20mh linn / Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Beachdan

Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Iain Crichton Mac a' Ghobhainn, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.

MacThòmais, R. (Am Foghar 1983) Selected Poems 1955-1980.

Gairm, 124, td. 379

" 'S ann mar sgrìobhaiche Gàidhlig as eòlaiche a tha luchd-leughaidh Gairm air Iain Mac a' Ghobhainn, agus tha e rudeigin neònach nach eil dad den bhàrdachd Ghàidhlig aige anns an leabhar seo, ged a tha rud math ann a tha air eadar-theangachadh bho Ghàidhlig (Bìobuill is Sanasan-reice, air fhoillseachadh le Gairm ann an 1965, agus Eadar Fealla-dhà is Glaschu, air fhoillseachadh le Roinn nan Cànan Ceilteach, Glaschu, ann an 1974). Cha bu chòir do dhuine breith a thoirt air a' bhàrdachd aige gun a bhith eòlach air obair anns an dà chànan oir tha obair anns a' Bheurla a' soilleireachadh obair anns a' Ghàidhlig, agus an rathad eile cuideachd...

A' leughadh an taghaidh seo bho obair chòig bliadhna fichead, chì duine nas soilleire na duail a th'innte. Tha mi am beachd gun tug Mac a' Ghobhainn deagh ùine mus do lorg e fhìor ghuth fhèin, agus gu bheil e dualtach an guth sin a leigeil gu làr a-rithist corra uair, ach tha e làn-aithnichte a-nis. Agus is dòcha gum faod sinn a ràdh gu robh fhèin-fhiosrachadh fhèin a' tighinn eadar e 's an guth sin an toiseach, tha e mar gum biodh eagal air e fhèin a chur na bhàrdachd, ged a bha i làn dheth, agus aig a' cheann thall tha an t-eagal sin a' falbh, 's tha a' bhàrdachd nas treise, agus a' buntainn nas motha ris an t-saoghal mhòr...

Nuair a bha e na b'òige bhiodh e a' cleachdadh cus shamhlaidhean, 's feadhainn dhiubh nach robh a' cosnadh an àite anns an dàn ("clutching his coat about him like an old iron", d.22) agus cha b'fhuilear do dhuine aig a bheil uiread de fhacail na cheann an ceannsachadh nas cruaidhe. Ach nach e facail meadhan a' bhàird; nach ann de fhacail a tha e air a dhèanamh, agus nuair a tha an smachd ceart aige orra tha iad cumhachdadh. Gheibh sinn an cruas sin ann an cuid de na dàin a rinn e na òige ("Home", d.24, leis a' ghràmar làn fhèithean, agus "Deer on the High Hills" – "The witty gun blazed from his knowing hand" – no "Old Woman", far a bheil na samhlaidhean a' cur ris a' chumhachd 's ris an aognaidheachd an àite bhith gan tolladh.

Tha meadaireachd a' bhàird sgileil, agus glè thric (mar eisimpleir ann an "Orpheus") air leth sgileil, le smachd a tha a' coimhead aotrom ach a tha ag iarraidh fìor aire an- còmhnaidh.

Tha saoghal farsaing anns an leabhar seo – a' Ghàidhealtachd, Glaschu, Alba, saoghal poilitigeach an là-an-diugh, litreachas sean agus ùr, nàdar an duine, bàs, gaol is feallsanachd: Is fhiach e tilleadh is tilleadh ann."

MacFhionnlaigh, F. (Am Foghar 1984) Na h-Eilthirich.

Gairm,128, td. 375

Na h-Eilthirich

"..san leabhar seo tha againn bàrdachd de fhìor àrd-inbhe.

Mar a bhios fios aig a' mhòr-chuid 's ann anns an nòs ùr a sgrìobhas Mac a' Ghobhainn, agus 's ann a-mach air mòr-chuspairean an là 'n diugh a tha e – easbhaidh bunait sheasmhaich dha na casan ann an saoghal cugallach diombuan; duilgheadasan a-thaobh ciall a dhèanamh dhen bheatha; oillt fa chomhair cumhachd neo-thruacanta tìme; ach gu h-àraidh faireachdainn lom de choimheachas a-thaobh an t-saoghail is dhaoine eile, 's e sin ri ràdh seòrsa de mhothachadh nach eil mar as trice fìor-choinneachadh eadar duine agus a chompanaich ach atharrais ao-domhainn air a' ghnothaich a dh'fhàgas neach aonarach fiù am meadhan rùm làn sluaigh. Agus togaidh Mac a' Ghobhainn a' cheist an fhiach bàrdachad sìon a leithid seo de shaoghal...

Faodaidh duine bhith na eilthireach chan ann a-mhàin thall thairis an Canada no Astràilia (cuspair ris a bheil cuid de na dàin seo a' dèiligeadh) ach eadhon na dhùthaich fhèin, agus na dhachaigh fhèin. Tha Mac a' Ghobhainn mothachail gu bheil iomadh beàrn air fhuasgladh na bheatha – beàrn eadar Leòdhas an là 'n-diugh is an Leòdhas ud a dh'fhàg e liuthad bliadhna air ais gus tìr-mòr a thoirt air; beàrn eadar sean is òg, beàrn eadar Gàidhlig is Beurla; beàrn eadar an dòigh a dh'obraicheas inntinn fhèin a-nis agus a dh' obraich i uair. 'S e an dànadas aig Mac a' Ghobhainn gun a bhith a' coimhead air na beàrnan a tha seo mar ghlacan iargalta gun ghrunnd ga bhacadh buileach ach mar bhealaichean ga threòrachadh gu tìrean ùra; agus 's ann ri linn eilthireachd coltais, air bun-stuth luachmhoir a chuid bàrdachd..."

Whyte, C. (An Geamhradh 1987-88) An t-Eilean agus an Cànan.

Gairm,141, td. 87

An t-Eilean agus an Cànan

"Tha Mac a' Ghobhainn a' dèiligeadh ris a' chànan ann am fichead dàn, agus ris an eilean ann an ceithir fichead agus a seachd. Is iad sin, tha mi smaoineachadh, na cuspairean as fhaisge ri a chridhe: a shuidheachadh fhèin, mar sgrìobhadair aig a bheil dà chànan, is gun esan comasach a dhìlse shlàn a thoirt do aon den dithis; agus an ceangal a th'aige ri muinntir an eilein a bha ga shàrachadh, agus bhon d' fhuair e às, ach nach fhaod e a dhìochuimhneachadh oir b'e sin saoghal a leanabais, an saoghal gun chiont san do fhreumhaicheadh a bhàrdachd...

Tha Mac a' Ghobhainn ag iarraidh sealladh is cuspairean is dòigh-sgrìobhaidh bàrdachd nan Gàidheal a leudachadh, ach feuchaidh e ri sin a dhèanamh ann an dòigh sònraichte. Tha a' Ghàidhlig a sgrìobhas e gu math tric neo-bhàrdail, air a truailleadh le faclan is pearsannan bho chultaran coigreach: "Cuin a chual tu 'oran gaoil fo verandah de Chouncil house?" Cumaidh e air gu bheil Gàidheil an latha an-diugh eòlach air dùthchannan is air mòr-thìrean eile: "Tha cuimhn 'am air Manitòba," ars esan... Ann an Edinburgh bidh sinn a' dol do restaurant Armenian... Aig Christmas bha mi fhìn is Sheila ann am Minorca...Tha a' mhòr-chuid den àbhachd a tha na beirm dhan leabhar uile a' tighinn bhon mheasgadh seo eadar saoghalan eadar-dhealaichte: "Nuair a thàinig mi mach do dheàrrsadh na grèine bha mi coltach ri John Wayne a' sgiùrsadh nam ministearan às mo rathad."

Mar a ghluaiseas e air adhart, tha "An t-Eilean" a' fàs nas suilbhire is nas calma. Tha bòidhchead àraid aig cuid de na rannan... agus tha ìomaighean os-fhìreach ann."

Meek, D. E. (2002) An Adhaigh na Sìorraidheachd?

Bàird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gàidhlig 2000. Oilthigh Obar Dheathain, Roinn na Ceiltis

"Tha Iain Mac a' Ghobhainn cuideachd a' beachdachadh air an dualchas agus tha ùidh mhòr aige anns a' chreideamh, ach chan eil e cho tric a' cur a' chreideimh is an dualchais còmhla chun na h-aon ìre, no a' rannsachadh a' cheangail a tha eatorra. Tha e a' toirt dhuinn sealladh eile, saoilidh mi, sealladh an fheallsanaich air a' chreideamh, agus anns an t-sealladh sin tha cùisean nas glaine 's nas geàrrte, nas fhaisg air an inntinn na tha iad air a' chridhe.

Tha dà shamhla ann am bàrdachd Mhic a' Ghobhainn a bhios a' nochdadh gu math tric nuair a tha e a-mach air a' chreideamh – na h-adan dubha, agus am Bìoball. Tha na h-adan dubha a' riochdachadh creideamh Clèireach Leòdhais, agus na h-èildearan a bhios a' riaghladh a' chreideimh sin; agus tha am Bìoball a' riochdachadh rian is òrdugh a' chreideimh, an còd (code) a tha air chùl a' ghnothaich air fad. Tha na h-adan dubha agus am Bìoball cunnartach am beachd Mhic a' Ghobhainn a chionn 's gu bheil iad a' feuchainn ri smachd is riaghailt a chur air an t-saoghal nàdarra."

Teacsa

Aonghas Pàdraig Caimbeul a' cuimhneachadh air a' bhàrd

Tha ùine mhòr o nach robh mi sa bhaile bheag seo, an t-Òban, a bha a' ciallachadh na h-uiread dhomh aig aon àm. 'S air latha fuar, fliuch, foghair mar a th' againn an-diugh, nach eil e smaoineachail gu bheil am baile nist a dhìth a leithid Ailig Iain MacLeòid, an t-Urramach Iain MacLeòid agus a-nise am bàrd àraid Iain Crichton Mac a' Ghobhainn, triùir Ghàidheal a bha cho aithnichte san aite. Tha am baile fhèin gun mòran spèis dhomh a-nise às an aonais.

Agus ann am priobadh na sùla, tha mi dà bhliadhna dheug a-rithist 's tha mi nam dheann ruith suas na staidhrichean ann an Àrd-sgoil an Òbain. Agus an uair sin an rùm àraid seo, rùm 10, far an robh e fhèin, an tidsear mìorbhaileach, am bàrd mòr, Iain Còir Crichton ga mo theagaisg.

'S nach iomadh uair a shuidh mi aig an deasc seo, anns a' chlas aige air chrith, 's mi a' feitheamh ri Macbeth, no Hamlet no King Lear tighinn thugam, 's mi a' cunntadh nan loidhnichean feuch 's cuin a bhiodh an turn agamsa ann, 's cia mheud sgoilear eile a bha ri leughadh fhathast mus fheumadh mise na briathran aithris a-mach nam briathran mòra...

'S e fhèin dìreach thall an sin le fiamh a' ghàire air aodann, gun d' fhuair cuideigin ceart e mu dheireadh thall, 's gu robh Gàidheal òg eile a' tighinn a-mach à bochdainn gu foghlam is oideachadh is bàrdachd is litreachas. Tapadh leat, Iain.

Agus Combie's Street. Cho tric 's a chunnaic mi e a' coiseachd sìos an seo na chòta clòimh 's na ad, 's an t-Albannach fo achlais a' dèanamh air an taigh, 's air a mhàthair. 'S na mìorbhailean a thàinig a-mach às a' chlobhsa bheag seo: An Dubh 's An Gorm, Bùrn is Aran, Consider the Lilies, seòbhrachan às a' chlaich, dha-rìribh, mar a thuirt am bàrd eile.

'S an uair sin, mìorbhail a' ghràidh, 's Donalda, 's mar a shocraich i aighear a' chridhe, 's mar a shèimhich e gu ciùineas na h-aois, an seo ann an Tigh an Uillt, na sgoilear, na bhàrd, na charaid 's na chomhairliche dha iomadh bàrd òg.

Cò a tha mi a' caoidh ma-thà, agus carson? Uill, anns a' chiad àite, tidsear, ceart gu leòr. Oh nan tuigeamaid cho bunaiteach 's a bha foghlam dha Iain. Oir saoilidh mise gu robh iarrtas ro mhòr na chridhe gun tigeadh ..deigheadh...mo leithid-sa, Gàidheal òg, oideachadh ann an litreachas mhòr an t-saoghail, oir chunnaic e mar a chaidh foghlam a ghoid bhuam agus bho ar cuideachd. Agus b' e fìor rùn a chridhe gum biodh sgoilearan òga, Gàidheil agus Goill, ri bàrdachd is nobhailean is litreachas is chan ann a bhith a' cladhadh dhìgean agus a bhith a' cutadh sgadain, mar a bha a mhàthair-san agus mo mhàthair-sa.

Bàrd cuideachd, tha sinn a' caoidh, agus chan e bàrd beag, bìodach ach fear mòr eadar-nàiseanta, a dh'aindeoin 's gun do ghiùlain e fhèin a thàlant mhòr le uimhir de dh'ioraslachd.

'S tha sinn a' caoidh caraid, am fear a chaidh a-steach a dh'fhìor mheadhan na coille agus a dh'fhuiling còmhla rinn. Fear a rinn waltz aig mo bhanais agus a sheinn An Eala Bhàn nas miosa na bàrd eile a tha beò.

Agus bidh sinn a' caoidh a ghàire, 's a gheansaidhean àraid, 's a phullover, 's na litrichean aig Murdo.

Os cionn uile, bidh mi a' caoidh cuideigin a chreid, a chreid da-rìribh ann am bàrdachd agus a thug ormsa creidsinn gu robh bàrdachd nas cudromaiche na poilitigs, na cinema, na telebhisean, na rud sam bith eile a bha mac an duine a' làimhseachadh.

Bidh mi ag ionndrainn cuideigin a thug urram agus onair do bhàrdachd.

Slàn leat, Iain. No mar a chanainn nuair a bha mi beag, agus a chanas mi fhathast, Mr Smith, Sir.

Air adhart gu

Ceanglaichean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.