan t-Eilean Sgitheanach ann an 1882, 's bha i a' fuireach eadar Sgèabost agus Port Rìgh. Rè nan 1880an, bha i gu mòr an sàs ann an aimhreit an fhearainn. Bhiodh i tric an làthair aig coinneamhan nan croitearan, 's i ag obair air bàrdachd a bha a' toirt spionnadh dha luchd-dùthcha.


Chaochail i ann an 1898 ann am Port Rìgh an dèidh tinneas goirid agus chaidh a tiodhlacadh ri taobh Isaac ann an Cladh a' Chapail an Inbhir Nis.


Chaidh cruinneachadh de a cuid òrain fhoillseachadh ann an 1891. Chan eil ach 32 de na h-òrain aice anns a' chruinneachadh, ach 's iad an fheadhainn as fheàrr a rinn i.


Latha-breith:

1821

Àite:

Sgèabost san Eilean Sgitheanach

Teacsa

Dòmhnall Meek a' dèanamh dealbh den bhàrd

Màiri Mhòr nan òran. A' chiad iomradh a chuala mise riamh mu Mhàiri Mhòr nan Òran, 's ann aig bràthair mo sheanmhair ann an Tioradh. Bha esan na shaor ann an Glaschu; dh'ionnsaich e saorsainneachd bhàtaichean anns na gàrraidhean iarrainn air Abhainn Chluaidh aig deireadh na naodhamh linn deug.

Agus nuair a bha esan ag ionnsachadh, a' toirt a-mach a' chiùird anns a' ghàrradh iarrainn, thàinig e gu bhith aig Harland and Wolf mu dheireadh, bhiodh e dol còmhla ri Gaidheil eile gu na cèilidhean agus gu na cuirmean ann an Glaschu, agus bhiodh Màiri Mhòr a' nochdadh.

Agus bhiodh e tric a' bruidhinn oirre agus a' dèanamh dealbh dha fhèin air cho mòr agus cho comasach 's a bha Màiri. Nise, bha Teàrlach, b' e sin bràthair mo sheanmhair, bha e beò gus an robh mise 's dòcha dusan bliadhna a dh'aois, agus bhiodh e bruidhinn air an tè a bha seo, Màiri Mhòr nan Òran, agus an dealbh a bh' aigesan oirre, 's e dealbh de bhoireannach gu math smachdail, làidir, fada na barail fhèin, agus tè a bha comasach anns a h-uile dòigh.

Nise, choinnich mi a-rithist ri tè agus bha h-athair eòlach air Màiri Mhòr nan Òran. Agus rinn ise dealbh brèagha dhith nach dìochuimhnich mi, mar a bhiodh i nochdadh aig na cèilidhean ann an Glaschu, agus bhiodh i air a' sgeadachadh ann am breacan Chlann Dòmhnaill. Bha i cho mòr 's cho brèagha, 's bhiodh ultach fraoich aice, agus bhiodh i gluasad am measg an t-sluaigh anns na tallachan anns am biodh i seinn. 'S bhiodh i sgapadh an fhraoich a-null sa nall agus bha 'm boireannach mòr a bha seo a' tighinn a-staigh do na taighean cèilidh agus bha i, mar gum biodh, gan gabhail dìreach fo h-achlais, mar gum biodh, bha i cho mòr 's cho smachdail.

Agus dealbh beag eile, tha cuimhne agam nuair a bha mi bruidhinn ri Seoc Dòmhnallach ann am Port Rìgh, Colonel Jock mar a bh' ac' air. Bha esan eòlach, na bhalach, air Màiri Mhòr nan Òran, agus 's e sin cho faisg 's a bha mise riamh air Màiri Mhòr nan Òran, gu pearsanta, mar gum biodh - an sgeulachd a bh' aig Colonel Jock dhomh. 'S bha esan ag innse, nuair a bha e na bhalach beag agus nuair a rachadh cuisean ceàrr san taigh 's bhiodh iad a' trod ris – dhèanadh e rudeigin ceàrr – bhiodh e teicheadh às an taigh mhòr ann am Port Rìgh, 's bhiodh e dol air chèilidh air Màiri Mhòr, biodh e falbh airson fasgadh fhaighinn o Mhàiri Mhòr, 's dìon, chuireadh ise dìon air a' bhalach bheag.

Agus bha seo gu latha a bha seo a rinn e rudeigin san taigh 's bha e dol a dh'fhaighinn a dhalladh air a shon agus theich e, agus dh'fhalbh e gu bothan Cheann na Coille far an robh Màiri Mhòr, agus bha fhios aige - bhiodh athair a' tighinn às a dhèidh, agus gum faigheadh e a' dhalladh bho athair nuair a gheibheadh e greim air.

"Uill," arsa Màiri, "staigh thu ann an siud," agus thog i a' sgiorta mòr a bh' aice, agus chuir i am balach beag a bha seo a-staigh fon sgiorta aice, agus bha Seoc ann a' siud, agus nuair a thàinig athair, chan fhaca Màiri Seoc. Cha robh sgeul air a' bhalach, bha e air fhalach fo na còtaichean mòra aig Màiri. 'S tha sin ag innse dhut an seòrsa mnà a bh' ann am Màiri, boireannach mòr – mòr, làidir na corp, agus bha i làidir na h-inntinn cuideachd.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.