19mh linn / Iain Mac a' Ghobhainn

Am Bàrd

Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn ann an Iarsiadair ann an Ùig Leòdhais ann an 1848.


B' e athair Pàdraig Fhearchair a bha na thuathanach air tuathanas Iarsiadair, agus b' i a mhàthair Seònaid Mhurchaidh à Tàcleit ann am Beàrnaraigh Leòdhais.


An dèidh an sgoil fhàgail, chaidh e a dh'Oilthigh Dhùn Èideann gus ceum dotaireachd a thoirt a-mach, agus bha e ann fad còig bliadhna, ach b' eudar dha tilleadh a Leòdhas air sgàth 's droch shlàinte – bha e a' fulang leis a' chaitheamh.


A dh'aindeoin seo, bha e air oideachadh math agus farsaing fhaighinn san oilthigh; bha e mothachail gu robh foghlam-sgoile nas fharsainge air a bhith aig na h-oileanaich eile agus rinn e oidhirp gus na beàrnan san ionnsachadh aige fhèin a lìonadh.


Bha e na dheagh sgoilear Laidinn, agus rinn e tòrr leughaidh ann an litreachas agus eachdraidh, a bharrachd air an rannsachadh a rinn e airson a' cheum aige. A rèir coltais, dh'obraich e cho cruaidh 's gu robh a charaidean a' toirt rabhadh dha gun robh e dol a dhèanamh cron air fhèin.


Chuir e seachad nan seachd bliadhnachan mu dheireadh de bheatha ann an Leòdhas. Cha robh e ach 33 bliadhna a dh'aois nuair a bhàsaich e ann an 1881.


Dh'fhàg Mac a' Ghobhainn mu 1540 sreath de bhàrdachd, rud a tha na iongnadh nuair a smaoinichear air na bliadhnaichean a chuir e seachad ag ionnsachadh, a dhroch shlàinte na dhuine òg, agus a bhàs tràth aig 33 bliadhna a dh' aois.


Latha-breith:

1848

Àite:

Iarsiadair ann an Ùig Leòdhais

Foghlam:

Sgoil Chrùlabhaig ann an Ùig

Àrd-sgoil Steòrnabhaigh

Oilthigh Dhùn Èideann

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

A' beachdachadh air a' bhàrd

Uill, tha seòrsa de bheachd againn air.. bhon bhàrdachd aige gur e duine a bha dealasach a bh' ann agus cuideachd gu robh fealla.. cha b' e duine cumhang a bh' ann na inntinn, agus cha b' e, ann an seagh sòisealta, neo ann an seagh oideachaidh, agus mar a bha mi a' cantainn ron seo, rinn e mòran oideachadh air fhèin, 's tha sin a' sealltainn as a' bhàrdachd aige.

Cuideachd tha iomradh againn gur e duine, eil fhios 'ad, dibhearsanach a bh' ann a bhiodh a' dol am measg dhaoine 's a bhiodh a' gabhail amhrain, 's a' dèanamh feadhainn e fhèin.

Tha fhios againn bhon a' bhàrdachd gum biodh e a' dèanamh luinneagan dha na daoine a bha timcheall air – bhiodh e togail inntinn 's ga leagail uaireannan, agus tha a' bhàrdachd sin glè choltach ri bàrdachd na coimhearsnachd a bha ann.

Chan eil fhios agamsa mu dheidhinn an rud a bha ann roimhe, ach an rud a bh' ann as an àm sin fhèin, eil fhios 'ad, rudan a bhathas a' togail anns a' choimhearsnachd, 's a' dèanamh còmhradh mun dheidhinn, 's daoine a bha annasach, bhitheas a' dèanamh luinneagan mun dheidhinn 's a leithid sin a' rud.

Agus cuideachd, tha iomradh againn air, ann an dàn a sgrìobh fear an t-Acha Mhòr, Iain MacAoidh, a bha a' cantainn, bha 'n teaghlach acasan air a bhith timcheall air Beàrnaraigh agus chaidh iad gun Acha Mhòr timcheall air 1820 no mar sin. 'S tha esan a' cantainn, anns an dàn a bha seo, Sealladh bho Eitseal, gu robh e, gum faiceadh tu Bheàrnaraigh às a' sin, agus gu robh cuimhne aige air mar a bhiodh e dol air an aiseig a-null còmhla ri Ùisdean, 's e sin uncle do Sheonaidh Phàdraig a bha dèanamh aiseig às a dhèidh, agus gum biodh Seonaidh Phàdraig còmhla ris a' seòladh an eathar 's gum biodh e gabhail amhrain, 's gum biodh e seinn, 's gum biodh e dèanamh dibhearsain, agus gur e sin a chuimhne a bh' aigesan air.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.