18mh linn / Iain Ruadh Stiùbhart

Bàrdachd - Latha Chùil Lodair

Rinneadh Latha Chuil-Lodair goirid às dèidh a' bhlàir, san robh am bàrd na àrd-oifigear, agus tha sin a' toirt neart àraidh dhan dàn mar shealladh o thaobh a-staigh na cùise.


Tha am bàrd a' toirt a bheachd air cor nan saighdearan Seumasach - cuid marbh, cuid an grèim agus cuid, mar e fhèin, am falach - agus cuideachd air an adhbhar airson an robh iad a' sabaid. Tha tàmailt air gun do chaill iad agus tha e a' toirt adhbharan, no leisgeulan, airson seo.


Tha Iain Ruadh a' sealltainn mòran de sgil a thaobh cànain agus rannaigheachd agus tha e a' dèanamh feum mhath de ìomhaighean anns an dàn seo.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Latha Chùil Lodair

  • O, gur mòr mo chùis mhulaid,
  • 'S mi ri caoineadh na guin atà 'm thìr;
  • A Rìgh, bi làidir, 's tu 's urrainn
  • Ar nàimhdean a chumail fo chìs!
  • Oirnne 's làidir Diùc Uilleam,
  • An rag-mhèirleach, tha guin aige dhuinn;
  • B' e siud salchar nan sgeallag
  • Tighinn an uachdar air chruithneachd an fhuinn.
  • Mo chreach, Teàrlach Ruadh bòidheach
  • Bhith fo bhinn aig Rìgh Deòrsa nam biast –
  • B' e siud dìteadh na còrach,
  • An Fhìrinn 's a beòil foidhpe sìos;
  • Ach, a Rìgh, mas e 's deòin leat,
  • Cuir an rìoghachd air seòl a chaidh dhinn,
  • Cuir Rìgh dligheach na còrach
  • Ri linn na tha beò os ar cinn.
  • Mo chreach, armailt nam breacan
  • Bhith air sgaoileadh 's air sgapadh 's gach àit'
  • Aig fìor bhalgairean Shasainn,
  • Nach do ghnàthaich bonn ceartais nan dàil;
  • Ged a bhuannaich iad batal,
  • Cha b' ann dan cruadal no 'n tapadh a bha
  • Ach gaoth an iar agus frasan
  • Thighinn a nìos oirnn bhàrr machair nan Gall.
  • Is truagh nach robh sinn an Sasann,
  • Gun bhith cho teann air ar dachaigh 's a bha,
  • 'S cha do sgaoil sinn cho aithghearr –
  • Bhiodh ar dìcheall ri seasamh na b' fheàrr;
  • Ach 's droch dhraoidheachd is dreachdan
  • Rinneadh dhuinne mun deachas nan dàil:
  • Air na frìthean eòlach do sgap sinn,
  • 'S bu mhì-chòmhdhail gun d' fhairtlich iad oirnn.
  • Mo chreach mhòr! Na cuirp ghlè-gheal
  • Tha nan laigh' air na slèibhtean ud thall,
  • Gun chiste, gun lèintean,
  • Gun adhlacadh fhèin anns na tuill;
  • Chuid tha beò dhiubh 'n dèidh sgaoileadh
  • 'S iad gam fògair le gaothan thar tuinn –
  • Fhuair na Chuigs an toil fèin dinn,
  • 'S cha chan iad ach 'reubaltaich' rinn.
  • Fhuair na Goill sinn fon casan –
  • 'S mòr an nàire 's am masladh siud leinn,
  • An dèidh ar dùthaich 's ar n-àite
  • A spùilleadh 's gun bhlàths againn ann;
  • Caisteal Dhùinidh 'n dèidh a losgadh,
  • 'S e na làraich lom, thostach gun mhiadh;
  • Gum b' e 'n caochladh goirt e
  • Gun do chaill sinn gach sochair a b' fhiach.
  • Cha do shaoil leam, lem shùilean,
  • Gum faicinn gach cùis mar a tha,
  • Mar spùtadh nam Faoilleach
  • 'N am na luibhean a sgaoileadh air blàr;
  • Thug a' chuibhle car tionndaidh
  • 'S tha iomadh fear gu h-aimcheart an càs –
  • A Rìgh, seall le do choibhneas
  • Air na fir th' aig na nàimhdean an sàs!
  • Is mòr eucoir 'n luchd-òrduigh
  • An fhuil ud a dhòrtadh le foill;
  • Mo sheachd mallachd air Mhorair Deòrsa –
  • Fhuair e 'n là ud air ordugh dha fèin;
  • Bha 'n dà chuid air a mheòirean:
  • Mar an gìogan gun tròcair le foill,
  • Mheall e sinne le chomhradh,
  • 'S gun robh ar barail ro mhòr air ra linn.
  • Ach fhad 's as beò sinn rar latha,
  • Bidh sinn caoidh na ceathairn' chaidh dhinn,
  • Na fir threubhach bha sgairteil,
  • Dhèanadh teugmhail le claidheamh 's le sgiath;
  • Mur biodh siantan nar n-aghaidh,
  • Bha sinn sìos air ar n-adhart gu dian,
  • 'S bhiodh luchd-Beurla nan laighe
  • Tòn air cheann – b' e siud m' aighear 's mo mhiann.
  • Och nan och, 's mì fo sprochd
  • 'S mì an dràsta ri h-osnaich leam fhìn,
  • Ag amharc feachd an dubh-Rosaich
  • 'G itheadh feur agus cruithneachd an fhuinn;
  • Rothaich iargalt' is Cataich
  • Tighinn a nall oirnn le luchd chasag is lann,
  • Iad mar mhial-choin air acras
  • Siubhal chrìochan, chàrn, chlach agus bheann.
  • Mo chreach, tìr air an tàinig,
  • Rinn sibh nis clàr rèidh dhith cho lom,
  • Gun choirce gun ghnàiseach,
  • Gun sìol taght' ann am fàsach no 'm fonn;
  • Prìs na circ' air an spàrdan,
  • Gu ruige na spàinean thoirt uainn,
  • Ach sgrios na craoibhe fa blàth dhuibh,
  • Air a crìonadh fa bàrr gus a bonn.
  • Tha ar cinn fon a' choille,
  • 'S èiginn beanntan is gleanntan thoirt oirnn,
  • Sinn gun sùgradh, gun mhacnas,
  • Gun èibhneas, gun aiteas, gun cheòl;
  • Air bheag bìdh no teine
  • Air na stùcan air 'n laigheadh an ceò,
  • Sinn mar Chomhachaig eile
  • Ag èisteachd ri deireas gach lò.

Latha Chùil Lodair

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Tha bhàrdachd a' tighinn bho bhonn a' chridhe

Tha e glè èifeachdach mar bhàrdachd. Sna h-òrain eile a rinn e mu dheidhinn Chùil Lodair, tha e a' cumail smachd air fhèin gu ìre mhòr 's a cumail rian air na faclan, ach chan eil san t-òran seo, tha e mar gu bheil seo a' tighinn bho bhonn a' chridhe 's tha e dìreach a' cuir na smuaintean ri chèile mar a tha iad a' tighinn an-àirde, 's tha iad a' taomadh a-mach, agus na h-ìomhaighean uile a' taomadh a-mach.

Mar a thuirt mi, chan eil cus smachd aige air fhèin, agus tha caran an aon rud a' nochdadh turas no dha air feadh an òrain, seach gun robh smaoineachaidhean sin a-rithist a' dèanamh dragh mòr dha, is ga phianadh. Ach tha mi a' creidsinn nach do chum e smachd air fhèin, agus air t-sailleabh sin, tha sinn a' faireachdainn na tha am bàrd dha-rìribh a' faireachdainn na chridhe fhèin, ach sna h-orain eile tha e a' cumail smachd air gnothaichean agus tha a h-uile rud fo rian.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Ruadh Stiùbhart

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.