19mh linn / Iain Mac a' Ghobhainn

Bàrdachd - Spiorad a' Charthannais

Tha structar teann agus reusanachadh soilleir san dàn seo. Tha sin, le cainnt gheur agus rannaigheachd shiùbhlach a' bhàird, a' fàgail gur e seo ionnsaigh cho làidir is a gheibhear ann am bàrdachd Ghàidhlig air na Fuadaichean.


Sa chiad chòig rannan tha am bàrd a' beachdachadh air gnè spiorad a' charthannais agus an diofar a dhèanadh e don t-saoghal nan leanadh daoine an dòigh-beatha seo: airson notaichean air seo cliog air Spiorad.


Anns an ath chòig rannan tha e a' leudachadh air a' chron a tha dìth carthannais a' dèanamh anns an t-saoghal san fharsaingeachd: cliog air Dìth airson seo.


Às dèidh rann far a bheil e a' cur an cèill amasan an dàin, tha Mac a' Ghobhainn anns an ath chòig rannan a' càineadh nan uachdaran agus nam bàillidhean airson a bhith cho cruaidh air an t-sluagh: cliog air Uachdarain airson seo.


Anns na ceithir rannan deireannach, tha e a' toirt ionnsaigh gu h-àraidh air Dòmhnall Rothach, bàillidh Leòdhais: cliog air Crìoch airson seo.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Spiorad a' Charthannais

  • O Spioraid shoilleir shàr-mhaisich,
  • A Spioraid ghràsmhoir chaoin
  • Tha riaghladh anns an àros sin
  • Tha uile làn de ghaol,
  • Nan gabhamaid gu càirdeil riut,
  • Gad fhàilteachadh gu caomh,
  • 'S e siud a bheireadh àrdachadh
  • Do nàdar chloinn nan daoin'.
  • Nam b' eòl dhuinn thu nad mhaisealachd
  • 'S nam b' aithne dhuinn do luach,
  • 'S e siud a bheireadh inntinn dhuinn
  • Os cionn an t-saoghail thruaigh;
  • Gur sona iad fhuair eòlas ort,
  • 'S len còmhnaich thu gu buan –
  • 'S ann tromhad tha na sòlasan
  • Tha 'n Tìr na Glòire shuas.
  • 'S tu phàirticheadh gu h-èifeachdach
  • Rinn gnè nam flaitheas àrd;
  • An àite greann na h-eucorach
  • Bhiodh maise 's sgèimh nan gràs;
  • 'S tu sheargadh gnè na truaillidheachd
  • 'S a nuadhaicheadh ar càil;
  • 'S tu thogadh chum nan nèamhan sinn
  • Le tarraing threun do ghràidh.
  • O Spioraid chaoimh nan gràsalachd,
  • Nam biodh tu tàmh nar còir,
  • 'S tu dh'fhuasgladh oirnn 's a shlànaicheadh
  • An dream tha cnàmh fo leòn;
  • 'S tu thogadh crìdh' nam bantraichean
  • Gu seinn le aiteas mòr,
  • 'S nach fàgadh gu neo-choibhneil iad
  • An gainntir dorch a' bhròin.
  • 'S tu mhùchadh teine 'n nàmhaideis
  • 'S an t-sùil as gràinde colg;
  • 'S tu rèiticheadh 's a chiùinicheadh
  • A' mhala bhrùideil dhorch;
  • 'S tu thogadh neul na h-aingidheachd
  • Bharr gnùis nan aintighearn' borb
  • 'S a bheireadh gionach saidhbhreis uap'
  • 'S gach aimhleas tha nan lorg.
  • Ach 's eagal leam gun d' thrèig thu sinn
  • 'S do nèamh gun d' theich thu suas –
  • Tha daoin' air fàs cho eucorach
  • 'S do ghnè-sa fada uap';
  • Tha seiche ghreannach fèinealachd
  • Gan eudachadh mun cuairt –
  • Chan eòl dhomh aon nì reubas e
  • Ach saighead Dhè nan sluagh.
  • A shaoghail, 's fada tuathal thu
  • On uair sin anns na thrèig
  • Do charthannas is d' uaisleachd thu,
  • 'S a ghabh thu Fuath is Breug;
  • Mar inneal-ciùil neo-cheòlmhor dhut,
  • Gun teud an òrdugh rèidh,
  • Cha seinn thu pong le òrdalachd
  • 'S cha deòin leat dol air ghleus.
  • Gur leatsa neart nan aintighearnan
  • Is gèimhlichean nan tràill;
  • Gur leat guth treun nan ainneartach
  • 'S guth fann an fhir tha 'n sàs;
  • Gur leatsa spìd is uabharrachd
  • An t-sluaigh tha 'n ionad àrd,
  • 'S a mheasas cho mì-fhiùghail sinn
  • Ri sgùileach air an tràigh.
  • Gur leat an creideamh buaireasach
  • A dhùisgeas gruaim is greann,
  • An creideamh nach dèan suairce sinn
  • 'S nach dèan ar n-uabhar fann;
  • An creideamh th' aig na diadhairean
  • Lem miann a' chòmhstri theann –
  • Nan làimh-san dh'fhàs a' Chrìosdalachd
  • Mar bhiast nan iomadh ceann.
  • An searmonaiche prèisgeil ud,
  • 'S ann dh'èigheas e le sgairt
  • Gur mallaicht' sinn mur èisdear leinn
  • Ra chreud-san - an tè cheart;
  • An àite bhith sìor èigheach rinn
  • Mur dleasdanas 's gach beart,
  • A dhèanamh daoine cèillidh dhinn
  • An làthair Dhè nam feart.
  • O Charthannais, gur h-àlainn thu,
  • A ghràis as àirde luach!
  • Ach 's lìonmhor nach toir àite dhut
  • Gu bràth nan cridhe cruaidh.
  • Nan deònaicheadh a' cheòlraidh dhomh
  • Mo chomas beòil car uair,
  • Gun innsinn pàirt de ghnìomharan
  • Nam biast thug dhutsa fuath.
  • Cha robh do ghnè-s' an Dòmhnall bochd,
  • Am fear bu rògaich goill,
  • Bha 'n dùil gum biodh gach Leòdhasach
  • Air fhògaradh don choill;
  • Ach phàigh e pàirt de dhò-bheartan
  • Is gheibh e 'n còrr a thoill –
  • Gun aithnich e gu dòrainneach
  • Gur feàrr a' chòir na 'n fhoill.
  • Cha robh do ghnè-s' a' riaghladh
  • Ann am broilleach iarainn cruaidh
  • Nam bàillidhean 's nan tighearnan
  • Chuir sìos an tìr mu thuath;
  • Bu charthannach na fàrdaichean
  • Bha seasgair, blàth innt' uair,
  • 'S tha tìr nan daoine còire 'n-diugh
  • Na fàsach dòbhaidh truagh.
  • Gun chuir iad fo na naosgaichean
  • An tìr a b' aoigheil sluagh;
  • Gun bhuin iad cho neo-dhaonndachail
  • Ri daoine bha cho suairc';
  • A chionn nach faodte 'm bàthadh,
  • Chaidh an sgànradh thar a' chuain –
  • Bu mhiosa na bruid Bhàbiloin
  • An càradh sin a fhuair.
  • A Bhreatainn, tha e nàrach dhut,
  • Ma dh'àirmhear ann do sgeul
  • Gun bhuin thu cho mi-nàdarrach
  • Rid fhìor-shliochd àlainn fhèin –
  • An tìr bha aig na gaisgich ud
  • A theasairg thu nad fheum,
  • A thionndadh ga blàr-spòrsa
  • Do na stròidhealaich gun bheus.
  • Nach dìblidh cliù ar mòr-uaislean,
  • Na fir as neònaich' mèinn –
  • Carson a tha iad mòr-chùiseach,
  • 'S iad beò air spòrs gun chèill?
  • Nan còmhdaicheadh na ruadh-chearcan
  • Lem buachar uachdar slèibh,
  • 'S e siud a b' fheàrr a chòrdadh riu
  • Na sràidean òir air nèamh.
  • O, criothnaich measg do shòlasan.
  • Fhir fhòirneirt làidir chruaidh!
  • Dè 'm bàs no 'm pian a dhòirtear ort
  • Airson do leòn air sluagh?
  • 'S e osnaich bhròin nam bantraichean
  • Tha sèid do shaidhbhries suas;
  • Gach cupan fìon a dh'òlas tu,
  • 'S e deòir nan ainnis truagh.
  • Ged thachradh oighreachd mhòr agad
  • 'S ged ghèill na slòigh fod smachd,
  • Tha 'm bàs is laghan geur aige,
  • 'S gum feum thu gèill da reachd;
  • Siud uachdaran a dh'òrdaicheas
  • Co-ionann còir gach neach,
  • 'S mar oighreachd bheir e lèine dhut,
  • 'S dà cheum de thalamh glas.
  • 'S e siud as deireadh suarach dhut,
  • Thus', fhir an uabhair mhòir,
  • Led shumanan 's led bhàirlinnean
  • A' cumail chàich fo bhròn;
  • Nuair gheibh thu 'n oighreachd shàmhach ud,
  • Bidh d' àrdan beag gu leòr;
  • Cha chluinnear trod a' bhàillidh ann
  • 'S cha chuir maor grànd' air ròig.
  • 'N sin molaidh a'chnuimh shnàigeach thu,
  • Cho tàirceach 'sa bhios d' fheòil,
  • Nuair gheibh i air do chàradh thu
  • Gu sàmhach air a bòrd;
  • Their i, "'S e fear mèath tha 'n seo
  • Tha math do bhiast nan còs,
  • On rinn e caol na ceudan
  • Gus e fhèin a bhiathadh dhòmhs'."

Spiorad a' Charthannais

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Dè an teachdaireachd a th' anns a' bhàrdachd?

Uill, tha e a' cantainn ris an duine: ge b' e air bith dè gheibh thu as an t-saoghal, tha e dol a thighinn gu crìch dhut agus -

"Tha 'm bàs is laghan geur aige, 'S gum feum thu gèill da reachd; Siud uachdaran a dh'òrdaicheas Co-ionann còir gach neach, 'S mar oighreachd bheir e lèine dhut, 'S dà cheum de thalamh glas."

'S e sin uile a th' agad dhan an t-saoghal agus mur a bheil thu air feum a dhèanamh dhe ann an dòigh cheart, ann an dòigh charthannach, cha bhi an còrr agad dhe. Agus cuideachd, mar gum biodh buille tàmailt aig deireadh na cùise. Tha e a' cantainn -

"'N sin molaidh a'chnuimh shnàigeach thu, Cho tàirceach 'sa bhios d' fheòil, Nuair gheibh i air do chàradh thu Gu sàmhach air a bòrd; Their i, "'S e fear mèath tha 'n seo Tha math do bhiast nan còs, On rinn e caol na ceudan Gus e fhèin a bhiathadh dhòmhs'."

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Mac a' Ghobhainn

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.