18mh linn / Iain Ruadh Stiùbhart

Am Bàrd

Rugadh Iain Ruadh ann an Cinn a' Chàrdainn ann an 1700, mac do Dhòmhnall Stiùbhart agus a bhean Barabal Sheathach. Bha eachdraidh chliùiteach aig a theaghlach: bha Alasdair Stiùbhart, a thòisich sreath nan Stiùbhartach ann an Alba, na shinnsear dha.


'S e leanabh geur a bh' ann agus fhuair e oideachadh math aig sgoil ann an Inbhir Nis. Às dèidh dha an sgoil fhàgail ghabh e a-steach dha na 'Royal Scots Greys', far an d' fhuair e rang mar oifigear. A dh'aindeoin seo, bha Iain Ruadh air taobh nan Seumasach na bheachdan, agus, ann an 1737, chaill e a dhreuchd air sgàth seo às dèidh dha, a rèir beul-aithris, prìosanach Seumasach a leigeil às.


Chaidh e a-null don Fhraing ann an 1737, agus shabaid e an aghaidh nam Breatannach, còmhla ri fògarraich Sheumasach eile, aig blàr Fontenoy ann an 1745.


A' cluinntinn gun robh Teàrlach Stiùbhart air Alba a ruighinn, thàinig e dhachaigh airson pàirt a ghabhail san ar-a-mach. Thog e 'Rèiseamaid Dhùn Èideann' agus bha e an sàs còmhla riutha tron ar-a-mach air fad.


Bha Iain Ruadh air aon dhe na ceannardan airm a b' fheàrr a bh' aig na Seumasaich, agus e gu h-àraidh sgileil ann a bhith a' planadh blàir. Tha feadhainn ag ràdh gum faodadh latha Chùil Lodair a bhith air taobh eadar-dhealaichte a ghabhail nan robh na Seumasaich air na planaichean còmhraig aigesan a chur an gnìomh.


Bha an Stiùbhartach den bheachd gun do bhrath am Morair Deòrsa na Seumasaich aig Cùl Lodair, agus thathar ag ràdh gun deach e am measg nan saighdearan às dèidh a' chatha a' coimhead air a shon gus a reubadh às a chèile.


Chaidh e air falach às dèidh an ar-a-mach airson còig mìosan, agus chaidh e dhan Fhraing còmhla ris a' Phrionnsa Teàrlach anmoch ann an 1746.


Bhàsaich e an sin ann an 1749. Chan eil adhbhar a bhàis, no àite adhlacadh, aithnichte dhuinn.


Latha-breith:

1700

Àite:

Cinn a' Chàrdainn

Foghlam:

Sgoil ann an Inbhir Nis

Teacsa

Beachd air cuin a thòisich e ri bàrdachd

Chan eil fhios againn le cinnt, ach tha mi creids' gu robh e riamh ri bàrdachd, bho làithean òige oir tha bàrdachd ann a rinn e nuair a bha e car òg, mus deach e dhan arm is rudan mar sin.

Agus bha siud as an fhuil aige, bha e ruith as an teaghlach co-dhiù. Ged an-diugh, a h-uile bud bàrdachd co-cheangailte ris an teaghlach sin, thathar ag ràdh gur e Iain Ruadh a rinn e. Ach, fhios agad, bha bàird as an teaghlach ron sin, agus tha mi cinnteach gu robh, gu robh e dìreach as an fhuil aige co-dhiù 's gu robh e, gun do thòisich e aig aois gu math òg.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.