18mh linn / Iain Ruadh Stiùbhart

Am Bàrd

Rugadh Iain Ruadh ann an Cinn a' Chàrdainn ann an 1700, mac do Dhòmhnall Stiùbhart agus a bhean Barabal Sheathach. Bha eachdraidh chliùiteach aig a theaghlach: bha Alasdair Stiùbhart, a thòisich sreath nan Stiùbhartach ann an Alba, na shinnsear dha.


'S e leanabh geur a bh' ann agus fhuair e oideachadh math aig sgoil ann an Inbhir Nis. Às dèidh dha an sgoil fhàgail ghabh e a-steach dha na 'Royal Scots Greys', far an d' fhuair e rang mar oifigear. A dh'aindeoin seo, bha Iain Ruadh air taobh nan Seumasach na bheachdan, agus, ann an 1737, chaill e a dhreuchd air sgàth seo às dèidh dha, a rèir beul-aithris, prìosanach Seumasach a leigeil às.


Chaidh e a-null don Fhraing ann an 1737, agus shabaid e an aghaidh nam Breatannach, còmhla ri fògarraich Sheumasach eile, aig blàr Fontenoy ann an 1745.


A' cluinntinn gun robh Teàrlach Stiùbhart air Alba a ruighinn, thàinig e dhachaigh airson pàirt a ghabhail san ar-a-mach. Thog e 'Rèiseamaid Dhùn Èideann' agus bha e an sàs còmhla riutha tron ar-a-mach air fad.


Bha Iain Ruadh air aon dhe na ceannardan airm a b' fheàrr a bh' aig na Seumasaich, agus e gu h-àraidh sgileil ann a bhith a' planadh blàir. Tha feadhainn ag ràdh gum faodadh latha Chùil Lodair a bhith air taobh eadar-dhealaichte a ghabhail nan robh na Seumasaich air na planaichean còmhraig aigesan a chur an gnìomh.


Bha an Stiùbhartach den bheachd gun do bhrath am Morair Deòrsa na Seumasaich aig Cùl Lodair, agus thathar ag ràdh gun deach e am measg nan saighdearan às dèidh a' chatha a' coimhead air a shon gus a reubadh às a chèile.


Chaidh e air falach às dèidh an ar-a-mach airson còig mìosan, agus chaidh e dhan Fhraing còmhla ris a' Phrionnsa Teàrlach anmoch ann an 1746.


Bhàsaich e an sin ann an 1749. Chan eil adhbhar a bhàis, no àite adhlacadh, aithnichte dhuinn.


Latha-breith:

1700

Àite:

Cinn a' Chàrdainn

Foghlam:

Sgoil ann an Inbhir Nis

Teacsa

Cuin a chaidh na h-òrain is ainmeile a dhèanamh?

Thòisich e ron a' sin, dìreach nuair a bha e a' fuireach a' seo mus deach e dhan airm.. Ach na h-òrain as ainmeile aige, chaidh e an dèanamh aig àm ar-a-mach nan Seumasach.

Agus tha, cia mheud òrain? Tha mu cheithir òrain sa Ghàidhlig 's tha aon òran sa Bheurla. Agus, na h-òrain sin, tha iad, chaidh iad an dèanamh às dèidh Chùil Lodair - a h-uile gin dhiubh a dhèanamh às dèidh Cùil Lodair, nuair a bha e na èiginn. Ach fhathast, mar bu trice, bha e fhathast an dòchas gun, gun tilleadh am Prionnsa agus gun tilleadh na Stiùbhartaich, 's gun dèanadh iad a' chùis air Diùc Chumberland is Rìgh Deòrsa, agus gum faigheadh na Stiùbhartaich Rìgh Chathair Breatainn a-rithist.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.