18mh linn / Iain Ruadh Stiùbhart

Am Bàrd

Rugadh Iain Ruadh ann an Cinn a' Chàrdainn ann an 1700, mac do Dhòmhnall Stiùbhart agus a bhean Barabal Sheathach. Bha eachdraidh chliùiteach aig a theaghlach: bha Alasdair Stiùbhart, a thòisich sreath nan Stiùbhartach ann an Alba, na shinnsear dha.


'S e leanabh geur a bh' ann agus fhuair e oideachadh math aig sgoil ann an Inbhir Nis. Às dèidh dha an sgoil fhàgail ghabh e a-steach dha na 'Royal Scots Greys', far an d' fhuair e rang mar oifigear. A dh'aindeoin seo, bha Iain Ruadh air taobh nan Seumasach na bheachdan, agus, ann an 1737, chaill e a dhreuchd air sgàth seo às dèidh dha, a rèir beul-aithris, prìosanach Seumasach a leigeil às.


Chaidh e a-null don Fhraing ann an 1737, agus shabaid e an aghaidh nam Breatannach, còmhla ri fògarraich Sheumasach eile, aig blàr Fontenoy ann an 1745.


A' cluinntinn gun robh Teàrlach Stiùbhart air Alba a ruighinn, thàinig e dhachaigh airson pàirt a ghabhail san ar-a-mach. Thog e 'Rèiseamaid Dhùn Èideann' agus bha e an sàs còmhla riutha tron ar-a-mach air fad.


Bha Iain Ruadh air aon dhe na ceannardan airm a b' fheàrr a bh' aig na Seumasaich, agus e gu h-àraidh sgileil ann a bhith a' planadh blàir. Tha feadhainn ag ràdh gum faodadh latha Chùil Lodair a bhith air taobh eadar-dhealaichte a ghabhail nan robh na Seumasaich air na planaichean còmhraig aigesan a chur an gnìomh.


Bha an Stiùbhartach den bheachd gun do bhrath am Morair Deòrsa na Seumasaich aig Cùl Lodair, agus thathar ag ràdh gun deach e am measg nan saighdearan às dèidh a' chatha a' coimhead air a shon gus a reubadh às a chèile.


Chaidh e air falach às dèidh an ar-a-mach airson còig mìosan, agus chaidh e dhan Fhraing còmhla ris a' Phrionnsa Teàrlach anmoch ann an 1746.


Bhàsaich e an sin ann an 1749. Chan eil adhbhar a bhàis, no àite adhlacadh, aithnichte dhuinn.


Latha-breith:

1700

Àite:

Cinn a' Chàrdainn

Foghlam:

Sgoil ann an Inbhir Nis

Teacsa

Bhuineadh Iain Ruadh do luchd an dàrna Rìgh Raibeirt

Bhuineadh Iain Ruadh do shliochd an dàrna Rìgh Raibeart, Raibeart Stiùbhart, agus mar sin bha fuil rìoghail an Stiùbhartach a' sruthadh tro na cuislean aige. Agus 's ann leis an teaghlach aige bha oighreachd Chinn Chàrdainn 's a Ghlinne Mhòir airson faisg air trì cheud bliadhna. Sin an oighreachd a bha tòiseachadh air bruaichean Uisge Spè mu choinneamh Coit a' Ghartain, 's a tha a' ruith suas gu mullach a' Chàirn Ghuirm.

Ach thuit an teaghlach ann an fiachan, agus as a' bhliadhna 1683, cheannaich Marcais Hunndaidh na fiachan aca, 's ghabh e sealbh air an oighreachd. 'S mar sin, às dèidh sin cha robh iad ach nam fìr-tac air an seann oighreachd aca fhèin.

Sin an teaghlach gam buineadh Iain Ruadh co-dhiù, Stiùbhartaich Chinn Chàirdinn - sliochd an dàrna Rìgh Raibeart, tro Alasdair Mòr Mac an rìgh, no, mar a chanas iad ris anns a' Bheurla, The Wolf of Badenoch, an sliochd aigesan. Mar sin bha fuil rìoghail Stiùbhartach sna cuislean aige, tha mi a' creidsinn gu bheil buaidh aig sin air.

Agus rugadh e sa bhliadhna 1700, is bha a mhàthair còrr is leth-cheud bliadhna a dh'aois nuair a rugadh e. 'S e Seathach a bh' innte à Rata Mhurchais, as a' sgìre seo. Chan eil ach ceithir no còig mile eadar an t-àite far a bheil mi an-dràsta agus an t-àite as an do rugadh Iain Ruadh.

Co-dhiù, rugadh e sa bhliadhna sin, 1700, agus fhuair e foghlam mhath ann an Inbhir Nis 's tha e coltach gu robh e thall-thairis cuideachd, gun d'fhuair e beagan de dh'fhoghlam thall-thairis, 's docha as a' Fhraing, no Portagail. Tha e coltach gu robh timcheall air còig cànain aige co-dhiù: Beurla, Gàidhlig, Laideann, Fraingis is Spàinnis. Agus, mar sin, 's e dùine gu math foghlamaichte a bh' ann, agus duine a bha làn ceòl co-dhiù. 'S e pìobaire a bh' ann, agus bha bàrdachd co-dhiù a' ruith san teaghlach aige.

Co-dhiù, cha chreid mi gu robh e tighinn a rèir a chàil idir a bhith na fhear-tac, no na thuathanach, agus chaidh e dhan airm. Chaidh e dhan a' rèisimeid ainmeil, Na Scots Greys. Is bha e as a' rèisimeid sin airson eadar ochd is deich bliadhna, agus dh'èirich e gu ìre 'left tenant' as na Scots Greys. Ach tha mi creidsinn gur e Seumasach a bh' ann a-riamh, 's nuair a thòisich monar thall sa Fhraing a-rithist, gu robh na Stiùbhartach a' gluasad a-rithist, gun deachaidh e null dhan Fhraing, agus chaidh e dhan a' rèisimeid thall an sin, rèisimeid Albannach a bh' aig Rìgh na Frainge, The Royal Ecossais.

'S ann sa rèisimeid sin a bha na caiftean, sa Rèisimeid sin. Agus bha e an làthair air blàr ainmeil ris an canar Fontenoy sa bhliadhna 1745, far an do rinn na Frangaich a' chùis air Diùc Chumberland agus as an airm sa latha a bha sin, bha Albannaich Seumasach, Royal Ecossais san robh Iain Ruadh Stiùbhart, agus bha Èireannaich ann cuideachd, 's bha iadsan ri aghaidh a' bhlàir, 's bha buadh mhòr aca air a' bhlàir a rèir coltais.

Co-dhiù, bha, tha mi creids gun robh e an sàs ann an.. sna rudan a bha a' tachairt co-dhiù, bha e air a bhith tighinn air ais 's air adhart beagan cuideachd eadar a' Fhraing is Alba, ag obair mar teachdaire son nan Stiùbhartach. Agus nuair a thill am Prionnsa Teàrlach a dh'Alba, thill Iain Ruadh cuideachd, 's thachair e ris ann an Blàr Athall. Agus thug e rèisimeid dha, air an robh Rèisimeid Dhùn Èideann. Ach ged 's e Rèisimeid Dhùn Èideann a bh' air a' rèisimeid, bha gu leòr de dhaoine à Srath Spè sa Rèisimeid sin, às a' sgìre seo fhèin, agus feadhainn à Siorramachd Pheairt cuideachd.

'S a tha e coltach ann an Rata Mhurchais, 's e dùthaich nan Granndach a bha seo, bha còrr aca bhith air taobh nan Deòrsach. Tha e coltach gun do chur Dìonaire Rata Mhurchais cuid dhe na daoine aige fhèin an sàs ann an Caisteal Loch an Eilein son nach fhalbhadh iad le Iain Ruadh 's leis na Seumasaich.

Co-dhiù thog e a' rèisimeid sin, Rèisimeid Dhùn Èideann, bha e an làthair aig Blàr Sliabh a' Chlamhain, bha e aig.. chaidh e gu ruige Derby, 's bha e aig Blàr Phìoraid, blàr bheag a bh' ann nuair a bha Diùc Chumberland a' tighinn faisg orra ann an Cumberland, agus rinn iad a' chùis air Diùc Chumberland an sin cuideachd. Cha bhi sinn a' cluinntinn mòran mu dheidhinn sin, Blàr Phìoraid a bh' ac' air.

Agus bha cuid ac' aig Blàr na h-Eaglaise Brice. Agus bha e aig Cùil Lodair, dìreach am meadhan na strì aig Cùil Lodair. Agus, às dèidh Cùil Lodair, an toiseach bha e feuchainn ri ar-a-mach ùr a thòiseachadh, agus a' toirt air na saighdearan tighinn còmhla a-rithist, ach nuair a dh'fhairtlich air, dìreach chaidh e am falach as na monaidhnean, 's bha e am falach ann an Rata Mhurchais, as a' sgìre seo fhèin, agus gu math tric bha e ann an uamh air aghaidh creig air a bheil Creah Odhrie, air an t-seann oighreachd aig fhèin. Agus bha e falbh bho àite gu àite, dìreach diofar àiteachean, cumail air thoiseach air na saighdearan dearga.

Ach a-nis anns an t-Sultain, chuala e gun robh am Prionnsa thall air taobh Loch Eireachd agus chaidh e null a' sin agus dh'fhalbh e còmhla ris a' Phrionnsa air ais dhan Fhraing. Tha e coltach gun do thill e turas no dhà às dèidh sin, mar teachdaire, mar àidseant Stiùbhartach. Agus, air tàilleabh sin, gu math tric, no co-dhiù barrachd air aon turas, chuir e an sgeulachd mun chuairt gun robh e marbh. Agus bha sin na chuideachadh dha ann a bhith air falbh eadar seo agus a' Fhraing.

Co-dhiù, bha e air ais 's air adhart turas no dhà, ged a chaidh a chuir mun chuairt gu robh e marbh anns a' bhliadhna 1747, chunnaic cuideigin e às dèidh sin an Alba, 's mar sin bha e beò às dèidh sin, 's tha ministear na sgìreachd aige fhèin ag ràdh gun do chaochail e sa bhliadhna 1752, thall sa Fhraing. Chan eil fhios againne càite an deachaidh an tìodhlacadh.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.