19mh linn / Iain MacIlleathain

Am Bàrd

Rugadh Iain MacIlleathain anns a' Chaolas, Eilean Thiriodh, ann an 1787. B' esan an treas mac aig Ailean MacIlleathain is Mairead NicPhàidein.


Fhuair e deagh oideachadh, 's bha comas sgrìobhaidh aige anns an dà chuid Beurla agus Gàidhlig. An dèidh dha an sgoil fhàgail, thug MacIlleathain a-mach ceàird greusaiche. Aig an àm-sa, bha MacIlleathain cuideachd na bhàrd ainmichte do Thighearna Eilean Chola, Alasdair MacIlleathain.


Thòisich e a' dèanamh bàrdachd 's e glè òg, agus ann an 1818 dh'fhoillsich e cruinneachadh de bhàrdachd, 'Orain Nuadh Ghàidhealach, le Iain Mac Illeain, ann an Eilean Tirreadh' - cuid a bha e fhèin air a dhèanamh agus cuid bho bhàird eile.


Ann an 1819 dh'imrich teaghlach MhicIlleathain a dh'Alba Nuadh, a' sireadh beatha ùr. B' ann mun àm seo a sgrìobh MacIlleathain A' Choille Ghruamach, bàrdachd anns a bheil e a' gearain mu bheatha san t-Saoghal Ùr.


Dh'fhàs cùisean na b' fheàrr ged-tà, agus ann an 1831 bha an teaghlach air gluasad gu Gleann a' Bhàird, baile air taobh siar Antigonish.


An dèidh dha Alba fhàgail, chùm MacIlleathain a' dèanamh dàin molaidh do theaghlach Thighearna Eilean Chola. Rinn e cuideachd dàin molaidh, cumhaichean, òrain aotrom mu thachartasan agus mu dhaoine sònraichte, dàin spioradail agus dà dhàn iomraiteach mun t-suidheachadh aig luchd-imrich à Alba a Chanada.


Chaochail e ann an Alba Nuadh ann an 1848.


Latha-breith:

1787

Àite:

A' Chaolas, Eilean Thiriodh

Teacsa

Bha comas aige ann am bàrdachd bho aois glè òg

Tha eisimpleirean de bhàrdachd a rinn e nuair a bha e òg òg, nuair a bha e na ghille, rannan beaga agus gu deimhinne, nuair a bha mi fhìn shuas ann an Tiriodh dìreach bho chionn trì bliadhna, chuala mi rann aig fear Alasdair MacIlleathain a tha fuireach ann an Sgairinis a tha e-fhèin càirdeach ris a' Bhàrd, agus tha tòrr rannan a chaidh a chruinneachadh le diofar dhaoine a rinn am bàrd nuair a bha e na ghille agus tha sin a' sealltainn, tha mi smaointinn, gu robh comas aige ann am bàrdachd aig aois gu math òg.

Bha bàrdachd as an teaghlach, as na daoine air gach taobh. Air taobh athair, bha bàird as an teaghlach agus air taobh a' mhàthair, bha bàrd fear Lamont à Tìoradh a bha cuideachd na bhàrd do Thighearna Chola as an ochdamh linn deug, 's mar sin, bha bàrdachd air gach taobh 's gu deimhinne bha aon dhe na bràithrean aig bàrd Thighearna Chola, Dòmhnall a' Chùbair, mar a th' aig muinntir Thioradh air, bha e-fhèin na bhàrd, glè chomasach, agus am measg nan ghinealach a thàinig às an dèidh, bha bàrd as an teaghlach. 'S mar sin, bha bàrdachd as an daoine.

A thaobh na bàrdachd mòra, na bàrdachd na bu chudromaiche, na bu shusbaintiche, chan eil sinn gu buileach cinnteach cuin a thòisich e ach chanainn-s' gur ann an eadar 1805 agus 1807 a thòisich e air bàrdachd a sgrìobhadh, bàrdachd do Thighearna Chola. Agus a rèir fianais as a' bhàrdachd fhèin, chanainn-s' gur ann mun àm seo, nuair a bha am bàrd eadar ochd bliadhna deug agus fichead bliadhna a dh'aois. Agus fiu 's as a' bhàrdachd sin, chì sinn gur e bàrd gu math coileanta a bh' ann, bàrd aig an robh fìor dheagh ghreim air meatarachd, air briathrachas, air stoidhle agus le sin, bha e na bhàrd comasach air aois gu math òg.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.