20mh linn / Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Cuspairean

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn


Tha Iain Mac a' Ghobhainn ainmeil mar fhear-sgrìobhaidh bàrdachd, rosg agus dràma ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Anns a' bhàrdachd Ghàidhlig aige, tha e a' ruith air grunn chuspairean, leithid: an t-eilean agus an dòigh-beatha anns an do thogadh e ach o bheil e a' gluasad nas fhaide is nas fhaide air falbh; san fharsaingeachd mar a tha dòighean traidiseanta agus ùra a' tighinn a rèir a chèile; creideamh; feallsanachd mu nàdar an duine agus obair na h-inntinn; nàdar na bàrdachd agus ceàird an sgrìobhaiche; agus an aois, gu h-àraidh tro eisimpleir aon sheann bhoireannach (a mhàthair).


Tha Mac a' Ghobhainn an còmhnaidh a' strì gus faighinn gu cridhe cuspair agus gus an fhìrinn innse às aonais na loinne a chuireas na seann bhàird, na meadhanan no am mòr-shluagh oirre. Mar eisimpleir, bhiodh na seann bhàird a' coimhead air an àite dham buineadh iad mar àite gun chearb agus a' caoidh gun robh aca ri fhàgail ach tha Mac a' Ghobhainn ag ràdh nach eil an gnothach an còmhnaidh cho sìmplidh ri sin. Cuideachd tha e a' cur ceist anns an dealbh a gheibh sinn air an t-saoghal on TV agus a leithid. An e sin 'an fhìrinn' no an e dìreach 'saoghal shanasan-reice' no 'saoghal pàipeir' a tha ann? Tha e airson dealbh a thoirt air an t-saoghal mar a tha e.


Tha dibhearsain na bhàrdachd cuideachd. Tha tòrr a' tighinn o bhith a' cur ìomhaighean ùra agus aosta an lùib a chèile. Mar eisimpleir, 'clachan Woolworth anns a' bhàgh'.


Tha samhlaidhean a' ruith tro bhàrdachd Mhic a' Ghobhainn. Tha cuid de na dàin aige a tha domhainn agus anns a bheil tòrr susbaint ach tha an cànan a tha e a' cleachdadh an ìre mhath sìmplidh mar as trice. Tha e tric a' cleachdadh rannaigheachd le coltas traidiseanta aguvs a' cur feum air comhardadh, ach chan eil an rannaigheachd aige teann agus faodaidh i uaireannan leughadh mar còmhradh. Uaireannan bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd.


Teacsa

Carson a tha e tric a' cleachdadh ìomhaigh seann bhoireannach?

Tha sin a' tachart anns a' bhàrdachd agam mar a tha thu ag ràdh agus tha e a' tachairt anns an nobhail sin ceart gu leòr. Chan eil fhios 'am dè as coireach dhan sin. Tha mi a' smaoineachadh ann an dòigh gur e aon rud as coireach ris, nuair a bha mi a' fàs suas ann an Leòdhas aig àm a' chogaidh, bha an dà chuid ann, bha an fheadhainn òg ann agus bha an fheadhainn aosta ann agus an fheadhainn mheadhanach, cha robh iad ann, bha iad anns a' chogadh. Agus air an adhbhar sin tha mi a' smaoineachadh gum bithinn a' coimhead tòrr a bharrachd dhe na daoine aosta, no bruidhinn ri na daoine aosta, na b' àbhaist dhomh mura biodh cogadh air a bhith ann. Ach cuideachd, bha mo mhàthair ann, bha creideamh làidir aice-se agus bhithinn ga sgrùdadh-se glè thric agus an ginealach às an tàinig i. Agus ged a bha iad, tha mi a' smaoineachadh cumhang nan creideamh, bha iad làidir cuideachd.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.