19mh linn / Iain Mac a' Ghobhainn

Bàrdachd -
Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 72

Dàn 4


Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 74


Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 96

[an error occurred while processing this directive]


Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 107

[an error occurred while processing this directive]

Notice: Undefined offset: 4 in D:\Webspace\cms\tmpl_bardachd4.php on line 117

Teacsa

Cuspair eile a tha tric a' nochdadh sa bhàrdachd

Tha Òran an t-Seana Ghille mu dheidhinn seana ghille, agus mu dheidhinn gum b'fheàrr dha a bhith smaoineachadh mu dheidhinn dè tha dol a thachairt dha na bheatha ma tha e gu bhith seachnadh a bhith na 'bhatchelor'. Cha robh facal Gàidhlig againn airson 'batchelor' idir, ach 'batchelor' fhèin, agus bha gu leòr dhiubh ann timcheall cuideachd. Tha mi smaoineachadh air dòigh gur e rud a bh' ann a bha togail inntinn dhaoine, bha daoine smaoineachadh mu dheidhinn agus an dèidh sin, eil fhios agad, ged a bha rabhaidhean mòra air a chuir rompa nach bu chòir dhaibh a bhith dol nan seann ghillean, cha robh iad a' gabhail ris a' seo, 's bha tòrr fhear nach biodh a' pòsadh as an àite.

Às dèidh a' chogaidh bho dheireadh, chaidh òran a dhèanamh mu dheidhinn batcheloran ann am Beàrnaraigh, agus abair gun do rinn e còmhradh 's beagan aimhreit. Ach 's e rud a bh' ann a bha ann an inntinn dhaoine, 's e rud a bh' ann a bhiodh daoine dèanamh fealla-dhà dhe cuideachd, eil fhios agad, cha b' ann dha-rìribh gu lèir a tha Òran an t-Seana Ghille, ged a tha e dha-rìribh -

"Mur h-aithne dhut fhèin e, innsidh mise dhut Liuthad rud ceanalta dhèanadh bean òg."

Tha e a' cuir ann an sùilean an t-seana ghille gu bheil seo iomchaidh, agus an uair sin tha e ag innse dha mu dheidhinn rudan math a bhiodh e a' faighinn às -

"Dhèanadh i càrdadh, dhèanadh i calanas. Dh'fhuineadh i aran is bhleòghnadh i bò; Dhèanadh i èibhinn 'n àm dol a chadal thu – 'S iomadh rud beannaicht' bhiodh agaibh gu lò."

Rudan dhen t-seòrsa-sa, 's bhiodh seo, eil fhios agad, a' togail còmhradh 's gàire. Seo fear dha na h-amhrain a bhite a' gabhail aig bainnsean 's aig oidhche Bliadhn' Ùire san leithid sin a rud, 's nuair a bhiodh daoine airson a bhith dèanamh fealla-dhà 's a' leithid sin.

Ach tha taobh eile air cuideachd, eil fhios agad, tha e sealltainn mar a tha beatha an duine air a riaghladh agus mar nach eil, air dòigh, e glè fhàbharach dha a bhith na aonar, 's mar a thionndaicheas a bheatha ma bhios e na aonar.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Mac a' Ghobhainn

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.