20mh linn / Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Cuspairean

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn


Tha Iain Mac a' Ghobhainn ainmeil mar fhear-sgrìobhaidh bàrdachd, rosg agus dràma ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Anns a' bhàrdachd Ghàidhlig aige, tha e a' ruith air grunn chuspairean, leithid: an t-eilean agus an dòigh-beatha anns an do thogadh e ach o bheil e a' gluasad nas fhaide is nas fhaide air falbh; san fharsaingeachd mar a tha dòighean traidiseanta agus ùra a' tighinn a rèir a chèile; creideamh; feallsanachd mu nàdar an duine agus obair na h-inntinn; nàdar na bàrdachd agus ceàird an sgrìobhaiche; agus an aois, gu h-àraidh tro eisimpleir aon sheann bhoireannach (a mhàthair).


Tha Mac a' Ghobhainn an còmhnaidh a' strì gus faighinn gu cridhe cuspair agus gus an fhìrinn innse às aonais na loinne a chuireas na seann bhàird, na meadhanan no am mòr-shluagh oirre. Mar eisimpleir, bhiodh na seann bhàird a' coimhead air an àite dham buineadh iad mar àite gun chearb agus a' caoidh gun robh aca ri fhàgail ach tha Mac a' Ghobhainn ag ràdh nach eil an gnothach an còmhnaidh cho sìmplidh ri sin. Cuideachd tha e a' cur ceist anns an dealbh a gheibh sinn air an t-saoghal on TV agus a leithid. An e sin 'an fhìrinn' no an e dìreach 'saoghal shanasan-reice' no 'saoghal pàipeir' a tha ann? Tha e airson dealbh a thoirt air an t-saoghal mar a tha e.


Tha dibhearsain na bhàrdachd cuideachd. Tha tòrr a' tighinn o bhith a' cur ìomhaighean ùra agus aosta an lùib a chèile. Mar eisimpleir, 'clachan Woolworth anns a' bhàgh'.


Tha samhlaidhean a' ruith tro bhàrdachd Mhic a' Ghobhainn. Tha cuid de na dàin aige a tha domhainn agus anns a bheil tòrr susbaint ach tha an cànan a tha e a' cleachdadh an ìre mhath sìmplidh mar as trice. Tha e tric a' cleachdadh rannaigheachd le coltas traidiseanta aguvs a' cur feum air comhardadh, ach chan eil an rannaigheachd aige teann agus faodaidh i uaireannan leughadh mar còmhradh. Uaireannan bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd.


Teacsa

Am bàrd ag innse mu bhith a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig

Sgrìobh mise sgeulachd mu dheidhinn nuclear bomb agus is ann mu dheidhinn am President Ameireaganach a bha seo. Agus bha am President Ameireaganach a bha seo a' smaoineachadh air dè bha dol a thachairt nuair a thigeadh nuclear bomb - bha e dol a thoirt seachad an òrdugh 's bha na fònaichean air a bheulaibh is dh'fheumadh e am fear dearg seo a phutadh. Bha e a' smaoineachadh mu dheidhinn a bhean.. a mhnatha... is mu dheidhinn a theaghlach is a h-uile càil a bha seo...

Is bha daoine ag ràdh riumsa, chan eil gnothaich sam bith aige seo ris a' Ghàidhlig. Dè an gnothaich a th' aig a' Ghàidhlig ri American President? Agus dealbh-chluich a rinn mi mu dheidhinn Troy bho chionn bliadhnaichean, bheil fhios agad na rudan a bha a' tachairt ann an Troy bho chionn bliadhnaichean mòra air ais. 'S bha iad ag ràdh, chan eil còir againne a bhith a' sgrìobhadh mu dheidhinn nan rudan sin ann. Uill, chan eil mise a' dol le sin idir.

Tha mise a' smaoineachadh gum bu chòir dhan a' Ghàidhlig rud sam bith a dhèanamh. Mas urrainn dhan a' Bheurla feuchainn ri rud sam bith a dhèanamh, mas urrainn do chuideigin can coltach ri Forster sgrìobhadh mu dheidhinn nan Innseachan ann am A Passage to India, carson nach fhaod sinne sgrìobhadh mu dheidhinn rudan a tha a' dol air adhart anns an t-saoghal. Ma tha sinn ag iarraidh sgrìobhadh mu dheidhinn Vietnam, carson nach sgrìobh sinn mu dheidhinn Vietnam. Bha mise a' smaoineachadh sin a-riamh.

Air adhart gu

Bàrdachd

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.