20mh linn / Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Cuspairean

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn


Tha Iain Mac a' Ghobhainn ainmeil mar fhear-sgrìobhaidh bàrdachd, rosg agus dràma ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Anns a' bhàrdachd Ghàidhlig aige, tha e a' ruith air grunn chuspairean, leithid: an t-eilean agus an dòigh-beatha anns an do thogadh e ach o bheil e a' gluasad nas fhaide is nas fhaide air falbh; san fharsaingeachd mar a tha dòighean traidiseanta agus ùra a' tighinn a rèir a chèile; creideamh; feallsanachd mu nàdar an duine agus obair na h-inntinn; nàdar na bàrdachd agus ceàird an sgrìobhaiche; agus an aois, gu h-àraidh tro eisimpleir aon sheann bhoireannach (a mhàthair).


Tha Mac a' Ghobhainn an còmhnaidh a' strì gus faighinn gu cridhe cuspair agus gus an fhìrinn innse às aonais na loinne a chuireas na seann bhàird, na meadhanan no am mòr-shluagh oirre. Mar eisimpleir, bhiodh na seann bhàird a' coimhead air an àite dham buineadh iad mar àite gun chearb agus a' caoidh gun robh aca ri fhàgail ach tha Mac a' Ghobhainn ag ràdh nach eil an gnothach an còmhnaidh cho sìmplidh ri sin. Cuideachd tha e a' cur ceist anns an dealbh a gheibh sinn air an t-saoghal on TV agus a leithid. An e sin 'an fhìrinn' no an e dìreach 'saoghal shanasan-reice' no 'saoghal pàipeir' a tha ann? Tha e airson dealbh a thoirt air an t-saoghal mar a tha e.


Tha dibhearsain na bhàrdachd cuideachd. Tha tòrr a' tighinn o bhith a' cur ìomhaighean ùra agus aosta an lùib a chèile. Mar eisimpleir, 'clachan Woolworth anns a' bhàgh'.


Tha samhlaidhean a' ruith tro bhàrdachd Mhic a' Ghobhainn. Tha cuid de na dàin aige a tha domhainn agus anns a bheil tòrr susbaint ach tha an cànan a tha e a' cleachdadh an ìre mhath sìmplidh mar as trice. Tha e tric a' cleachdadh rannaigheachd le coltas traidiseanta aguvs a' cur feum air comhardadh, ach chan eil an rannaigheachd aige teann agus faodaidh i uaireannan leughadh mar còmhradh. Uaireannan bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd.


Teacsa

Carson a bha e a' sgrìobhadh barrachd ann am Beurla?

Bho chionn grunn math bhliadhnaichean air ais, bha mi a' sgrìobhadh sgeulachdan goirid ann an Gàidhlig agus tha mi a' smaoineachadh gur e na sgeulachdan goirid ann an Gàidhlig an rud as fheàrr a sgrìobh mi ann an Gàidhlig. Ach bho chionn dhà no thrì bhliadhnaichean an seo chan eil mi a' sgrìobhadh uimhir ann an Gàidhlig 's a tha mi a' sgrìobhadh ann am Beurla. 'S e rud duilich tha seo ann an dòigh ach tha mi a' smaoineachadh nuair a bhios duine a-mach às an eilean, 's nach eil e a' bruidhinn na Gàidhlig gu làitheil 's gu tric, gu bheil am blas ga fhàgail ann an dòigh agus bha eagal orm, is bha eagal orm fad mo bheatha ann an dòigh cuideachd, nach robh blas na Gàidhlig a' tighinn air na rudan a bha mi a' sgrìobhadh agus gu robh blas Beurla a' tighinn orra. Agus mar as fhaide a bha mi air falbh à Leòdhas agus às na h-àitichean anns an robh a' Ghàidhlig ga bruidhinn, gu robh seo 's mathaid a' dol na bu mhiosa fad na tìde.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.