19mh linn / Iain MacIlleathain

Am Bàrd

Rugadh Iain MacIlleathain anns a' Chaolas, Eilean Thiriodh, ann an 1787. B' esan an treas mac aig Ailean MacIlleathain is Mairead NicPhàidein.


Fhuair e deagh oideachadh, 's bha comas sgrìobhaidh aige anns an dà chuid Beurla agus Gàidhlig. An dèidh dha an sgoil fhàgail, thug MacIlleathain a-mach ceàird greusaiche. Aig an àm-sa, bha MacIlleathain cuideachd na bhàrd ainmichte do Thighearna Eilean Chola, Alasdair MacIlleathain.


Thòisich e a' dèanamh bàrdachd 's e glè òg, agus ann an 1818 dh'fhoillsich e cruinneachadh de bhàrdachd, 'Orain Nuadh Ghàidhealach, le Iain Mac Illeain, ann an Eilean Tirreadh' - cuid a bha e fhèin air a dhèanamh agus cuid bho bhàird eile.


Ann an 1819 dh'imrich teaghlach MhicIlleathain a dh'Alba Nuadh, a' sireadh beatha ùr. B' ann mun àm seo a sgrìobh MacIlleathain A' Choille Ghruamach, bàrdachd anns a bheil e a' gearain mu bheatha san t-Saoghal Ùr.


Dh'fhàs cùisean na b' fheàrr ged-tà, agus ann an 1831 bha an teaghlach air gluasad gu Gleann a' Bhàird, baile air taobh siar Antigonish.


An dèidh dha Alba fhàgail, chùm MacIlleathain a' dèanamh dàin molaidh do theaghlach Thighearna Eilean Chola. Rinn e cuideachd dàin molaidh, cumhaichean, òrain aotrom mu thachartasan agus mu dhaoine sònraichte, dàin spioradail agus dà dhàn iomraiteach mun t-suidheachadh aig luchd-imrich à Alba a Chanada.


Chaochail e ann an Alba Nuadh ann an 1848.


Latha-breith:

1787

Àite:

A' Chaolas, Eilean Thiriodh

Teacsa

Rinn e obair chudromach a' trusadh bàrdachd

Tha mi smaointinn am measg cuid mhath dhe na bàird, tha mi smaointinn gu robh cuid aca co-dhiù cho òg sin, cuid aca bhiodh iad a' tòiseachadh na b' ainmiche. Ach, a-rithist, na thàinig a-steach ormsa dìreach cho foirfe..

Dhomhsa, cuid dhe na h-òrain molaidh a rinn e do Thighearna Chola, mar bhàrdachd bha 'ad gu math comasach, ach chan eil 'ad 's docha a cheart cho inntinneach dhuinne san là th' ann, ach dìreach a thaobh meatarachd agus an greim a bh' aige air meatarachd na bàrdachd, agus faclaireachd no briathrachas a chleachdadh na bàird. Tha deagh eisimpleirean den chòd molaidh, mar a th' aig Iain MacAonghais air a' bhriathrachas agus na h-ìomhaighean a chleachdadh nam bàird gus moladh a dhèanamh do chinn-chinnidhean no do h-urracha mòra. Agus san t-seagh sin, tha mi smaointinn gun e bàrd gu math, gu math comasach aig aois gu math òg, agus 's e sin a thàinig a-steach ormsa.

Chan urrainn dhuinn a bhith buileach cinnteach cuin a sgrìobh e cuid dhen bhàrdachd molaidh agus 's e bàrd baile, mas toil leibh, a bha as a' bhàrd cuideachd. Bha e dèanamh bàrdachd mu chuspairean làitheil a bha tachairt ann an Tiriodh cuideachd, agus cuid dhen bhàrdachd sin, 's ann a tha e duilich ri ràdh cuin a chaidh am pìos bàrdachd a dhèanamh.

Ach tha mi smaointinn a-rithist, stèidhichte air an fhiosrachadh, am fiosrachadh a tha sa bhàrdachd, gun deach cuid mhath a dhèanamh aig aois cuimseach òg. Cha robh e ach trì fichead sa dhà nuair a dh'fhàg e Tiriodh, agus nuair a dh'fhàg e bha e air leabhar fhoillseachadh mar-thà, ann an 1818, leis a' bhàrdachd aige fhèin.

A bharrachd air a' sin bha bàrdachd a rinneadh le bàird ainmeil eile. Sin rud eile a bha cudromach mu dheidhinn, bha e a' trusadh bàrdachd cuideachd agus rinn e obair uamhasach fhèin cudromach ann a bhith sgrìobhadh sìos bàrdachd bhàird eile. Bha e comasach ann an leughadh agus sgrìobhadh agus as a' leabhar a chur e a-mach, chan eil sinn buileach cinnteach cuin a thòisich e air ath-sgrìobhadh òrain a bha e cluinntinn, ach tha amharas agam gur ann eadar 1814–1816. Tha fhios againn gun do ghabh e turas no dhà gu tìr-mòr a dh'aona ghnothach gus òran a thogail agus bàrdachd a' sgrìobhadh sìos. Tha pìosan bàrdachd a rinneadh le Mairead nighean Lachainn, a rinneadh le Iain Lom, Alasdair MacFhionghain, a bha na bhàird cudromach à Mòrar, agus bàird eile, Sìleas na Ceapaich, ma 's math mo chuimhne.

Agus as an ro-ràdh as an leabhar a chur e a-mach 1818, nuair a bha e mu fichead sa h-aon deug bliadhna a dh'aois, bha e ag ràdh gun tug e sùil agus gun do leugh e na co-chruinneachaidhean eile cudromach a bha nochdadh, co-chruinneachadh aig Raghnall Dòmhnallach a thàinig a-mach ann an 1776, leabhar a thugadh a-mach le fear Gilliosach beagan bhliadhnaichean às dèidh sin, an co-chruinneachadh cudromach air na Stiùbhartaich a thàinig a-mach tràth as an naoidheamh linn deug, agus Mac an Tuairnear cuideachd, co-chruinneachaidh uamhasach fhèin cudromach.

Agus bha na leabhraichean sin aige nuair a thàinig e a Chanada agus is cinnteach gun tug e sùil air na co-chruinneachaidhean eile a bha tighinn a-mach, gu robh e air a bhrosnachadh leis an obair sin, gu robh e mothachail air cho cudromach sa tha e a' bhàrdachd seo a sgrìobhadh sìos. Bha fios aige gu robh atharraichean mòra a' tachairt as an t-saoghal a bha dualtach uallach a chur air a' Ghàidhlig agus air na h-òrain cuideachd, agus bha e deimhinnte gun robh aige, agus aig daoine eile aig an robh comas sgriobhaidh, bàrdachd a' sgrìobhadh sìos, nan seann òran a' sgrìobhadh sìos agus thuirt e as an ro-ràdh aige gun do leugh e na co-chruinneachaidhean eile, gun robh e a' feuchainn ri òrain nach deach an clò mar-thà, nam measg na h-òrain aige fhèin, a chur ann an clò los gum biodh clàr na b'fharsaing aig na Gàidheil air an dualchas aca fhèin, agus chùm e air leis an obair ath-sgrìobhaidh às dèidh dha dhol a Chanada cuideachd.

Agus le sin, 's e fear cruinneachaidh nan òran a bh' ann cuideachd agus rinn e seirbheis nach beag san t-seagh sin. Ach bha a' sealltainn an seòrsa duine a bh' ann, bha e na bhàrd, bha e na sheinneadair math a rèir na chuala sinne, ach bha e mothachail air cho cugallach sa bha dìleab nam bàrd agus an cultar aig an àm a bha sin. Agus cuideachd cho cudromach sa bhiodh clò-sgrìobhte, am facal sgrìobhte, leabhraichean, ann a bhith a' tasgadh cultar nan Gàidheil, agus tha mi a' smaointinn, a-rithist, bha e 'g obair air an obair sin aig aois gu math òg, nuair a bha e na òige na 30, agus as an t-seagh sin 's e duine a bha uamhasach fhèin comasach na inntinn aig aois gu math òg. Tha mi smaointinn gur e duine uamhasach fhèin lèirsinneach a bh' ann agus dìlseachd dhan a' chànan, dìlseachd dhan a' chultar agus dìlseachd dha na seann feartan Ghàidhealach - bha sin aig cridhe na bàrdachd aige, ach is cinnteach gu robh na feartan sin aig cridhe a bheatha cuideachd.

Air adhart gu

Cuspairean

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.