19mh linn / Iain Mac a' Ghobhainn

Am Bàrd

Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn ann an Iarsiadair ann an Ùig Leòdhais ann an 1848.


B' e athair Pàdraig Fhearchair a bha na thuathanach air tuathanas Iarsiadair, agus b' i a mhàthair Seònaid Mhurchaidh à Tàcleit ann am Beàrnaraigh Leòdhais.


An dèidh an sgoil fhàgail, chaidh e a dh'Oilthigh Dhùn Èideann gus ceum dotaireachd a thoirt a-mach, agus bha e ann fad còig bliadhna, ach b' eudar dha tilleadh a Leòdhas air sgàth 's droch shlàinte – bha e a' fulang leis a' chaitheamh.


A dh'aindeoin seo, bha e air oideachadh math agus farsaing fhaighinn san oilthigh; bha e mothachail gu robh foghlam-sgoile nas fharsainge air a bhith aig na h-oileanaich eile agus rinn e oidhirp gus na beàrnan san ionnsachadh aige fhèin a lìonadh.


Bha e na dheagh sgoilear Laidinn, agus rinn e tòrr leughaidh ann an litreachas agus eachdraidh, a bharrachd air an rannsachadh a rinn e airson a' cheum aige. A rèir coltais, dh'obraich e cho cruaidh 's gu robh a charaidean a' toirt rabhadh dha gun robh e dol a dhèanamh cron air fhèin.


Chuir e seachad nan seachd bliadhnachan mu dheireadh de bheatha ann an Leòdhas. Cha robh e ach 33 bliadhna a dh'aois nuair a bhàsaich e ann an 1881.


Dh'fhàg Mac a' Ghobhainn mu 1540 sreath de bhàrdachd, rud a tha na iongnadh nuair a smaoinichear air na bliadhnaichean a chuir e seachad ag ionnsachadh, a dhroch shlàinte na dhuine òg, agus a bhàs tràth aig 33 bliadhna a dh' aois.


Latha-breith:

1848

Àite:

Iarsiadair ann an Ùig Leòdhais

Foghlam:

Sgoil Chrùlabhaig ann an Ùig

Àrd-sgoil Steòrnabhaigh

Oilthigh Dhùn Èideann

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Dealbh air beatha a' bhàird

Rugadh e ann an 1848 agus bhàsaich e nuair a bha e 33 ann an 1881. Rugadh e ann an Iarsiadair, 's ann aig athair a bha taca Iarsiadair agus sin far an deach a thogail. 'S ann à Tacaleit ann am Beàrnaraigh a bha a mhàthair agus cha robh i fhèin agus athair pòsta agus thug iad am balach a-steach a thaigh athair, a thaigh an taca, agus chaidh a mhàthair a-null a Chanada bliadhna no dhà às dèidh sin.

Chan eil fhios 'am, chan eil e glè fhurasta faighinn a-mach dìreach dè mar a bha na cùisean sin ag obrachadh, ach sin an rud a thachair co-dhiù, 's chaidh esan a thogail, fhuair iad muime dha, agus chaidh a toirt a-steach còmhla riutha agus chaidh esan a thogail as an dachaigh sin. Bha piuthar athair a' coimhead às a dhèidh, 's i bean an taighe, tha mi smaoineachadh, anns an taigh, 's bha i gu math cruaidh air an obair sin cuideachd tha e coltach.

A thaobh co ris a thachair e nuair a bha e glè òg, tha fhios gur e sin an teaghlach. Tha fhios cuideachd gun thachair e ris a' choimhearsneachd bhon cha robh, mar a tha e a' cantainn ann an àite no dhà sa bhàrdachd, cha robh seòrsa dealachadh a thàinig a-rithist eadar fear-taca agus an sluagh, an fheadhainn a bha ag obair an fhearainn, cha robh an leithid sin a dhealachadh ag obrachadh aig an àm a rèir choltais. Ach tha fhios gun d'fhuair e cothroman nach d'fhuair mòran dha na daoine a bhuineadh dha timcheall air aig an àm sin.

Nuair a chaidh e dhan an sgoil, bha e math, math air an sgoil a thogail agus às dèidh sin chaidh e dhan a' sgoil ann an Steòrnabhagh, an dèidh bhith ann an Sgoil Chrùlabhaig, chaidh e a Sgoil Steòrnabhaigh agus às an sin, an ceann ùine, chaidh e a Dhùn Èideann airson ionnsachadh a bhith na dhotair. Agus nuair a bha e an sin, chuir e roimhe gun oidicheadh e e-fhèin na bu leotha abair na bha aige. Bha e mothachail nach robh an oideachadh a fhuair e gu ruige sin, nach robh e coltach ris an seòrsa oideachadh a bh' aig mòran dhen an fheadhainn a bha còmhla ris anns an oilthigh, agus bha e airson gum biodh e suas riutha. Tha a bhàrdachd a' sealltainn gu robh eòlas aige air eachdraidh is air lìtreachas gu ìre, agus cuideachd tha feadhainn dhe na bha còmhla ris san oilthigh, mar Iain MacLeòid a chuir a' bhàrdachd aige an eagar an toiseach ann am Bàrdachd Leòdhais, ag innse dhuinn gu robh e dealasach a thaobh e fhèin oideachadh agus gur dòcha gur e sin a thug briseadh as an t-slàinte aige air a' cheann thall.

Nise, chan eil sinn builleach cìnnteach cuin a chaidh e a Dhùn Èideann, dè a' bhliadhna, no cuin a thàinig e air ais dhachaigh, ach chan eil cunntas air gu robh e aig an taigh fhad 's a bha e air falbh. Chan eil fhios againn nach robh, ach chan eil cunntas air gun robh. Nuair a thill e dhachaigh, 's ann bhon a bha a shlàinte air briseadh, agus cha robh e glè fhada beò. Tha fhios gu robh e timcheall air 5 bliadhna, thathas a' cumail a-mach, aig an taigh, an dèidh dha tìlleadh, mus do bhàsaich e. Bhàsaich e leis a' chaitheamh ann an 1881.

Air adhart gu

Cuspairean

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.