19mh linn / Iain MacIlleathain

Am Bàrd

Rugadh Iain MacIlleathain anns a' Chaolas, Eilean Thiriodh, ann an 1787. B' esan an treas mac aig Ailean MacIlleathain is Mairead NicPhàidein.


Fhuair e deagh oideachadh, 's bha comas sgrìobhaidh aige anns an dà chuid Beurla agus Gàidhlig. An dèidh dha an sgoil fhàgail, thug MacIlleathain a-mach ceàird greusaiche. Aig an àm-sa, bha MacIlleathain cuideachd na bhàrd ainmichte do Thighearna Eilean Chola, Alasdair MacIlleathain.


Thòisich e a' dèanamh bàrdachd 's e glè òg, agus ann an 1818 dh'fhoillsich e cruinneachadh de bhàrdachd, 'Orain Nuadh Ghàidhealach, le Iain Mac Illeain, ann an Eilean Tirreadh' - cuid a bha e fhèin air a dhèanamh agus cuid bho bhàird eile.


Ann an 1819 dh'imrich teaghlach MhicIlleathain a dh'Alba Nuadh, a' sireadh beatha ùr. B' ann mun àm seo a sgrìobh MacIlleathain A' Choille Ghruamach, bàrdachd anns a bheil e a' gearain mu bheatha san t-Saoghal Ùr.


Dh'fhàs cùisean na b' fheàrr ged-tà, agus ann an 1831 bha an teaghlach air gluasad gu Gleann a' Bhàird, baile air taobh siar Antigonish.


An dèidh dha Alba fhàgail, chùm MacIlleathain a' dèanamh dàin molaidh do theaghlach Thighearna Eilean Chola. Rinn e cuideachd dàin molaidh, cumhaichean, òrain aotrom mu thachartasan agus mu dhaoine sònraichte, dàin spioradail agus dà dhàn iomraiteach mun t-suidheachadh aig luchd-imrich à Alba a Chanada.


Chaochail e ann an Alba Nuadh ann an 1848.


Latha-breith:

1787

Àite:

A' Chaolas, Eilean Thiriodh

Teacsa

Dealbh den bhàrd

'S e duine, tha dealbh dhe mas fhìor, chan eil sinn buileach cinnteach an e an duine a tha san dealbh am bàrd, ach a rèir an dealbh agus a rèir na bh' aig daoine eile ri ràdh, 's e duine car goirid a bh' ann le falt dubh, dubh. Ach duine cuimseach foghainteach, agus bha e gu measail air coiseachd, bha 'ad ag ràdh, agus as an t-seagh sin 's e duine a bha cuimseach làidir na chorp, ged a dh'fhàs e gu math tinn le caitheamh nuair a bha e seann, agus tha mi cinnteach gun robh sin mar phàirt dhen adhbhar a chaochail e aig aois cuimseach òg.

A thaobh an seòrsa duine a bh' ann, 's cinnteach gur e duine uamhasach fhèin làn spòrs a bh' ann. A rèir a h-uile rud a leugh sinn mu dheidhinn, agus an duine a tha nochdadh as a' bhàrdachd, 's e duine a bha na Chrìosdaidh, ach aig a' cheart àm, bha e measail air companach. Thuirt an eachdraidh-beatha a chaidh a sgrìobhadh le ogha, bàrd eile agus foillseachair agus eòlaiche, Alexander MacLean Sinclair, thuirt e gun robh am bàrd uamhasach fhèin measail air companach, air bàrdachd, air innse sgeulachdan, ach cha robh e idir cho measail air obair an tuathanas agus obraichean dhen t-seòrsa eile.

'S e greusaiche a bh' ann agus thuirt ogha nach robh e idir cho measail air an obair sin sa bha e air bàrdachd, air còmhradh, air seanchas, agus a' leithid, agus cuideachd 's e duine a bha làn spòrs, a rèir na bh' aig a h-uile duine ri ràdh. Nuair a chaochail e chaidh co-dhiù trì òrain molaidh a dhèanamh agus bha na bàird uile ann an Alba Nuadh, a rinn na h-òrain sin, bha 'ad uile a-mach air na h-aon phuingean - 's e fìor dhuine uasal a bh' ann, daoine còir, coibhneil, agus duine a bha na sheanchaidh.

'S e deagh sheinneadair a bh' ann cuideachd, bha a h-uile duine toirt luaidh air cho math sa bha e ann a bhith seinn nan òran, cho math ri dèanamh òrain, agus cuideachd 's e duine a bha rud beag, aig amannan, mar a bha na bàird rud beag, chanamaid àrdanach - rud beag, dìreach moiteil às fhèin. Bha e smaointinn gum bu chòir urram a bhith aig daoine, aig cuid a dhaoine air, leis cho cudromach sa bha na bàird.

Agus tha sgeulachd air nochdadh. 'S e Bàrd Thighearna Chola a bh' air. Bha am bàrd.. b' e aon de na bàird mu dheireadh a bha sgrìobhadh bàrdachd molaidh do theaghlach Cloinn 'iclleathain Chola, agus a rèir na sgeulachd, sgeulachd a chaidh a chumail beò ann an Tiriodh agus ann an Cola cuideachd, ach cuideachd air tìr-mòr, bha bàird Tighearna Chola air tìr-mòr còmhla ri Alasdair MacIlleathain, ceannard Chloinn Illeathain Chola, aig fèis air choireigineach agus bha Alasdair MacDhòmhnaill, sin ceannard clann Dhòmhnaill Gleanan Garadh aig an aon fèis.

Chaidh am bàrd fhàgail air an taobh a-muigh nuair a bha na h-urracha mòra air an taobh a-staigh ag ithe. Chaidh am bàrd fhàgail air an taobh a-muigh, thàinig Gleanna Gàrradh seachad, chunnaic e gun deach an bàrd fhàgail air an taobh a-muigh, bha smaointinn gum biodh e iomchaidh nan robh am bàrd air an taobh a-staigh aig an dìnnear, agus thugadh am bàrd a-steach le Gleann Garadh. Agus nuair thàinig iad a-steach rinn am bàrd pìos bàrdachd molaidh do Ghleanna Gàrradh, agus 's e righ nan Gàidheil uile a bh' aig a' bhàrd air Gleann Garadh, agus air sàillibh sin, ghabh Alasdair Ruadh pàtran fear Cholla, ghabh e san t-sròn e, agus thuirt e "Iain, Iain dè rinn thu ormsa, carson a rinn thu orm, mar sin ormsa?" agus fhreagair am bàrd as a spot, "Dhèanainn sin nan robh thu airidh air."

Bha e dìreach cho mi-thoilichte gun deach fhàgail air an taobh a-muigh, agus bha e toilichte gun robh ceann-cinnidh eile deònach urram a thoirt dha. 'S mar sin, sin mar a bha na bàird, tha mi smaointinn, agus sin mar a bha esan. Bha 'ad a' tuigsinn gu robh 'ad cudtromach dha na cinn-cinnidh, a' cheart cho cudromach dhaibhsan leis an obair molaidh a bha 'ad a' dèanamh fhad 's a bha na cinn-cinnidh dhaibhsan mar luchd taic.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.