19mh linn / Iain MacIlleathain

Cuspairean

Bha Iain MacIlleathain na bhàrd ainmichte aig Tighearna Eilean Cholla agus chùm e a' dèanamh dhàn dhan teaghlach sin – gam moladh no a' toirt comhairle orra – fiù 's às dèidh dha dhol air an imrich a Chanada ann an 1819. Rinn e cuideachd dàin molaidh agus cumhaichean do dhaoine eile, òrain aotrom dhen t-seòrsa ris an canar 'bàrdachd baile', dàin spioradail agus dà dhàn iomraiteach mun t-suidheachadh aig luchd-imrich Albannach ann an Canada anns a bheil e a' cur rabhadh mun t-suidheachadh air ais gu a cho-Ghàidheil ann an Alba.


'S e mar sin bàrdachd phoblach a tha anns a' mhòr-chuid de obair Bàrd Tighearna Cholla ged a tha a staid-inntinn phearsanta air a cur an cèill ann an dòigh inntinneach, agus mhì-àbhaisteach, anns an dàn ainmeil, 'Am Bàrd an Canada'.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

A' beachdachadh air a' bhàrdachd a sgrìobhadh

Rinn e an t-uabhas bàrdachd molaidh do Thighearna Chola, ach dhan oighre aige cuideachd, ach cuideachd do urrachan mòra eile leithid Alasdair MacDhòmhnaill, ceannard Dòmhnallach Ghlinne Gharaidh. Cuideachd rinn e òrain molaidh do dhaoine eile, na seòrsa daoine a bha fàs na bu chudromaiche air a' Ghàidhealtachd air an 19mh linn - ministearan agus cuideachd saighdearan.

Nuair a thòisich am bàrd air bàrdachd a' sgrìobhadh, bha Breatainn an sàs as na cogaidhean Frangach, cogaidhean Napoleanach, agus rinn e bàrdachd molaidh air cuid dha na Gàidheal a chosnaich cliù dhaibh pèin leis an t-seirbheis a rinn 'ad as an airm, 's mar sin tha bàrdachd molaidh mar sin.

Aig a cheart àm, as a' bhàrdachd a rinn e ann an Alba bha bàrdachd baile, mar a chante ris a' bhàrdachd a tha sin, bha e a-mach air tachartasan ionadail a bha tachairt, òrain spòrsail, aoir no dhà, bha e comasach air aoirean a dhèanamh, agus rinn beagan dhiubh sin. Agus cuideachd bàrdachd, tha mi smaointinn gun do chluich na bàird pàirt cudromach nuair a bha tachartas, droch thachartas as a' choimhearsnachd, leithid bàthadh aig muir, agus rinn e beagan bàrdachd dhen t-seòrsa sin, bàrdachd a chumadh taic ri daoine aig àm duilich, gu h-àraidh nuair a chailleadh gille òg bhon a' choimhearsnachd agus rinn e beagan bàrdachd dhen t-seòrsa sin agus gu dearbha rinn e an aon seòrsa bàrdachd ann an Canada.

Tha mi smaointinn gun robh na bàird uamhasach fhèin cudromach leis mar a bha 'ad a cur an ceil bròn, am bròn a bha muinntir nan coimhearsnachd a' faireachdainn aig amannan mar sin, agus bha math air a' bhàrdachd sin.

Ann an Canada, uill, tha sinn gu math eòlach air a' bhàrdachd a rinn e mu eilthireachd, na ciad phìosan bàrdachd a rinn e 's e bàrdachd dì-moladh air an dùthaich ùr, ach soilleir gun tàinig e gu rèiteachadh air choiregineach leis an dùthaich ùr agus ann an cuid de bhàrdachd tha e a-mach air na cothroman a bha san dùthaich ùr cuideachd.

Rinn e bàrdachd molaidh, ach a-rithist do cheannardan ùra nan coimhearsnachdan ann an Canada. Bha sagart, ged is e pròstanach a bh' anns a bhàrd, bha gu math mòr, bha deagh charaid aige a bha na shagart, fear Maighstir Cailean Grannd agus a thug taic dhan bhàrd as na bliadhnaichean doirbh às dèidh dha tighinn a dh'Alba Nuadh, agus rinn am bàrd tri pìosan bàrdachd molaidh do Chailean Grannd a tha seo.

Cuideachd aoirean agus bàrdachd air tachartasan ionadail agus a-rithist bàrdachd molaidh aig àm bàis cuideachd do dhaoine as a' choimhearsnachd. 'S mar sin 's e bàrdachd mu dhaoine, mar as tric. Chanainn-sa gur e cnàimh-droma na bàrdachd uile, agus feumaidh mi ràdh gur e bàrd cudromach spioradail cuideachd. Theann e air òrain, dàin spioradail a dhèanamh ann an Canada, chan eil fianais againn gun do thòisich e nuair a bha e ann an Alba idir, ach rinn e barrachd dàin spioradail na bàrdachd shaoghalta - tha dà fhichead sa ceithir òrain shaoghalta againne, ach tha fiù 's barrachd dàin spioradail a rinn e agus a-rithist rinn e cha mhòr na dàin sin uile nuair a bha e ann an Canada, agus sin dìleab chudromach cuideachd, agus dìleab a tha buntainn ris na bliadhnachan ann an Canada.

Aig cnàimh-droma nan òran saoghalta, tha mi smaointinn gu b' e cho diofraichte 's a bha na cuspairean, tha mi smaointinn gu bheil rudeigin a bha dol tron bhàrdachd uile agus sin dilseach dhan a' chultar agus dhan a' choimhearsnachd agus dha na seann feartan Ghàidhealach agus dhan a' chànan fhèin. Bha e soilleir as a' bhàrdachd molaidh a rinn e ann an Alba gu robh e brosnachadh nan ceann-cinnidh a bhith mothachail air na dleastanasan a bh' aca dhan t-sluagh, agus as a' bhàrdachd a rinn e ann an Canada a-rithist, tha sin a' tighinn troimhe uair is uair. Bha e toirt dìon dha na Gàidheal, bha gam brosnachadh a bhith dìleas dhan dìleab a bh' aca, agus tha mi smaointinn gur e sin prìomh cuspair na bàrdachd.

As a' bhàrdachd spioradail, 's e a bhith cur an cèill na sgriobtaren ann an dòigh a thuigeas daoine agus a bhith dìleas gu leasanan nan sgriobtaran a bha an teis meadhan na h-obrach, agus is cinnteach gu robh e deimhinnte gu robh a' bheatha Chrìosdaidh cudromach, agus codromach dhan a' Ghaidheal cuideachd, agus tha mi smaointinn fiù 's as a' bhàrdachd shaoghalta a rinn e, 's e bàrdachd a bha moralta ann an iomadach dòigh, bha e cudromach a bhith dìleas dha na feartan Criosdaidh agus na feartan Ghàidhealach.

Air adhart gu

Bàrdachd

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.