19mh linn / Iain Mac a' Ghobhainn

Bàrdachd - Òran Luchd an Spòrs

Dàn 2

Tha Iain Mac a' Ghobhainn san dàn seo a' cronachadh Alba mar dhùthaich airson leigeil le coigrich bheairteach an talamh air a' Ghàidhealtachd a cheannach airson sealg, a' fuadach às nan Gàidheal a shabaid dhi na cuid chogaidhean.


Tha reusanachadh làidir a' ruith tron dàn, mar as àbhaist leis a' bhàrd seo, agus sin air a chur an cèill ann an cainnt shoilleir, dhealbhach. Tha e gu h-àraidh sgileil air beum tàireil a thoirt seachad, mar eisimpleir nuair a tha e a' bruidhinn air cho beag feum 's a bhiodh anns an luchd-seilg mar shaighdearan: "Is mòr m' eagal gun gèill iad sa chùis sin, ged 's sgiobalt' a chiùrras iad geàrr."


Tha pàirtean den argamaid phoilitigich aig Mac a' Ghobhainn sam bheil cuid air ceist a chur, mar eisimpleir gu bheil e a' moladh nan seann cheann-feadhna ged is iad a reic am fearann ris an "luchd-fuadain" agus nach eil e cho mothachail is a tha luchd-eachdraidh on uair sin gur e, ann an seagh, pàirt dhen aon ghluasad a bha ann an togail nan reisimeidean Gàidhealach agus na Fuadaichean. A dh'aindeoin sin, tha na tha aige ri ràdh san dàn seo na fhianais chudromach air gluasad sòisealta agus eaconomach a thachair ri a linn agus a thug buaidh mhòr air a' Ghàidhealtachd, fianais a tha air a cur tarsainn ann an dòigh shoilleir agus làidir.


Òran Luchd an Spòrs

  • Is muladach mise 's nach feud mi,
  • Alba, cliù ceutach a luaidh ort;
  • 'S grànda ri innse do bheusan,
  • Bhuin thu cho neo-ghèitheil is suarach.
  • Ged a bha sliochd agad sàr-ghrinn,
  • Ochan, bu mhàthair gun truas thu:
  • Thilg thu do chlann bhàrr do bhroillich,
  • Gu rùm do na bodaich a thruaill thu.
  • Bodaich a thruaill thu gu mòr,
  • Bhon a bha 'm pòca làn òir:
  • Roghnaich thu bodaich an airgid
  • 'S chuir thu air falbh na fir chòir.
  • Chuir thu air falbh na fir chòir –
  • Righ! cha b' e chòir ach an eucoir;
  • Eadar iad 's dùthaich an eòlais
  • Tha fairgeachan mòra a' beucadh;
  • Muinntir gud shaoradh bhon fhòirneart
  • Rachadh gu deònach san t-streupa,
  • Muinntir dol eadar thu 's toisgean
  • Chuireadh 's a chosnadh an treun-chath.
  • Cò nise thèid dàna nad adhbhar?
  • Tha Gàidheil nan euchd air an ruagadh –
  • Nam biodh iad an guaillibh a chèile,
  • Cò ta fon ghrèin chuireadh ruaig orr'?
  • Nise, on chuir thu air chèin iad,
  • Cha 'dùthaich nan treun' à seo suas thu –
  • Dùthaich nan ruinnsearan Sasannach,
  • Dùthaich nam madradh 's nan ruadh-chearc.
  • Tha Gàidheil a-nis air an sgiùrsadh
  • Gun adhbhar à dùthaich an àraich,
  • Peanas luchd-uilc ac' ga ghiùlan,
  • Ged is ann cliùiteach a bha iad –
  • Air seachran sna fàsaichean dorcha,
  • Measg allmharach borba na fàs-choill,
  • A' tilgeil an saighdean gu millteach,
  • Gud chridhe le cinnt tha ro-bhàsmhor...
  • Bha uair gum b' e aiteas cheann-feadhna
  • Còmhnaidh nan daoine bhith teann orr' –
  • B' ait leò bhith faicinn gach taobh dhiubh
  • Fàrdaichean faoilte nan gleanntan;
  • Thionndaidh na h-uile car claon oirnn,
  • Thàinig oirnn caochladh on àm sin –
  • Rinneadh ar gleannan fuar fàsail,
  • Dh'fhairich sinn làmhan nan aintighearn'.
  • Làmhan nan aintighearnan truagh'
  • A chuir às am fearann an sluagh,
  • Daormainn an ionad nan àrmann,
  • A chinnich le fàrdaichean fuar'.
  • Siud na garraich a tha
  • An àite na muinntir a bha
  • A' riaghladh air Gàidhealtachd Alba –
  • Chan urrainn g' eil sealbh dhuinn an dàn.
  • 'N Tì shocraich bun daingeann na talmhainn
  • 'S a thug am muir gailbheach gu òrdugh,
  • 'N Tì shuidhich bun daingeann nan àrd-bheann
  • 'S a dh'àrdaich am bàrr gu na neòil orr',
  • 'N Tì chuir ùir air an aigeal
  • 'S a sgaoil brat maiseach an fheòir air,
  • Nuair chunnaic e 'n domhan seo crìochnaicht',
  • Dh'iarr gun lìonte le slòigh e.

Òran Luchd an Spòrs

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Cuspair eile a tha tric a' nochdadh sa bhàrdachd

Tha Òran an t-Seana Ghille mu dheidhinn seana ghille, agus mu dheidhinn gum b'fheàrr dha a bhith smaoineachadh mu dheidhinn dè tha dol a thachairt dha na bheatha ma tha e gu bhith seachnadh a bhith na 'bhatchelor'. Cha robh facal Gàidhlig againn airson 'batchelor' idir, ach 'batchelor' fhèin, agus bha gu leòr dhiubh ann timcheall cuideachd. Tha mi smaoineachadh air dòigh gur e rud a bh' ann a bha togail inntinn dhaoine, bha daoine smaoineachadh mu dheidhinn agus an dèidh sin, eil fhios agad, ged a bha rabhaidhean mòra air a chuir rompa nach bu chòir dhaibh a bhith dol nan seann ghillean, cha robh iad a' gabhail ris a' seo, 's bha tòrr fhear nach biodh a' pòsadh as an àite.

Às dèidh a' chogaidh bho dheireadh, chaidh òran a dhèanamh mu dheidhinn batcheloran ann am Beàrnaraigh, agus abair gun do rinn e còmhradh 's beagan aimhreit. Ach 's e rud a bh' ann a bha ann an inntinn dhaoine, 's e rud a bh' ann a bhiodh daoine dèanamh fealla-dhà dhe cuideachd, eil fhios agad, cha b' ann dha-rìribh gu lèir a tha Òran an t-Seana Ghille, ged a tha e dha-rìribh -

"Mur h-aithne dhut fhèin e, innsidh mise dhut Liuthad rud ceanalta dhèanadh bean òg."

Tha e a' cuir ann an sùilean an t-seana ghille gu bheil seo iomchaidh, agus an uair sin tha e ag innse dha mu dheidhinn rudan math a bhiodh e a' faighinn às -

"Dhèanadh i càrdadh, dhèanadh i calanas. Dh'fhuineadh i aran is bhleòghnadh i bò; Dhèanadh i èibhinn 'n àm dol a chadal thu – 'S iomadh rud beannaicht' bhiodh agaibh gu lò."

Rudan dhen t-seòrsa-sa, 's bhiodh seo, eil fhios agad, a' togail còmhradh 's gàire. Seo fear dha na h-amhrain a bhite a' gabhail aig bainnsean 's aig oidhche Bliadhn' Ùire san leithid sin a rud, 's nuair a bhiodh daoine airson a bhith dèanamh fealla-dhà 's a' leithid sin.

Ach tha taobh eile air cuideachd, eil fhios agad, tha e sealltainn mar a tha beatha an duine air a riaghladh agus mar nach eil, air dòigh, e glè fhàbharach dha a bhith na aonar, 's mar a thionndaicheas a bheatha ma bhios e na aonar.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Mac a' Ghobhainn

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.