19mh linn / Iain MacIlleathain

Bàrdachd - Òran don Chuairtear

Dàn 2

B' e 'Cuairtear nan Gàidheal' ràitheachan Gàidhlig a bha air fhoillseachadh ann an Alba agus a bha air a chraobh-sgaoileadh am measg nan eilthireach Ghàidhealach ann an Canada, mar sin a' dèanamh ceangal eadar an dà Ghàidhealtachd.


Tha am bàrd, a' bruidhinn às leth na coimhearsnachd ùir aige, a' cur fàilte spòrsail air an iris, a tha e a' dealbhachadh mar ghaisgeach, agus a' gabhail a' chothroim fios a chur air ais tron Chuairtear gu sheann chàirdean ann an Tiriodh.


Òran don Chuairtear

  • Deoch-slàint' a' Chuairteir a ghluais à Albainn
  • Bho thìr nam mòr-bheann 's a sheòl an fhairge
  • Don dùthaich choilltich thoirt dhuinn a sheanchais,
  • 'S am fear nach òl i, biodh mòran feirg ris.
  • Nuair thig an 'Cuairtear' ud uair sa mhìosa,
  • Gum bi na h-òganaich le toil-inntinn
  • A' tional eòlais bho chòmhradh sìobhalt,
  • 'S bidh naidheachd ùr aig' air cliù an sinnsear.
  • Gur lìonmhor maighdeann a th' ann an dèidh air,
  • 'S a bhios le coibhneas a' faighneachd sgeul dheth,
  • Le solas choinnlean a bhios ga leughadh,
  • 'S bidh eachdraidh ghaoil aige do gach tè dhiubh.
  • Chan iongnadh òigridh thoirt mòran spèis dha,
  • Nuair tha na seann daoin' tha call an lèirsinn,
  • 'S an cinn air liathadh, cho dian an dèidh air,
  • 'S nach dèan iad fhaicinn mur cleachd iad speuclair..
  • A Chuairteir shìobhalt, ma nì thu m' iarrtas
  • 'S gun cuir thu 'n t-òran seo 'n clò nan iarann,
  • Ad choibhneas giùlain don chùrsa 'n iar e,
  • Don eilean ìseal, an tìr on thriall mi.
  • Am baile gaolach a' Chaolais àillidh,
  • San robh mi chòmhnaidh nam òige, fàg e,
  • Aig Cnoc MhicDhùghaill san dlùth mo chàirdean,
  • 'S thoir fios gan ionnsaigh gu bheil mi 'm shlàinte.

Òran don Chuairtear

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Rinn e ochd pìosan bàrdachd air Tighearna Chola

Rinn e ochd pìosan bàrdachd air Tighearna Chola fhèin, sin Alasdair Ruadh mar a bh' aig na Gàidheil air an còigeamh Tighearna Chola, agus bha oighre aige. Agus nuair a phòs e, rinn e pìos bàrdachd air, agus aon phìos bàrdachd eile air an oighre. Tha e car inntinneach, tha e soilleir nuair a leughas tu na pìosan bàrdachd a rinneadh air oighre Alasdair Ruaidh nach robh Bàrd Thighearna Chola cho buileach cinnteach am biodh an t-oighre a cheart cho taiceil dhan an t-sluagh, agus am biodh e cheart cho taiceil dhan a' chultar 's a bha Tighearna Chola fhèin. Ged 's e bàrdachd molaidh a bh' as an dà phìos bàrdachd, tha rabhadh beag air siud 's an seo ag èirigh.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain MacIlleathain

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.