20mh linn / Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Cuspairean

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn


Tha Iain Mac a' Ghobhainn ainmeil mar fhear-sgrìobhaidh bàrdachd, rosg agus dràma ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Anns a' bhàrdachd Ghàidhlig aige, tha e a' ruith air grunn chuspairean, leithid: an t-eilean agus an dòigh-beatha anns an do thogadh e ach o bheil e a' gluasad nas fhaide is nas fhaide air falbh; san fharsaingeachd mar a tha dòighean traidiseanta agus ùra a' tighinn a rèir a chèile; creideamh; feallsanachd mu nàdar an duine agus obair na h-inntinn; nàdar na bàrdachd agus ceàird an sgrìobhaiche; agus an aois, gu h-àraidh tro eisimpleir aon sheann bhoireannach (a mhàthair).


Tha Mac a' Ghobhainn an còmhnaidh a' strì gus faighinn gu cridhe cuspair agus gus an fhìrinn innse às aonais na loinne a chuireas na seann bhàird, na meadhanan no am mòr-shluagh oirre. Mar eisimpleir, bhiodh na seann bhàird a' coimhead air an àite dham buineadh iad mar àite gun chearb agus a' caoidh gun robh aca ri fhàgail ach tha Mac a' Ghobhainn ag ràdh nach eil an gnothach an còmhnaidh cho sìmplidh ri sin. Cuideachd tha e a' cur ceist anns an dealbh a gheibh sinn air an t-saoghal on TV agus a leithid. An e sin 'an fhìrinn' no an e dìreach 'saoghal shanasan-reice' no 'saoghal pàipeir' a tha ann? Tha e airson dealbh a thoirt air an t-saoghal mar a tha e.


Tha dibhearsain na bhàrdachd cuideachd. Tha tòrr a' tighinn o bhith a' cur ìomhaighean ùra agus aosta an lùib a chèile. Mar eisimpleir, 'clachan Woolworth anns a' bhàgh'.


Tha samhlaidhean a' ruith tro bhàrdachd Mhic a' Ghobhainn. Tha cuid de na dàin aige a tha domhainn agus anns a bheil tòrr susbaint ach tha an cànan a tha e a' cleachdadh an ìre mhath sìmplidh mar as trice. Tha e tric a' cleachdadh rannaigheachd le coltas traidiseanta aguvs a' cur feum air comhardadh, ach chan eil an rannaigheachd aige teann agus faodaidh i uaireannan leughadh mar còmhradh. Uaireannan bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd.


Teacsa

Cuin a thòisich e a' sgrìobhadh?

Thòisich mi a' sgrìobhadh an toiseach aig aon-bliadhna deug. Cha b' e sgrìobhadh a bh' ann... 'S e thachair, dhùisg mi a' mhadainn a bha seo agus thòisich mi a' cur a-mach, gun sgrìobhadh sìos idir, a' bhàrdachd a bha seo mu dheidhinn Neville Chamberlain thall san Roinn Eòrpa. Bhiodh e a' falbh leis an umbrella a bha seo, 's bhiodh e a' coinneachadh ri Hitler 's bhiodh an umbrella aige. Chan eil fhios 'am an ann airson sabaid ri Facism a bha an umbrella a bha seo, no nach ann! Bhiodh ad dhubh air is umbrella aige. Chan eil fhios 'am dè bu choireach gun thachair seo, ach b' ann ann an Gàidhlig a bha e cuideachd. Cha robh càil a dh'fhios 'am co às a thàinig e 's cha robh fios aig duine eile. Cha robh bàrd anns an teaghlach no càil.

Ach a bharrachd air an sin, bha notebook mòr agam agus bhithinn a' sgrìobhadh tòrr, gu h-àraidh sa Bheurla. Cha bhithinn ga shealltainn dha duine sam bith. Na tidsearan a bh' againn aig an àm ud, cha b'urrainn dhut càil sam bith a shealltainn dhaibh. Shaoil mise gu robh iad uabhasach gruamach 's gum biodh an obair agad glan, ach nach robh iad uabhasach airson 's gum biodh an stuth agad creative.

Martainn Dòmhnallach: Càite an robh seo, sa bhun-sgoil?

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn: 'S ann, anns a' bhun-sgoil. Aig aon-bliadhna deug bhithinn fhathast ann an Sgoil Phabail.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.