19mh linn / Iain MacIlleathain

Am Bàrd

Rugadh Iain MacIlleathain anns a' Chaolas, Eilean Thiriodh, ann an 1787. B' esan an treas mac aig Ailean MacIlleathain is Mairead NicPhàidein.


Fhuair e deagh oideachadh, 's bha comas sgrìobhaidh aige anns an dà chuid Beurla agus Gàidhlig. An dèidh dha an sgoil fhàgail, thug MacIlleathain a-mach ceàird greusaiche. Aig an àm-sa, bha MacIlleathain cuideachd na bhàrd ainmichte do Thighearna Eilean Chola, Alasdair MacIlleathain.


Thòisich e a' dèanamh bàrdachd 's e glè òg, agus ann an 1818 dh'fhoillsich e cruinneachadh de bhàrdachd, 'Orain Nuadh Ghàidhealach, le Iain Mac Illeain, ann an Eilean Tirreadh' - cuid a bha e fhèin air a dhèanamh agus cuid bho bhàird eile.


Ann an 1819 dh'imrich teaghlach MhicIlleathain a dh'Alba Nuadh, a' sireadh beatha ùr. B' ann mun àm seo a sgrìobh MacIlleathain A' Choille Ghruamach, bàrdachd anns a bheil e a' gearain mu bheatha san t-Saoghal Ùr.


Dh'fhàs cùisean na b' fheàrr ged-tà, agus ann an 1831 bha an teaghlach air gluasad gu Gleann a' Bhàird, baile air taobh siar Antigonish.


An dèidh dha Alba fhàgail, chùm MacIlleathain a' dèanamh dàin molaidh do theaghlach Thighearna Eilean Chola. Rinn e cuideachd dàin molaidh, cumhaichean, òrain aotrom mu thachartasan agus mu dhaoine sònraichte, dàin spioradail agus dà dhàn iomraiteach mun t-suidheachadh aig luchd-imrich à Alba a Chanada.


Chaochail e ann an Alba Nuadh ann an 1848.


Latha-breith:

1787

Àite:

A' Chaolas, Eilean Thiriodh

Teacsa

Ag innse mu beatha a' bhàird

Rugadh am Bàrd ann an Tiriodh, ann an Caolas ann an Tiriodh, sgìre aig Taobh an Ear den Eilein, ann an 1787. Agus thogadh e ann an sin. Dh'fhuirich e ann an Tiriodh gus mu 1808 nuair a chaidh e a Ghlaschu fad tacan. Agus bha e fuireach ann an sin, sin far an do phòs am bàrd ri boireannach à Lios Mòr, Iseabail Nic Ille Dhuibh, agus thàinig iad air ais a Thiriodh mu 1810. Dh'fhuirich iad ann an Tiriodh gu 1819 nuair a thog iad a' Chanada, cha b' e Canada a bh' ann aig an àm ach Ameireaga Tuath, Alba Nuadh.

Fhuair iad baile fearann shuas ann an Siorrachd Phictou ann an Alba Nuaidh, tìr-mòr Alba Nuadh, taobh an ear dhen cholony a bha siud, ann an àite uabhasach ainmeileachd, Abhainn Bharney, sin ainm na sgìre, agus bha iad ann an sin fada, mu aon bhliadhna deug agus an uair sin, fhuair iad baile fearann eile ann an Siorrachd Antigonish, àite ris an canar san latha an-diugh Gleann a' Bhàird, mar chuimhneachain air a' Bhàird.

Dh'fhuirich iad ann an sin, agus tha cuid den teaghlach a' fuireach às an sgìre sin gus an latha an-diugh, ach chaochail am bàrd ann an 1848. Chaidh e a thìodhlacadh ann an Gleann a' Bhàird, tha cladh ann an Gleann a' Bhàird, agus gu deimhinne ann an 1960, thogadh càrn mar chuimhneachain air a' bhàrd le mòr-roinn Alba Nuadh, mar urram dhan a' bhàrd agus dha chuid bhàrdachd.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.