18mh linn / Iain Ruadh Stiùbhart

Bàrdachd - Ùrnaigh Iain Ruaidh

Dàn 3

Tha an dàn a' tòiseachadh le dealbh air suidheachadh làn dràma: am bàrd ri taobh aibhne, a chas air a leòn agus nàimhdean marbhteach ga shireadh anns gach àite.


Às dèidh innse mu na h-eadar-ghuidhean a rinn e agus iomradh a thoirt air cor truagh an fheadhainn mar e fhèin a tha fon choill, tha am bàrd a' tionndadh chun na h-ùrnaigh aige, a' sealltainn an seo a thuigse air saoghal poilitigeach an ama tron Roinn Eòrpa agus neart a' chreideimh, cho math ris an eòlas a tha aige air a' Bhìoball.


Ùrnaigh Iain Ruaidh

  • Aig taobh sruthain na shuidhe 's e sgìth
  • Tha 'n Crìosdaidh bochd, Iain Ruadh,
  • Na cheatharnach fhathast gun sìth,
  • 'S a chas air tuisleadh san tìm gu truagh.
  • Ma thig Duibhnich no Cataich am dhàil
  • Mun slànaich mo luigheannan truagh',
  • Ged thig iad cho tric is as àill,
  • Cha chuir iad orm làmh le luaths.
  • Ubhaidh eile às leth Muire nan Gràs
  • 'S urrainn creideach dhèanamh slàn ri h-uair:
  • Tha mise am chreideamh gun teagamh gun dàil
  • Gun toir sinn air ar nàimhdean buaidh.
  • Sgeul eile 's gur h-oil leam gur fìor
  • Tha an-dràst' anns gach tìr mun cuairt:
  • Gach fear gleusta bha feumail don Rìgh
  • Bhith ga ruith feadh gach frìth air ruaig.
  • Bodaich dhona gun onair gun bhrìgh,
  • Ach gionach gu nì airson duais,
  • Gabhail fàth oirnn 's gach àit' anns am bi –
  • Cuir a' chuibhle seo, Chrìosd, mun cuairt.
  • Ma thionndas i deiseil an dràst'
  • 'S gum faigh Frangaich am Flànras buaidh,
  • Tha m' earbs' às an targanachd bha
  • Gun tig armailt nì stàth dhuinn thar chuain.
  • Gun toir Fortan dha dìdean le gràs,
  • Mar Mhaois nuair a thràigh a' Mhuir Ruadh,
  • 'S gum bi Deòrsa le dhrealairibh bàtht'
  • Mar bha 'n t-amadan Phàraoh 's a shluagh.
  • Is amhail bha Breatann fo bhròn
  • On a thrèig iad a' chòir is an rìgh;
  • Ghabh Flaitheas rinn corraich ro mhòr –
  • Crom an Donais! Chaidh 'n seòrsa an diasg.
  • Chan eil sinn a' sireadh ach còir
  • Thug Cuigs' agus Deòrsa bhuainn;
  • Rèir do cheartais thoir neart dhuinn is treòir,
  • Is cùm sinn o fhòirneart sluaigh.

Ùrnaigh Iain Ruaidh

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Ag innse mu Ùrnaigh Iain Ruaidh

Ùrnaigh Iain Ruaidh, 's ann mu dheidhinn nuair a bha Iain Ruadh Stiùbhart a' teicheadh bho na saighdearan dearga a tha e. Agus thuit e, 's gortaich e a chas 's goth e a chas mar a tha aig cuid no thiachnaich e a chas agus bha e ri taobh t-sruthan agus bha e a' leigeil leis an uisge thairis air a chas, thairis air aobrann agus tha e a' guidhe ri Dia a chuideachadh gus nach fhaigh na saighdearan dearga greim air. Agus, tha e cuideachd ag iarraidh air Dia na Seumasaich a chuideachadh agus gun dèan iad a chùis air na Deorsaich air a' cheann thall. Agus tha e a' bruidhinn a-rithist anns a h-uile gin de na h-òrain mu dheidhinn Cùil Lodair agus mar a chaidh a dhèanamh as dèidh Chùil Lodair agus tha e a' bruidhinn mu cuibhle an fhortan agus fhathast tha dòchas aige gun dèanadh iad a' chùis 's a tha e ag ràdh gun tionndadh cuibhle an fhortan fhathast 's gu faigh na Frangaich buaidh ann an Flanrais agus aon uair 's gun dean iad sin thig iad le airm airson Na Seumasaich is Na Gàidheil a chuideachadh. Tha e a' sealltainn cuideachd anns an òran seo cho eòlach 's a bha e air a' bhìoball, tha e mìn-eòlaich air a' bhìoball, uabhasach eòlach air a' bhìoball, agus tha e cuideachd mìn eòlach air seann chleachdaidhean na Gàidheal. Tha e a' bruidhinn mu dheidhinn ùidh a chuir air a chois, air aobrann agus rann-arid a a bha iad air chleachdadh son rud a leigheis sna seann làithean.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Ruadh Stiùbhart

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.